English
Aig toiseach an 19mh linn, chuir Tòmas Dùbhghlas, Morair Selkirk, air chois tuineachadh Albannach aig an Abhainn Dhearg an Canada.
B’ e duine beartach ach coibhneil a bha ann an Tòmas Dùbhghlas, Morair Selkirk agus chaith e a’ mhòr-chuid de bheatha agus de fhortan a’ feuchainn ri Gaidheil gun talamh a chuideachadh. Cheannaich e fearann an Canada Uachdrach agus an Eilean Prionnsa Eideard, agus phàigh e faradh Albannaich gu iomall-tìr Chanada airson tuineachadh ùr a dhèanamh.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Tron inbhe a bha aige mar an neach bu mhotha aig an robh earrannan ann an Companaidh Bàgh Hudson fhuair am Morair Selkirk 300,000 cilemeatair ceàrnagach (120,000 mìle ceàrnagach) de thalamh air an Abhainn Dhearg, ann an sgìre Assiniboine am Meadhan Chanada. Dh’aontaich Morair Selkirk gum faigheadh e daoine agus feachd-airm don sgìre airson an ath dheich bliadhna. Bha an talamh ùr aig Morair Selkirk ceithir tursan nas motha na Alba gu lèir.
An 1811, sheòl ceud eilthireach Albannach gu Bàgh Hudson fo stiùireadh Maoileas MacDhòmhnaill. Bha Maoileas MacDhòmhnaill air fhastadh le Morair
Selkirk gus Gaidheil fhaighinn don talamh ùr aige. ’S e seann shaighdear do-riaraichte a bha ann am Maoileas MacDhòmhnaill: duine a bha coma-co-dhiùbh agus b’ ann air ablach bàta a fhuair e àitichean siubhail.
Bha an turas dìreach sgreataidh agus thug e dà mhìos. Cha robh mòran rùm air bòrd, agus cha robh ri ithe ach gràin le cloimh-liath agus biadh bochd. Bha iad ro anmoch a’ ruighinn Canada airson turas 60-là chun na h-Aibhne Deirge ron gheamhradh agus bha aca ri campachadh aig Factaraidh York. B’ ann air èiginn a fhuair iad tro gheamhradh cruaidh. As t-Earrach cha robh ach 22 duine fallain gu leòr airson an 1300 mìle coiseachd chun na h-Aibhne Deirge.
Bha malairtichean bian na h-Iar-Thuath a’ faicinn tuineachadh na h-Aibhne Deirge na chunnart bho Chompanaidh Bàgh Hudson air na slighean malairt aca. Bha mòran shealgairean an aghaidh tuineachadh sam bith san tìr a-staigh, a dh’fhaodadh milleadh malairt bian. Bha malairt bian a’ soirbheachadh ann am fàsach gun dhaoine, dachaigh nàdarrach a’ bhìobhair. Bhiodh tuathanachas, àiteach agus beathaichean far am biodh daoine, agus bhiodh sìobhaltas, laghan agus oifigearan lagha cuideachd ann.
Bha naimhdeas ann do na h-eilthirich ùra. Cha dèanadh na h-Iar-Thuathaich malairt ris an luchd-tuineachaidh Albannach, agus chuir iad na Metis ionadail (luchd-labhairt Frangais, sliochd Eòrpaich agus tùsanaich) nan aghaidh.
Ghabh MacDhòmhnaill air fhèin an tiotal Riaghladair Tìr-Imrich na h-Aibhne Deirge. Chuir e fhèin os cionn nan eilthireach, agus bha e airson a bhith a’ riaghladh daingnich Companaidh an Iar-thuath air fearann Iarla Selkirk.
Aig an àm, bha na Metis a’ cumail pemmican ris na puist malairt bhian. Bhiodh na Metis a’ sealg buffalo agus a’ dèanamh pemmican, measgachadh de fheòil thiormaichte buffalo, subhagan agus geir, a bha na phrìomh bhiadh aig malairtichean bian an iar-mheadhanach.
Bha MacDhòmhnaill a’ faicinn malairt phemmican eadar na Metis agus malairtichean Companaidh an Iar-Thuath mar phoidseadh air fearann Selkirk. An 1814, rinn e a’ mhalairt mì-laghail agus ghlas e suas stocan pemmican. Cha tug duine feart air an òrdagh seo, agus chuir e fiosan fuadaich chun nam post-malairt.
Chuir Companaidh an Iar-thuath Donnchadh Camhshron, malairtiche bian Albannach don Abhainn Dhearg airson a’ chùis a rèiteach. Dh’fheuch Camshron ri toirt air na h-eilthirich imrich a dhèanamh, ach dhiùlt a’ mhòr-chuid. Dh’fheuch e an uairsin ris na Metis a phiobrachadh, ag ràdh gun toireadh na h-eilthirich air falbh an dòigh-beatha aca. Thòisich na Metis a’ dèanamh ionnsaighean guerrilla air tìr-imrich na h-Aibhne Deirge. Le peanta-cogaidh agus tomahawks, rinn iad ceannairc an aghaidh nan eilthireach. Mharbh iad beathaichean, loisg iad taighean agus mhill iad bàrr.
Thionndaidh na Metis air daingnich Companaidh Bàgh Hudson, a’ goid bho na malairtichean. Mharbh Cuthbert Grannd, an ceannard Metis, agus 60 de na daoine aige, 25 de luchd-obrach Companaidh Bàgh Hudson aig Seven Oaks.
Chuir Companaidh Bàgh Hudson cuideam air Morair Selkirk airson luchd-armaichte thighinn airson sìth a dhèanamh. Chaidh Morair Selkirk don Abhainn Dhearg air ceann 100 luchd-armaichte, agus saighdearan-duais as an Eilbheis nam measg, agus thòisich iad a’ dèanamh rian. Thug iad grunnan de na h-Iar-Thuathaich agus Metis an greim, agus chuir iad chun ear iad airson cùis-lagha.
Bha sìth aig eilthirich na h-Aibhne Deirge mu dheireadh thall airson tuathanachas. Dh’ionnsaich iad fhèin agus na Metis cur suas le chèile.
Theab cosgaisean eagalach cìsean lagha bho cùirtean mu dheidhinn tachartasan na h-Aibhne Deirge agus Seven Oaks cur às do Companaidh an Iar-thuath. Dh’fhàs Morair Selkirk tinn, agus cosg tìr-imrich na h-Aibhne Deirge fortan dhà. Ghabh Companaidh Bàgh Hudson a-null Companaidh an Iar-thuath an 1821.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Manitoba Historical Maps.
Tha na dealbhan eile le cead WikiCommons agus bho Minnesota Historical Society.
Find us on