English
An 1910, rinn 62,000 Albannach imrich a Chanada. Chaidh na mìltean mòra de fhir, mhnathan agus clann air bòrd bhàtaichean air turas a Chanada anns a’ chiad leth den 20mh linn.
Aig deireadh an 19mh linn, bhuail Cabhaig Òr Klondike air Canada. Chaidh còrr air 100,000 lorgaire a shireadh òr. Sheòl na mìltean mòra suas Abhainn Yukon gu Raointean Òr Klondike.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Thugadh am far-ainm ‘Rìgh Klondike’ air Alasdair ‘Alaig Mòr’ MacDhòmhnaill. B’ e fear-labhairt Gàidhlig o phàrantan Gàidhealach a bh’ ann. Rugadh e an Antigonais, Alba Nuadh. Rinn MacDhòmhnaill fortan mòr bho bhith a’ ceannach seilbhean agus a’ fastadh mèinnearan a chladhaicheadh airson òr.
Rinn mèinneadh òr Canada beartach, a’ cur ri leudachadh bhailtean mar Bhancùbhar. Dhòirt eilthirich a-steach a Chanada.
’S e dùthaich ioma-chultarail a tha an Canada na 21 linne. Tha Canèidianaich ann a bhuineas do dh’ Alba, do dh’Èirinn, don Fhraing, do Shìona agus don Ghearmailt. Tha mu mhillean Tùsanach Canèidianach ann: Inuit, Metis, agus tùsanaich nan Ciad Nàiseanan mar sluagh Mohawk agus Seneca.
Tha Canèidianaich Albannach air feadh Chanada a’ dèanamh uaill às am freumhan agus an cultar.
Bidh luchd-ciùil à Alba Nuadh agus dannsairean-ceum à Ceap Breatann a’ siubhal an t-saoghail, airson fèisean agus obair còmhla ri Albannaich eile. Tha gàidhlig fhathast beò an Alba Nuadh, ceudan bliadhna o thàinig a’ chiad Albannaich ann.
Gach bliadhna, bidh Geamannan Gàidhealach ann am bailtean air feadh Chanada, le dannsa Gàidhealach, pìobaireachd, drumadh agus ceòl Ceilteach a thuilleadh air spaidseireachd agus fèiltean bidhe. Tha dualchas Albannach aig cèilidhean, agus aig tachartais sgeulachdan agus ciùil.
’S e Geamannan Gàidhealach Antigonais na geamannan Baidealach leantainneach as sine an Canada. Chaidh an cumail an toiseach an 1863. Bidh dannsairean Gàidhealach, pìoban agus drumaichean, cuirmean fo na rionnagan, cèilidhean, sgeulachdan Gàidhlig agus an còrr ann. Chithear na lùth-chleasaichean Gheamannan Gàidhealach as fheàrr an Canada agus an Ameireaga a’ farpais anns na spòrsan trom mar tilgeil an ùird.
’S e Tatù Eadar-nàiseanta Rìoghail Alba Nuadh an fhèill bliadhnail talla as motha tha air an t-saoghal. Gach Iuchar, an Halifax, prìomh bhaile Alba Nuadh, bidh còrr air 2000 sàr luchd-cluiche airm, poileas agus sìobhaltaich Canèidianach agus eadar-nàiseanta a’ nochdadh air beulaibh sluagh mòr. Bidh pìoban agus drumaichean, dannsairean, acrobatan, còisirean, còmhlan airm agus sìobhalta, ath-chluichean eachdraidheil, foillsichidhean airm agus gu leòr eile ann.
Fiù ’s nach eil uilebheist locha fhèin aig Canada! Tha ‘ogopogo’, a tha coltach ri uilebheist ainmeil Loch Nis an Alba, ri fhaicinn ann an loch ri taobh baile Kelowna am British Columbia.
Tha còmhlain phìoba Albannach à Canada air an fheadhainn as fheàrr air an t-saoghal. Tha còmhlan phìoba Oilthigh Sìm Friseal (ainmichte air rannsaichear Albannach), air buannachd Farpais Phìobaireachd an t-Saoghail.
Dè an dàimh a tha eadar oidhche Burns agus a’ Bhliadhna Ùr Sìneach?
Cha shaoileadh tu gu bheil mòran, ach innsidh Todd Wong, a chruthaich ‘Gung Haggis Fat Choy’ gu bheil barrachd ann an sheilicheamaid.
'An Canada bithear a’ bruidhinn air cuibhreannan Beurla agus Frangais, agus na Ciad Nàiseanan, ach am British Columbia tha mise den bheachd gun tàinig ar cultar bho na h-Albannaich a thàinig an ear thar a’ Chuain Shiar, agus na Sìnich a thàinig thar a’ Chuain Shìtheil... bu choir don h-uile Canèidianach math ionnsachadh mu dhualchas Sìneach agus Albannach Chanada.’
Chruthaich Wong, no ‘Toddish Mcwong’Wong, mar a th’aig a’ choimhearsnachd Albannach air, latha fèille ùr, a’ cur ri chèile a’ Bhliadhna Ùr Sìneach agus Oidhche Burns.
Gach bliadhna, anmoch san Fhaoilleach no tràth sa Ghearran, tha Baile Sìneach Bhancùbar a’ cumail Fèill Gung Haggis Fat Choy far a bheil won ton tagais ròsta domhainn agus dim sum tagais a’ dol le uisge-beatha mac na bracha. Tha rèiseadh chart-dràgoin aig Oilthigh Sìm Friseal san Fhèill cuideachd.
Bha a’ chiad Gung Haggis Fat Choy ann an taigh ann an 1998, far an do chruinnich 16 duine a dh’ithe tagais, a dh’ èisteachd ris a’ phìob-mhòr, a leughadh bàrdachd agus a sheinn òran. An-diugh tha an fhèill bhliadhnail mar pàrtaidh mòr do cheudan aig ‘Floata’, an taigh-bidhe Sìneach as motha an Ameireaga a-Tuath. Bidh luchd-cluiche, a’phìob-mhòr, biadh traidiseanta agus ùr à cultar Sìneach agus Albannach a’ dol an oidhche seo. Tha fiù ’s dannsa dràgoin Gung Haggis agus aithris rap de ‘Address to a Haggis’ le Raibeart Burns ann.
'Tha sinn den bheachd nam biodh Raibeart Burns beò an-diugh gum biodh bàrdachd sràid no rap a measg an t-sluaigh. Tha cuid a’ dèanamh bàrdachd an-diugh. Bhiodh Robaidh na theis-meadhan.’ Todd Wong (no 'Toddish McWong') à Bhancùbhar, B.C.
Tha Albannaich Canèidianach na 21 linne a’ gleidheadh freumhan Albannach agus a’ co-roinn an dualchas le daoine bho air feadh an t-saoghail. Chan e rud airson taigh-tasgaidh a tha an cultar na h-Alba; tha e beò agus a’ fàs le bhith a’ suathadh ri cultaran agus dualchasan eile.
An cunntas-sluaigh Chanada an 2006, thuirt 4.7 millean Canèidianach gun robh freumhan Albannach aca. An-diugh chan mhòr nach eil a’ cheart uiread Canèidianach Albannach ann ’s a tha de dhaoine an Alba gu lèir.
'S e fèis air leth a comharrachadh ceòl is cultar a th'ann am fèis Eadar-nàiseanta Dathan Cheilteach. A h-uile bliadhna tha Ceap Breatainn a cur fàilte air feadhainn den luchd-ciùil, seinneadairean, dannsairean agus sgeulaichean as fheàrr as an t-saoghail.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Feffef, meironke, Musée McCord Museum, tyfn agus Wigwam Jones.
Find us on