Scotlands History\|Scots and Canada

Companaidh Bàgh Hudson agus Companaidh an Iar-thuath

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Mu 1670, bha e soilleir gun gabhadh fortan a dhèanamh bho ghnìomhachas bian.

Bha Ameireaga a-Tuath Breatannach (ainm Chanada aig an àm) air fhaicinn mar thìr fhiadhaich làn de stòras nàdarrach a bhiodh gu feum. Bha na milleanan de bhìobhairean ann agus bha fèill air a’ bhian aca.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
2005 Medley - The Simon Fraser University Pipe Band

Gu luath, chuir grunnan luchd-gnothaich à Sasainn Companaidh Bàgh Hudson air chois, agus ghabh iad sealbh air cuibhreann mòr dè thìr a-staigh Chanada.

Thar an ath chaogad bliadhna, b’ ann a dh’obair do Chompanaidh Bàgh Hudson a sheòl a’ mhòr-chuid de dh’ Albannaich a Chanada. An ceann ùine, bha smachd Companaidh Bàgh Hudson air malairt bhian ann an cunnart bho mhalairtichean bian Albannach a chuir air chois Companaidh an Iar-thuath. 

B’ e smachd nan Albannach air malairt bian a bhrùth Canèidianaich Eòrpach siar gu na Rockies agus a chur air chois cogadh fearainn a bheir ort samhlachadh iomadh de bhuidheann dhrugaichean an là an-diugh ri clann Sgoil Shàbaid.

'How the Scots created Canada', Paul Cowan, 2007


Cead airson na dealbhan

Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: .jowo, glennwilliamspdx, Jordon, Musée McCord Museum, Nic - Orkney, agus Sherlock77 (James).