English
Dh’fhaodadh Albannaich an Canada an ath-chruthachadh fhèin. Cha robh clas no inbhean traidiseanta cho cudromach san t-Saoghal Ùr. Thug Albannaich a bha foghlamaichte, dìcheallach agus beachdail buaidh mhòr air eachdraidh Chanada.
B’ ann de shliochd Albannach a bha a’ chiad dà Phrìomh Mhinistear aig Canada, ach mus do ràinig iad ìre cho àrd anns an dùthaich ùr, cha robh annta ach fir-obrach àbhaisteach.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Rugadh Sir Iain A MacDhòmhnaill an Glaschu an 1815. Dh’ fhàg an teaghlach aige Alba an dèidh airgead a chall sna 1820an agus cha robh iad ach bochd an Canada. Dh’ fhàg MacDhòmhnaill an sgoil aig 15 agus thòisich e ag obair. An dèidh sin, fhuair e airgead gu leòr ri chèile airson a dhol do sgoil lagha. An 1867, b’ e Iain Alasdair MacDhòmhnaill a rinneadh na chiad Prìomh Mhinistear air Uachdranachd Chanada.
B’ e Iain A. MacDhòmhnaill a chruthaich Poileas Eich Chanada, na ‘Mounties’.
B’ e duine iriosal, dìreach na chainnt a bha an Alasdair MacChoinnich, an dara Phrìomh Mhinistear. Bha e air a bhith na chlachair anns na 1840an. Dhearbh MacDhòmhnaill agus MacChoinnich nach fheumadh duine bhith de na h-uaislean airson feum a dhèanamh an Canada.
B’ e Rèisimeid Dion-fheachd Ghleann Garaidh, a thogadh le sagart òg, Alasdair MacDhòmhnaill, a’ chiad rèisimeid Caitligeach bho bha an t-ath-leasachadh ann. Tro thìde, b’ e MacDhòmhnaill a’ chiad Easbaig Caitligeach air Canada Uachdrach.
Bha saighdearan Albannach a measg nam feachdan Canèidianach a chuir ruaig air ionnsaigh Ameireaganach an 1812. An 1815, rinn na Canèidianaich deas air Washington, a’ gabhail prìomh bhaile Ameireaga an grèim agus a’ cur teine ris an Taigh Gheal. Gus an là an-diugh, ’s e Canada an aon dhùthaich a rinn ionnsaigh shoirbheachail air na Stàitean Aonaichte.
B’ e Albannaich a chur air chois iomadh de dh’oilthighean, bancaichean agus ospadail Chanada. Chuireadh air chois a’ chiad banca an Canada, Banca Montreal, le Albannaich bheartach an 1817. An 1832, dh’fhosgail Banca Alba Nuadh, a bha air a ruith agus air a riaghladh le eilthirich Albannach.
B’ e fear gnothaich sònraichte soirbheachail a bha an Sir Seòras Simpson, Albannach ris an canar ‘Ìmpire nan Còmhnardan’. Bha Simpson os cionn amaladh Companaidh an Iar-thuath agus Companaidh Bàgh Hudson an 1821, agus rinneadh e na Riaghladair air Tìr Rupert.
Tro sgilean gnothachais Simpson dh’fhàs an companaidh ùr na bu bhuannachdail. Chaidh puist-malairt neo-bhuannachdail a dhùnadh gu luath, le luchd-obrach air an cur gu àiteachan nas soirbheachail.
Eadhan am meadhan fàsach Chanada b’ e deise fhoirmeil agus ad àrd a bhiodh air Simpson. Na chois bhiodh treud de chlèirich agus searbhantan, taice-armaichte, dotair agus fiù ’s a’ phìobaire fhèin, airson innse don fhàsach gun robh e air a thighinn.
Le inntinn a-mhàin air prothaid agus èifeachdas, bha Sir Seòras Simpson a’ riaghladh Tìr Rupert agus Companaidh Bàgh Hudson fad 40 bliadhna, tro thìde a’ daingneachadh monopolaidh Companaidh Bàgh Hudson am malairt bian Chanada.
Dh’ fhàg Raibeart Mìcheal Ballantyne Alba aig 16 a dh’obair aig Companaidh Bàgh Hudson. An 1848 dh’fhoillsicheadh leabhar leis: 'Hudson’s Bay; or, every-day life in the wilds of North America'. An dèidh sin sgrìobh e còrr agus 90 leabhar, nam measg leabhraichean chloinne agus òigridh leithid 'Snowflakes and sunbeams; or, the young fur traders'.
Rugadh Letitia Nic Tàbhais an Dùn Èideann an 1813. Phòs i Seumas Hargrave, Ard Mhalairtiche Companaidh Bàgh Hudson agus bha i a’ fuireach am Factaraidh York airson còrr agus deich bliadhna. Shàbhail an teaghlach aice a litrichean, agus rinneadh leabhar dhiubh.
Dh’ innis Letitia nithean mionaideach mu bheatha bhoireannach an Canada san 19mh linn. Thug i cunntas air failbheachan mòra òr, fàinne turquoise, gùn breacan uaine, mocais agus plaide a bha air aon bhoireannach. An-diugh tha na litrichean aice nam prìomh bhun-fiosrachaidh cudromach.
Bha Albannaich an Canada nam malairtichean bian, nan luchd-tuineachaidh, nan rannsaichearan agus nan iomairtichean. Bha iad nan luchd-poilitigs soirbheachail, bha iad air ceann iomadh ar-a-mach agus bhrosnaich iad strì. Chruthaich Albannaich gnothachasan, coimhearsnachdan agus bha iad air cùl Co-chaidreachas Chanada a chur air chois.
Chan eil an Alba ach aon de na dùthchannan aig a bheil àite an eachdraidh Chanada, ach airson dùthaich cho beag bha buaidh mhòr aice.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Wikimedia Commons.
Tha an dealbh aig Sir Seoras Simpson ar a chleachdadh le cead bho Library and Archives Canada.
Find us on