Scotlands History\|Scots and Australia

Astràilia san 21mh linn

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Tha Astràilia a-nis na nàisean bheothail sa bheil daoine à iomadh dùthaich a’ fuireach.

B’ e na Tùsanaich agus muinntir Eileanan Caolas Thorres a’ Chiad Astràilianaich. Tha an cultar agus an dualchas gun shamhail agus cho sean ri gin a th’ air an t-saoghal. O chionn a dhà no trì cheudan bhliadhnachan thàinig mòran à dùthchannan eile a dh’fhuireach a dh’Astràilia – Albannaich, Èireannaich, Sasannaich, Cuimrich, Afraganaich, Àisianaich, Ameireaganaich agus Eòrpaich.

Chuir iad uile ri Astràilia agus an dòigh-beatha.

Cha robh na Tùsanaich riamh dhen bheachd gum buineadh an tìr seo dhuinne. Tha i mar mhàthair dhuinn.

’S ann às an seo a thàinig sinn agus tillidh sinn ann. Chan urrainn dhuinn càil a dhèanamh mu dhaoine eile. Tha cus agaibh ann. Chan urrainn dhuinn ur cur air bàta agus ur tilleadh dhachaigh. Mar sin feumaidh sinn an dùthaich a roinn agus an aire a thoirt oirre. Buinidh an dùthaich dhuinn uile. Dìreach thachair gur sinne a bha an seo an toiseach.

Allen Madden, seanair Gadigal de nàisean Eora, san Sun-Herald extra, An Gearran 2009

 

Tha còrr is 200 cànan air feadh Astràilia; eadar Beurla, Eadailtis, Greugais, Arabais, Cantonese agus Gàidhlig. Tha ceud cànan Tùsanach ann an Astràilia.

Tha eucorach ann an sinnsearachd ceithir millean, mu 22%, Astràilianach.

An-diugh tha mu 21 millean a’ fuireach ann an Astràilia. Rugadh 43% dhiubh ann an dùthaich eile no tha pàrant aca a rugadh ann an dùthaich eile.

Tha Astràilianaich de gach creideamh, treubh, dùthaich agus eachdraidh shòisealta beò còmhla ann an sìth...

...Tha a’ choimhearsnachd ann an Astràilia a’ cur luach air saorsa agus urram do gach neach, saorsa creideimh, dealas dhan lagh, deamocrasaidh sa phàrlamaid, co-ionannachd fhear agus mhnathan agus spiorad co-ionannachd a tha a’ gabhail a-steach spèis, fulangas, cothromachd agus co-fhaireachdainn do dhaoine ann an èis agus do mhath a’ phobaill.

‘Beatha ann an Astràilia,’ Roinn In-imrich agus Saoranachd Astràilia

Air an 10mh dhen Dùbhlachd 1992 rinn Paul Keating, a bha na Phrìomh Mhinistear air Astràilia aig an àm, òraid ris an canar ‘Òraid Pàirc Redfern’. Chaidh gabhail ris san òraid gun do dh’fhuiling Tùsanaich Astràilia agus gun robh àite aig Astràilianaich eile anns na dh’fhuiling iad.

San 21mh linn, air an 13mh dhen Ghearran 2008, thuirt am Prìomh Mhinistear, Kevin Rudd ri Tùsanaich Astràilia gun robh e duilich airson na thachair dhaibh agus chuir e Leisgeul Nàiseanta dha na Ginealaich a Ghoideadh, fa chomhair Pàrlamaid Astràilia ann an Canberra. Bha na milleanan de dh’Astràilianaich a’ coimhead na Leisgeil Nàiseanta.

Thuirt Rudd gun robh e duilich airson leòn agus bròn san àm a dh’fhalbh agus gun robh e a’ coimhead air adhart ris an àm ri teachd:

...Àm a bhios stèidhte air spèis dha chèile, air an aon amas dhuinn uile agus air dleastanas airson gach neach.

Bidh Astràilianaich, ge b’ e càit às an robh iad bho thùs, dha-rìribh co-ionann. Bidh co-ionannachd chothroman aca agus pàirt co-ionann ann a bhith a’ cumadh na h-ath chuid de dh’eachdraidh Astràilia.

Tha Astràilianaich a’ creidsinn gu bheil e cudromach co-ionannachd chothroman a bhith aig a h-uile duine. Bidh Albannaich a’ tighinn a dh’Astràilia airson beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin tron comas agus tro obair chruaidh.

An-diugh tha Astràilia a’ gabhail ri na thachair san àm a dh’fhalbh agus airson a bhith cinnteach gum bi cothroman ann dhan h-uile duine.

Feumaidh spèis a bhith againn do chòir dhaoine eile tighinn gu co-dhùnadh còmhla. Feumaidh cothrom a bhith aig Tùsanaich agus aig daoine eile còraichean laghail agus poilitigeach a leasachadh airson gum meal sinn a’ chòir ar cultar, ar dualchas agus ar fearann a ghleidheadh mar dhùthaich aonaichte Astràilia.

Dr Jackie Huggins, Aboriginal academic and author, Deputy Director of the Aboriginal and Torres Strait Islander Unit at the University of Queensland, and former Co-Chair of Reconciliation Australia

GetUp Mob - Bho rudan beaga, fàsaidh rudan mòr

Èist ris a’ ghnè nodha seo de òran clasaigeach Astràilianach, air ath-oibreachadh mar fhreagairt do leisgeul Kevin Rudd do na ‘Ginealaich a Ghoideadh’.