English
Rinn innealan cumhachd-smùide feum mòr do ann am Breatann. Anns na 1850an chuir luchd-gnothaich beartach Albannach romhpa trèanaichean-smùide agus slighean-rèile a thoirt tarsainn a’ chuan.
An toiseach thog iad slighean goirid rèile eadar na bailtean bu mhotha an Canada an ear. Bha iad airson slighe-rèile a thogail tarsainn an dùthaich gu lèir.
Ged a chaidh Slighe an Iar-Thuath a lorg agus a chlàradh, b’ e slighe chunnartach a bh’ ann. Bha bheanntan-deighe agus reothadh obann an còmhnaidh nan cunnart do bhàtaichean.
Le ceangal rèile eadar cladaichean a’ Chuain Shiar agus a’ Chuain Shìtheil, bha an iomall-thìr deiseil airson tuineachadh agus malairt, agus bha ceangal earbsach eadar puirt-mhara agus slighean-malairt a’ Chuan Shiar agus a’ Chuain Shìtheil.
Nuair a chaidh British Columbia còmhla ri co-chaidreachas Chanada, dh’fheumadh an riaghaltas gealltainn gun togadh iad slighe-rèile tro na Rockies, airson British Columbia a cheangal ris a’ chòrr de Chanada.
Le slighe-rèile gu Bhancùbhar, dh’fhaodadh bathar às an Ard an Ear a thoirt tarsainn Canada air trèana. Dh’ fhaodadh bathar a bhith air a reic anns na bailtean-mòra, neo a chur tarsainn a’ Chuan Shiar don Roinn Eòrpa. Bheireadh slighe-rèile roghainn nas buannachdaile an àite nan slighean cunnartach timcheall Adharc Afraga agus gob Ameireaga-a-deas.
Bheireadh an t-slighe-rèile cothrom cuideachd do luchd-gnothaich feum a dhèanamh den bheartas stòras nàdarrach a chaidh a lorg an taobh a-staigh Chanada. Dh’fhaodadh gual, fiodh, meatailtean luachmhor agus neo-luachmhor, gràinne agus bàrr eile a thoirt bho chost gu cost.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Chan fheumadh eilthirich ùra mìosan a chaitheamh a’ coiseachd gu àitichean-tuineachadh sa chèarnaidh a-staigh no san iar. Cha robh an turas ach beagan làithean air rèile. Bhiodh obair lagha nas fhasa, le freagairtean a’ tighinn nas luaithe.
Gheàrr an Canadian Pacific Railway (CPR) slighe tarsainn Canada.
Bha an slighe-rèile deiseil san t-Samhain 1885. Chuir Albannach, Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn an “spreod deireannach” an sàs aig Creag Ealachaidh am Bealach na h-Iolaire, British Columbia. B’ e fear-gnothaich, fear-politigs, agus ionmhasaiche-rèile a rugadh am Farrais, Moireibh a bha an Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, a’ chiad Baran Srath-chona agus Beinn Rìoghail.
Goirid an dèidh don t-slighe-rèile fosgladh, chaidh loidhnichean telegraf an àirde ri thaobh, a’ toirt piseach air ceanglaichean agus malairt tarsainn Chanada.
Tha na dealbhan gu h-àrd air an cleachdadh le cead fo Creative Commons air Flickr. Tha na dealbhan le: Mistr.John, Musée McCord Museum, Studiolit agus ViaMoi.
Find us on