Scotlands History\|Scots and Canada

Na Gàidheil agus Canada

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

’S ann anns na 1730an a rinn Gàidheil eilthireachd gu Ameireaga a-Tuath an toiseach agus bha smachd aig Riaghaltas Bhreatainn air a’ mhòr-chuid de dh’Ameireaga a Tuath bho mu 1763. Ach cha robh cuid de na roinnean (neo coloinidhean) toilichte leis an dòigh a bha Breatainn a’ dèiligeadh riutha agus mar sin thòisich cogadh eadar Breatainn agus cuid de na coloinidhean seo ann an 1775. Chaill Breatainn agus bhuannaich na coloinidhean an cogadh agus stèidhich iad Stàitean Aonaichte Ameireaga.

Ach chùm Breatainn smachd air na roinnean nach robh nam pàirt de na Stàitean Aonaichte agus b’ e Ameireaga a Tuath Breatannach a bh’ air na pìosan a chùm Breatainn. Agus mar sin b’ ann gu Ameireaga a Tuath Breatannach a chaidh eilthirich a bha a’ fàgail Alba ro 1867 is cha b’ ann do na Stàitean.


Title
Reels (James Hardie; MacArthur's; Mabou Communications) - Kinnon and Betty Beaton

Chaidh na mìltean de Ghàidheil a dh’ fhuireach ann an Eilean a’ Phrionnsa Eideird bho mu 1769, Albainn Nuadh bho mu 1773, Eilean Cheap Breatainn bho mu 1791 ach gu sònraichte eadar 1802 agus 1843. Chaidh feadhainn eile a dh’ Ontario agus Québec cuideachd mu 1800.

Air sgàth seo chan àbhaist do na h-òrain Ghàidhlig Canada ainmeachadh idir bho nach robh leithid ann fhathast. Bidh iad ag ainmeachadh Ameireaga neo sgìre dhan robh iad a’ dol mar Manitoba. 

’S ann a-mach à Ameireaga a Tuath Breatanach a dh’ èirich Canada mar dhùthaich aig a’ cheann thall. Thòisich an dùthaich an toiseach nuair a thàinig ceithir de na mòr-roinnean (Québec, Ontario, Alba Nuadh, Brunswick Nuadh)  còmhla air a’ chiad latha den Iuchar 1867. ’S e Co-Chaidreachas a chanas sinn ris an dòigh a thàinig na mòr-roinnean còmhla gus dùthaich ùr a chruthachadh. Thàinig na mòr-roinnean eile a-steach còmhla riutha beag air bheag. ’S e An Talamh Ùr (Newfoundland) a’ mhòr-roinn mu dheireadh a thàinig a-steach còmhla ri Canada agus bha sin ann an 1949. 

Carson a tha Gàidheil ann an Canada?

’S e as adhbhar gun deach na h-uimhir a Ghàidheil a Chanada gun robh cùisean aig an taigh air fàs doirbh dha-rìribh. Anns an ochdamh (1700-1799) agus an naoidheamh (1800-1899) linn deug bha gnothaichean air a’ Ghàidhealtachd ag atharrachadh aig astar.

Thòisich uachdarain nan oighreachdan air a’ Ghàidhealtachd a’ sireadh barrachd airgid bhon fhearann aca. Cha robh an sluagh beairteach is cha robh an t-airgead aca màl àrd a phàigheadh. Thòisich na h-uachdarain gu sònraichte sna h-Eileanan a’ brosnachadh gnìomhachas na ceilpe. ’S e seòrsa feamainn a th’ ann an ceilp agus bhathar ga losgadh airson stuthan a dhèanadh glainne agus siabann.

Ach cha do sheas an gnìomhachas sin fada. Thuig na h-uachdarain beag air bheag gun dèanadh iad barrachd prothaid a-mach à caoraich na daoine agus thòisich iad a’ coimhead airson dòighean na daoine a chur air falbh. ’S e Na Fuadaichean a chanas sinn ri seo. Bha na daoine a’ tighinn beò air nas lugha is nas lugha de dh’ fhearann air a’ Ghàidhealtachd is cha do chuidich sin nuair a thàinig gaiseadh a’ bhuntàta agus gort anns na 1840an.

  • The Morrison family - Came from South Uist to Canada in 1887 and settled in Grand Valley, near Cochrane.

Cò thug a Chanada iad?

Cha robh e saor ’s an asgaidh a dhol a Chanada agus dh’ fheumadh cuideigin am faradh a phàigheadh. Co-dhiù cha robh a h-uile Gàidheal deònach a dhol a Chanada. Ciamar a bha fios aca gum biodh cùisean na b’ fhèarr dhaibh air taobh thall a’ Chuain?

Aig amannan bhiodh na h-uachdarain a’ strì gus na daoine a chumail air an fhearann, mar eisimpleir nuair a bha feum aca air na daoine airson obair na ceilpe. Thug iad air an riaghaltas Achd an Luchd-Siubhail (1803) a chur an gnìomh gus stad a chur air eilthireachd. Dh’fhàs e ro dhaor do dhaoine falbh an dèidh sin. Ach dh’atharraich na h-uachdarain am beachd agus dh’ fhàs e na b’ fhasa a-rithist mu 1827. 

Thòisich an riaghaltas fhèin a’ brosnachadh do dhaoine eilthireachd a dhèanamh agus bha obraichean aig cuid a’ feuchainn ri toirt air na daoine falbh. Thòisich Canada fhèin ag iarraidh air daoine a dhol a-null cuideachd agus iad feumach air luchd-obrach is eile. Mar sin bha measgachadh de bhuidhnean ag iarraidh air na Gàidheil am bailtean fhàgail. 

A photo of the Hector ship in a Nova Scotia bay

Ciamar a shiubhail iad a Chanada?

Dh’ fhàg bàtaichean mòra làn Ghàidheal puirt na h-Alba airson Canada. Mar bu trice bha an turas-cuain cruaidh air na daoine. Thug e ùine fhada agus bhiodh tinneasan is galaran a’ sgapadh am measg nan daoine air an t-soitheach.

’S e ‘The Hector’ bàta cho ainmeil ’s a th’ ann. Thug am bàta sin Gàidheil do dh’ Alba Nuadh ann an Canada ann an 1773. Thàinig a’ mhòr-chuid aca à sgìre Loch Bhraoin agus thàinig am bàta gu tìr far a bheil baile Phictou an-diugh.

Ruith iad a-mach à biadh agus uisge glan agus bha iad ann am fìor dhroch staid nuair a ràinig iad Canada agus bhàsaich ochd duine deug air an turas. An-diugh chìthear samhail an Hector ann am Pictou, Alba Nuadh.

An dèidh a’ chiad chogaidh bha cùisean doirbh a-rithist anns a’ Ghàidhealtachd agus mòran dhaoine gun chosnadh. Mar eisimpleir, ann an 1923 dh’fhàg mu 600 duine na h-Eileanan an Iar airson Canada. Dh’fhalbh 300 dhiubh seo air a’ Mhetagama a sheòl a-mach a Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Bha iad a’ falbh gu obraichean tuathanais ann an Ontario. Sheòl na 300 eile a-mach à Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas air bàta air an robh am Marloch. Bha an fheadhainn seo an dòchas a dhol a dh’Alberta.

An dèidh 1900 ’s ann gu na prèiridhean (na mòr-roinnean ann am meadhan Chanada) a chaidh a’ chuid a bu mhotha de na h-eilthirich. Tha òrain Ghàidhlig ann a tha cuimhneachadh na daoine a dh’ fhalbh air na bàtaichean sin, mar ‘Comann mo ghaoil’ le Murchadh MacPhàrlain; ‘’S ann a-mach à Steòrnabhagh a sheòl am Metagama mòr le Ealasaid NicLeòid agus Òran a’ Mhetagama’ le Mairead NicillEathain. Neo leugh an leabhar Gàidhlig Saoghal Ùr (1992) le Calum MacMhaoilein mu dhaoine a’ falbh air a Mhetagama.

A bheil thu a’ smaoineachadh gun robh eagal air  na daoine agus iad a’ fàgail? Dè a’ bhuaidh a bhiodh aig seo air daoine a dh’fhan aig an taigh is nach do rinn eilthireachd?

  • A photograph of an old chart map of Cape Breton and St. John's Islands

Cead airson dealbhan

Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: aaron.knox, One Tree Hill Studios agus palestrina55.

Thaing an dealbh de Raghnall Mac a Phì agus a mhac, a thainig as na h-Eileanan Siar, air an tuathanas aca faisg air Ohaton bho Glenbow Museum.