English
Ann an 1621, thug Rìgh Seumas V1 (Alba) agus 1 (Sasainn) cead do Uilleam Alecsander, a’ chiad Iarla Sruighlea, àite-tuineachaidh a stèidheachadh ann an Canada Acadianach. B’ e mac Màiri, Banrigh na h-Alba a bha an Seumas VI agus I. Bha e na Rìgh air Sasainn cuideachd an dèidh bàs Banrigh Ealasaid 1.
B’ e an t-àite-tuineachaidh seo ‘Nova Scotia’ – Alba Nuadh.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
An 1622, ràinig a’ chiad luchd-tuineachaidh Canada. Choinnich balla de choille thiugh riutha. Bha aca ris an talamh a ghlanadh mus b’ urrainn dhaibh fasgadh a thogail airson a’ gheamhraidh. Cha robh na sgilean dèantanach aig mòran dhiubh a dh’fheumadh iad airson tìr-imrich soirbheachail a thogail. Bha geamhradh dòrainneach aca. Cha chumadh na dachaighean aca a-mach am fuachd a bha cho dian agus bha iad air an sàrachadh le tinneas agus leis a’ ghalair fhuilteach. Bhàsaich 30 den chiad 70 luchd-tuineachaidh ron chiad earrach.
Rinn cogadh leis an Fhraing e do-dhèanta an tìr-imrich a chumail a’ dol. Chan fhaigheadh stuth thuca tro na glasaidhean Frangach agus bha ionnsaighean air tìr bho na tìrean-imrich Frangach a bha faisg orra a’ dèanamh am beatha do-ghiùlanta. Chaidh mòran air ais dhachaigh no deas gu Sasainn Nuadh. Cha mhòr nach robh ceud bliadhna mus robh tuineachadh ùr Albannach an Alba Nuadh.
Ann an 1773 ràinig am bàta ‘Hector’ Pictou, Alba Nuadh le 170 Gàidheal agus deich fireannaich à Grianaig air bòrd. Bha Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid dhiubh.
Chaidh an luchd-tuineachaidh sin a thàladh le turas an asgaidh, stuth airson bliadhna agus tabhartasan fearann an asgaidh. Chaith iad 11 seachdain aig muir, a’ fulang le cuairtean den spùt agus a’ bhreac, a thug air falbh beatha 18 de chloinn.
Nuair a ràinig iad Pictou, thòisich iad a’ togail fhasgaidhean airson a’ gheamhraidh, ach cha do nochd an stuth a chaidh a ghealltainn a-riamh.
Airson an dara turas, b’ fheudar do thìr-imrich ùr Albannach geamhradh cruaidh fhulang air cladaichean Alba Nuadh, ach dh’fhuirich an luchd-tuineachaidh an turas seo. An uair a bha tìr-imrich Gàidhlig air chois, thòisich làn bailtean de Ghàidheil a’ tighinn.
An 1812, ghluais Eachann, 22mh Ceann-cinnidh Chlann Mhic Gill-leathain a dh’Alba nuadh le 500 de luchd-cinnidh agus nàbaidhean.
Thàinig timcheall air 15,000 Albannach, a’ mhòr-chuid on Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, a Chanada eadar 1770 agus 1715. Fhuair iad beatha ùr an Alba Nuadh, an Eilean Prionnsa Eideard agus an Quebec. B’ e Gàidhlig an tritheimh cànan Eòrpach bu mhotha bha ann an Canada.
Tha bratach Alba Nuadh a’ toirt ri chèile brataichean Alba: an Leomhann Bras agus a’ Bhratach-croise.
Bho thàinig a’ chiad Albannaich, tha na h-Albannaich Nuadh air leantainn am freumhan Albannach. Thàinig luchd-thogail bhàtaichean agus chuir iad air chois cleachdaidhean iasgaich, tuathanachais agus ceàrd-bhàta a tha fhathast a’ dol. Tha a’ Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta fhathast beò an Alba Nuadh agus an Ceap Breatann.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Zach Bonnell, Bob Jagendorf agus learningful_rcb.
Find us on