Tha an goireas seo a’ co-roinn bheachdan practaigeach bho mheasgachadh de shuidheachaidhean ro-sgoile agus bun-sgoile gus taic a thoirt dhuibh ann am buileachadh Tràth Ìre Curraicealam airson Sàr-Mhathais.
Cuidichidh an goireas DVD seo sibh gus Foghlam tro mheadhon na Gàidhlig ath-bhreithneachadh an taobh a-staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais, meòrachadh air carson a tha an t-àm ann atharrachadh agus na luachan, rùintean agus prionnsabalan fhaighinn a-mach. Cuidichidh e sibh ann an dèanamh na feum as fheàrr de mhodhan gus ionnsachadh tron Ghàidhlig a dhèanamh nas cruthachaile, nas dùbhlanaiche, gnìomhach agus spòrsail.
Bheir sùil air an bhidio gu h-ìosal airson barrachd fhaighinn a-mach mun ghoireas seo.
Download Adobe Flash Player to watch the video online.
Tha an goireas seo a’ co-roinn bheachdan practaigeach bho mheasgachadh de shuidheachaidhean ro-sgoile agus bun-sgoile gus taic a thoirt dhuibh ann am buileachadh Tràth Ìre Curraicealam airson Sàr-Mhathais.
Cuidichidh an goireas DVD seo sibh gus Foghlam tro mheadhon na Gàidhlig ath-bhreithneachadh an taobh a-staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais, meòrachadh air carson a tha an t-àm ann atharrachadh agus na luachan, rùintean agus prionnsabalan fhaighinn a-mach. Cuidichidh e sibh ann an dèanamh na feum as fheàrr de mhodhan gus ionnsachadh tron Ghàidhlig a dhèanamh nas cruthachaile, nas dùbhlanaiche, gnìomhach agus spòrsail.
Bheir na stuthan a tha air an lìbhrigeadh san DVD seo taic do luchd-gnìomh, gnìomhachdan ionnsachaidh a phlanadh thar gach raoin den churraicealam.
Ciamar as urrainn dhuinn taic a chur ri agus dèiligeadh le feumalachdan fa leth gach neach a tha ag ionnsachadh tro mheadhon na Gàidhlig?
Ciamar is urrainn dhuinn clann ann am Foghlam tro mheadhon na Gàidhlig a bhrosnachadh san 21mh Linn? Ciamar a dh’obraicheas sinn tar-churraicealam gus cothrom a thoirt do gach pàiste an ìre comais as àirde a choileanadh?
Tha a’ mhòr-chuid de chloinn ag inntrigeadh Foghlam tro mheadhon na Gàidhlig bho chùl-dualchais Beurla, le fileantaich sa mhion-chuid.
Tha bogadh ann an cànan a bharrachd bho na bliadhnaichean as tràithe a’ tairgsinn cothrom do chloinn air sgilean ùra ann an ionnsachadh cànain a thogail – a dh’fhaodas a bhith buannachdail dhaibh fad am beatha.
Download Adobe Flash Player to watch the video online.
Find us on