Scotlands History\|Scots and Canada

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Na h-Albannaich agus Canada

Ann an cunntas-sluaigh 2006 an Canada thuirt 4.7 millean Canèidianaich gur ann à Alba a bha an sinnsireachd. Aig an àm bha sluagh Alba air àireamh aig dìreach fo 5.2 millean.

Carson a tha uiread de dhaoine le sinnsireachd Albannach a’ fuireach an Canada an-diugh?


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Pay the Piper - The Simon Fraser University Pipe Band

Carson a thachair mòr-imrich de dh’Albannaich gu cladaichean fiadhaich agus neo-rannsaichte Chanada anns an 18mh agus an 19mh linn, agus carson a chum an àireamh eilthirich ag èirigh gu meadhan na 20mh linne?

Tha sgeulachd nan Albannach ann an Canada làn iomairtean agus gaisge: rannsaichairean, ceannaichean, agus daoine a rinn beatha dhaibh fhèin ann am fàsach neo-thruasail. ’S e sgeulachd a tha ann mu thurais chunnartach agus mu chall eagalach, mu bhuannachd ris nach biodh dùil, agus mu dhòchas, agus na h-Albannaich a’ strì gu greim a chumail air an cultar agus an cànan fhèin.


Cead airson na dealbhan

Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: hiro008, meironke, NailaJ agus Studiolit.

Tha na dealbhan eile air an cleachdadh le cead bho Glenbow Museum (Mrs Emily Florence Magrath le a oghaichean), National Galleries of Scotland (Iain Readha) agus tha an dealbh de an leine Red Crow le cead bho © Trustees dhen British Museum.