Scotlands History\|Scots and Canada

Rannsaichearan agus iomairtichean

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Tha Canada uabhasach mòr. ’S e an dara dùthaich as motha air an t-saoghal. Dheigheadh Alba 117 tursan na bhroinn.

Dh’fheumadh a’ chiad rannsaichearan Eòrpach coiseachd dhan h-uile àite. Bha eich aig cuid, ach bha mòran aibhnichean ro leathann, ro dhomhainn agus ro luath airson snàmh. Dh’fheumadh iad stad aig gach abhainn a thogail ràth no drochaid airson a dhol tarsainn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Trowie Burn; Dark Island - Barde

’S e curaich a bha aig mòran rannsaichearan a’ dol sìos aibhnichean a bha a’ snàigeadh tarsainn Chanada. Nuair a ruigeadh iad steallan-brasa agus easan cunnartach, stadadh iad, bheireadh iad an luchd far a’ churach, agus ghiùlaineadh iad a h-uile dad, fiù’s an curach, gus an ruigeadh iad pìos sàbhailte den abhainn.  

Dh’ fheumadh rannsaichearan slighe a ghearradh tro choilltean airson mìltean mus b’ urrainn dhaibh bàtaichean agus stuth a thoirt suas an abhainn. ‘S e ‘portadh’ a chanadh ri seo, agus bheireadh e grunnan thursan a’ toirt a h-uile dad air ais chun na h-aibhne.

  • Aboriginal people portaging goods at Slave River, circa 1900

Bha cunnartan do-chreidsinn aig rannsaichearan agus iomairtichean Albannach a’ dol tarsainn fàsach Chanada. Bha mathan, madadh-allaidh, lioncs, cùgar agus coyote ann am beanntan, coilltean agus còmhnardan Chanada. Bha cuid de chiad Nàiseanaich nan cunnart cuideachd. 

Tha sgeulachdan mu rannsaichearan Albannach ainmeil air feadh an t-saoghail.

Seo cuid de rannsaichearan agus iomairtichean ainmeil Albannach:

Sir Alasdair MacChoinnich
Sìm Friseal 
Dr Iain Readha


Photograph credits

Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Alaskan Dude, Musée McCord Museum, National Maritime Museum and radiospike photography.

Tha an dealbh eile (Iain Readha) air a chleachdadh le cead bho National Galleries of Scotland.