Scotlands History\|Scots and Canada

A’ tighinn beò an tìr fhiadhaich

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Bha sgeamaichean tuineachaidh a’ tairgse fearann do dh’Albannaich a bha deònach imrich a dhèanamh a Chanada, agus bha malairt bian a’ toirt cothrom do dhuine fhortan a dhèanamh ann am beagan bhliadhnachan.

Cha robh anns an turas don t-Saoghal Ùr ach a’ chiad cheum. Ràinig a’ mhòr-chuid gun airgead idir no le glè bheag. Bha cuid air obair a chur air dòigh mus do dh’fhàg iad, ach bha cuid eile a’ cruinneachadh sna prìomh phuirt a’ lorg obair mar làmh-oibrichean no còmhla ri na companaidhean malairt bian.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Blow the Wind Westerly - A Crowd of Bold Sharemen

Thuig iomadh Albannach, air a thàladh thar chuan le gealltanas fearann an asgaidh, gun robh na coimhearsnachdan ùra còrr air mìle mìle air falbh. Bha e duilich do dhaoine, gu h-àraidh eileanaich, tuigse fhaighinn air astar cho fìor fhada. Thòisich cuid air tursan fada duilich le glè bheag bidhe agus gun dad a dh’fhios dè an ùine a bheireadh a’ choiseachd tarsainn fàsach.

An Canada, chunnaic na h-Albannaich airson a’ chiad uair mòran bheathaichean neònach. Bha fàsach Chanada làn de chunnartan falaichte leithid mathan, cùgar, wolverine, lioncs, madadh-allaidh agus coyote. Bha beanntan, coilltean agus còmhnardan nan dachaighean do moose, buffalo, fèidh, caribou, elc, eich fhiadhaich, gobhair fhiadhaich agus bìobhair.

Gu tric bha eagal air luchd-tuineachaidh Albannach ro sluagh a’ Chiad Nàisean. Anns an Roinn Eòrpa b’ e ‘Innseanaich Dhearga’ a bh’ aca air tùsanaich Ameireaga-a-tuath, agus bha sgeulachdan borbachd a’ dol mu chraiceann-cinn a thoirt air falbh agus mu mhurtan an Iar Fhiadhaich. 

B’ e an fhìrinn gun robh na treubhan tùsanach air fàs eòlach air malairt le Eòrpaich. Ged a bha naimhdeas aig cuid de bhuidhnean mu dhaoine geala a’ tighinn do na h-àiteachan seilge aca, bha cùisean eadar eilthirich agus sluagh a’ Chiad Nàisean sìtheil gu leòr. 


Cead airson na dealbhan

Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Byron and Tamara, Manitoba Historical Maps, Mistr.John, swisscan agus ViaMoi.