English
Smaoinich ort fhèin mar chroitear Albannach, beò anns an 19mh linn. Tha do shinnsirean air am beatha a chur seachad air an aon fhearann airson ceudan bliadhna. Dè bheireadh ort do theaghlach a tharraing à sin air turas cunnartach thar chuan gus feuchainn ri beo-shlàint a dhèanamh à fàsach borb gun chrìoch?
Theich mìltean de Sheumasaich à Alba dhan t-Saoghal Ùr ro Bhlàr Chùil Lodair agus às a dhèidh. Rinn saighdearan Albannach agus eucoirich-imrich beatha ùr an Canada an dèidh Cogaidhean Saoraidh Ameireaga. Chaill mòran Albannaich an dachaighean anns na Fuadaichean. Dh’fhàg cuid a’ smaoineachadh nach robh taghadh eile ann. Bha cuid ann an cunnart geur-leanmhainn no prìosan air sgàth beachdan poilitigeach no creideimh.
Ach, do dh’iomadh Albannach, bha fàsach Chanada a’ tairgsinn gealltanas air beatha na b’ fheàrr.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Aig an taigh, cha bhiodh dachaigh no obair aca. Bha cus daoine ann am bailtean mòra Alba, agus bha mòran a’ fuireach ann an cùiltean mì-fhallain. Bha naidheachdan mu fhàsach cho mòr ’s nach robh duine air a’ chrìoch a ruighinn mar shealladh air nèamh.
Bha Albannaich air an deagh ionnsachadh, le ìre àrd litearrais. Bha mòran ag iarraidh feuchainn air na cothroman a bha ann an Canada.
Thug Canada cothrom do Ghàidheil agus do Ghoill Alba iad fhèin ath-chruthachadh am measg sluagh a bha a’ faicinn toinisg agus èasgaidheachd nas luachmhor na inbhe clas agus teaghlaich. Bha tuathanaich, ceannaichean, agus iomairtichean a’ faicinn chothroman san t-Saoghail Ùr: cothrom tòiseachadh as ùr.
Bha imrich a Chanada làn cruadal. Bha an turas cuain cunnartach, le bàtaichean a’ dol fodha aig muir, agus cuid den luchd-siubhail a’ fulang thinneasan air an t-slighe. Bha an turas daor cuideachd: bha aig mòran ri dhol ann am fiachan airson am faradh a phàigheadh.
An uair sin, nuair a ruigeadh na h-eilthirich Canada, bha trioblaidean do-labhairt an sin, ’s iad a’ tuigsinn cho duilich ’s a bha beatha air an oir.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: jurek d, mike138, Musée McCord Museum agus No One Nels.
Find us on