English
Dè an creutair as marbhtaiche ann an Astràilia? Cia mheud uair a dh’fhiotadh Alba ann an Astràilia? Dè th’ ann an drop bear agus ann am billabong? Seo deich rudan ’s dòcha nach b’ aithne dhut mu Astràilia.
Dè cho mòr ’s a tha Astràilia?
Tha Astràilia uabhasach fhèin mòr. Tha 7,617,930 cilemeatair ceàrnagach a dh’fharsaingeachd innte. Chan eil ach 78,722 cilemeatair ceàrnagach ann an Alba. Mar sin dh’fhaodadh tu Alba a chur ann an Astràilia 100 turas.
Cia mheud duine a tha a’ fuireach ann an Astràilia?
’S ann an Astràilia a tha an dùmhlachd sluaigh as lugha air an t-saoghal – dìreach dithis gach cilemeatair ceàrnagach. Tha mu 21,262,641 duine ann an Astràilia eadar fir, mnathan agus clann. Tha a’ mhòr-chuid de dh’Astràilianaich a’ fuireach ann am mòr-bhailtean faisg air a’ chladach (agus an tràigh).
Tha mu 5.1 millean ann an Alba agus tha 67 ann airson gach cilemeatair ceàrnagach.
Tha mu 4,336,374 a’ fuireach ann an Sydney agus New South Wales.
Tha mu 578,790 ann an Glaschu, mu 448,624 ann an Dùn Èideann, mu 202,370 ann an Obar Dheathain agus mu 50,000 ann an Inbhir Nis. Dh’fhaodadh tu an sluagh gu lèir ann an Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain agus Inbhir Nis a chur ann an Sydney trì tursan.
Carson a tha uimhir de bheathaichean annasach ann an Astràilia?
O chionn nan deichean mhilleanan bhliadhnachan bha Astràilia na pàirt de mhòr-roinn air leth mòr dhen ainm Gondwana. Nuair a bhris e air falbh, o chionn còrr is 50 millean bliadhna, thòisich mòran de bheathaichean annasach air fàs. Bha iad uile freagarrach air àrainnean eadar-dhealaichte Astràilia.
Seo cuid dhe na creutairean nach fhaighear ach ann an Astràilia:
Koala – beathach beaga, molach. Bidh e ag ithe duilleagan eucalyptus agus a’ cadal eadar 18 agus 20 uair a thìde gach latha.
Wombat – marsupial mòr le ìnean fada biorach airson cladhach agus le dìon air an deireadh gus nach ith na dingothan e nuair a tha e a’ cladhach fon talamh.
Quokka – marsupial beag a bha dùil aig daoine uaireigin a bha air a dhol à bith. Bha dùil aig fear-rannsachaidh Dùitseach gur e radan mòr a bh’ ann an quokka a chunnaic e ann am Peairt air taobh an iar Astràilia. Thug e mar sin Eilean Rottnest – Eilean Neadan nan Radan air an eilean.
Numbat – an aon mharsupial a bhios ag ithe sheangain. Bidh e cuideachd ag ithe mhialan. Tha bian srianagach air an numbat agus bidh e gu math trang tron latha. ’S ann air an oidhche a bhios a’ mhòr-chuid de mharsupialan a’ nochdadh.
Bilby – marsupial beag mu mheud rabaid. Tha cluasan mòra air a bhios ga chuideachadh a’ call teas agus airson èisteachd ri creachadairean. Ann an Astràilia ’s e am bilby glè thric a chithear aig a’ Chàisg an àite rabaid oir ’s e plàigh a thug daoine a-steach a tha sna rabaidean.
A bheil creutairean à Astrailia ann an Alba?
Tha. Tha beathaichean agus eòin à Astràilia ann an sutha Dhùn Èideann. Chì thu wallabaidhean, koalathan, potorùan, dràgoin fheusagach, cocatùthan agus lorikeetean.
Tha wallabaidhean cuideachd ann am Pàirc Safari Bhlàr Dhruimein agus ann an Ionad Bheathaichean Champerdown. Chithear an t-each-uisge calgach agus each-uisge le brù mhòr ann an Aquarium Loch Laomainn.
Tha coloinidh de wallabaidhean fiadhaich cuideachd ann an Alba. Sna 1970an chuir a’ Bhaintighearn Arran Colquhoun wallabaidhean air Innis Chonachain ann an Loch Laomainn.
Ann an 1980 chaidh Fiona Bryde Colquhuon, Ban-diùc Arainn, a chlàradh mar an tè bu luaithe air uisge nuair a ràinig i 102msu ann am bàta cumhachd air Loch Windermere. B’ i a’ chiad neach a chaidh thairis air 100msu ann am bàta aig muir. ’S e Baintighearn Arainn a stèidhich Bile Dìon nam Broc agus bha i na banacharaid do dh’Iain Fleming a chruthaich James Bond. Tha sliochd nan wallabaidhean sin fhathast air an eilean.
Dè th’ ann am billabong agus ann an googie?
’S e toll-uisge, gu h-àraidh aig lùb ann an abhainn, a th’ ann am billabong. Thathar dhen bheachd gun tàinig am facal ‘billabong’ bhon fhacal ‘bilabang’ ann a’ Wiradjuri. ’S e Wiradjuri cànan dualchasach muinntir Wiradhuri ann an New South Wales.
Faclan agus ainmeannan Tùsanach eile as dòcha as aithne dhut:
Kylie – facal Noongar a’ ciallachadh a bhith a’ sadail bioran, boomerang.
Canberra – Tha prìomh bhaile Astràilia air ainmeachadh air ‘Kanbarra’ a tha a’ ciallachadh ‘àite-coinneachaidh’ ann an Ngunnawal, cànan nan Ngabri.
Didgeridoo no didjeridu – inneal-ciùil gaoithe de dh’fhiodh a bh’ air a dhèanamh gu traidiseanta à fiodh eucalyptus a bha mialan air a chladhach. Cha bhi a’ cluich an didgeridoo ach fir aig deas-ghnàthan.
Witchetty grub no witjuti grub – larbha mòr, tiugh, geal an leòmainn. ’S e ‘wityu’ an t-ainm Adynyamathanha airson bioran cam airson a bhith a’ cladhach airson bhoiteagan. Bidh daoine ag ithe witchetty grubs air am biadh no ‘tucker’ air an dùthaich; faodar an ithe amh no bruich agus tha tòrr pròtain annta agus tha blas caran coltach ri almoin orra.
Googie no goog – ainm na cloinne airson ugh. Iarraidh clann ann an Astràilia ‘googie’ no ‘ugh googie’. Chan e facal Tùsanach a th’ ann an googie. Tha e nas dòcha gun tàinig e bho ‘goggie’ – facal chloinne ann an Alba airson ugh.
Dè an creutair as marbhtaiche ann an Astràilia?
Chan e cearban a th’ ann.
Chan e crogall a th’ ann.
Chan e damhan-allaidh marbhtach nan lìon-funaileach a th’ ann.
’S e muir-teachd a’ bhogsa an creutair as marbhtaiche ann an Astràilia. Tha e cho cunnartach is gun do mharbh e barrachd dhaoine na mharbh na crogaill agus na cearbain còmhla.
Na cuir gu bràth do làmh ann an toll san talamh. Tha naoi dhe na damhain-allaidh as cunnartaiche air an t-saoghal ann an Astràilia.
Cùm sùil a-mach airson drop bears. Tha iad nan co-oghaichean borb dha na koalas. Bidh iad am falach ann an geugan nan craobhan guma gus am faigh iad ionnsaigh a thoirt air luchd-turais nach eil air am faiceall. Tha ìnean agus fiaclan biorach air drop bears agus tha iad an ìre mhath beò sa mhac-meanmna.
Dè th’ ann am monotremes?
Tha am platypus agus an echidna nan creutairean cho annasach agus gur iad na h-aon mhenotremes air an t-saoghal; tha iad nam mamailean a bhios a’ breith uighean.
Tha gob air platypus a tha coltach ri gob tunnaig agus earball coltach ri earball bìobhair. Tha e beag, molach ach chan eil e gun lochd. Tha spìoc bheag, phuinnseanta aig platypus fireann a bhios e a’ cleachdadh airson e fhèin a dhìon. Faodaidh am puinnsean cù beag a mharbhadh agus bidh daoine glè thinn fad mhìosan às a dhèidh.
’S e beathach calgach a dh’itheas seangain a th’ ann an echidna. Tha e gu math nas motha na gràineagan. Tha e beò air mialan agus seangain. Bidh echidna boireann a’ breith aon ugh a chuireas i na poca. Canar ‘puggle’ ri echidna òg. Bidh an fheadhainn òga a’ deoghal bainne bho àitean deoghail am màthar.
Dè an seòrsa craoibhe a tha cho sean ri dìneasoran?
Craobh-ghiuthais Wollemi.
San t-Sultain 1994, lorgadh a’ chraobh-ghiuthais Wollemi ann am Pàirc Nàiseanta Wollemi sna Beanntan Gorma.
Chaidh deit o chionn 200 millean bliadhna a chur air fosail na craoibh Wollemi a bu shine. Bha i air an t-saoghal còmhla ri plesiosaurus san linn Iurassaig. Tha a’ chraobh Wollemi còrr is 100 millean bliadhna nas sine na Tyrannosaurus Rex.
Tha a’ chraobh Wollemi gu math, gu math tearc. Tha nas lugha na 100 dhiubh a’ fàs a-nis leotha fhèin gu fiadhaich. Tha Liosan Luibhean air feadh an t-saoghail a-nis ag obrachadh còmhla gus a dìon. Chì thu a-nis craobhan giuthais Wollemi a’ fàs ann an Alba san Lios Luibh-eòlais Rìoghail ann an Dùn Èideann, ann an taigh-glainne Lùchairt Kibble san Lios Luibh-eòlais Rìoghail ann an Glaschu agus ann an Lios Geamhraidh Daibhidh Welch ann an Obar Dheathain.
Dè tha brataichean nan Tùsanach is Eileanaich Caolas Thorres a’ samhlachadh?
Chaidh a’ bhratach Astràilianach Thùsanach a dhealbh leis an neach-ealain Thùsanach, Harold Thomas, ann an 1971. B’ e bratach casaid a bha seo; nochd i an toiseach air Latha Nàiseanta nan Tùsanach ann an Adelaide. An dèidh sin thàinig i gu bhith na bratach oifigeil aig Ambasaid Theantaichean nan Tùsanach ann an Canberra, prìomh bhaile Astràilia.
Bidh bratach nan Tùsanach air iomadh togalach, mar tallachan baile, còmhla ri bratach Astràilia.
Thuirt Harold Thomas gu bheil an dath dubh a th’ air a’ bhrataich a’ riochdachadh Tùsanaich Astràilia. Tha an dearg a’ riochdachadh na h-ùir dheirg. Bha peant dearg air a chleachdadh ann an deas-ghnàthan agus bha e a’ sealltainn a’ cheangail spioradail a bha eadar na Tùsanaich agus an talamh. Tha an cearcall buidhe a’ riochdachadh na grèine – a bhios a’ toirt dhuinn beatha agus dìon.
Chaidh bratach Eileanaich Caolas Thorres a dhealbh le Bernard Namok. Chaidh gabhail ris ann an 1992 nuair a bhuannaich e farpais dealbhaidh a chuir Comann Co-òrdanachaidh an Eilein air chois. Ghabh Coimisean nan Tùsanach agus Muinntir Eilean Thorres (ATSIC – Aboriginal and Torres Strait Islander Commission) ris a’ bhrataich agus thug iad àite dhi a bha co-ionann ri Bratach Thùsanach Astràilia.
Tha an dath dubh a’ riochdachadh nan Tùsanach, tha an t-uaine a’ riochdachadh an fhearainn agus tha an gorm a’ riochdachadh na mara. Tha an geal a’ riochdachadh sìth. Tha an dhari, no còmhdach cinn, a’ riochdachadh muinntir Eileanan Caolas Thorres agus tha rionnag nan còig goban a’ riochdachadh nan còig buidhnean eileanan ann an Caolas Thorres.
San Iuchar 1995, fhuair bratach Thùsanach Astràilia agus bratach Eileanaich Caolas Thorres aithne oifigeil mar ‘Brataichean Astràilia’ bho riaghaltas Astràilia fo Earrann 5 de dh’Achd nam Brataichean 1953.
Dè tha sa Chrois a Deas?
Tha sia reultan air bratach Astràilia. ’S e reul a’ cho-fhlaitheis tè dhiubh. ’S e na còig reultan san reul-bhad a’ Chrois a Deas.
Is iad na còig reultan sa Chrois a Deas Alpha Crucis, Beta Crucis, Gamma Crucis, Delta Crucis agus Epsilon Crucis. Tha a’ Chrois a Deas air a cleachdadh airson smaraireachd anns an Leth-chruinne a Deas.
Bha reultan deàlrach na Crois a Deas glè chudromach dhan Chiad Astràilianaich. Bidh cuid ga faicinn mar spuir iolaire.
Bidh Eileanaich Caolas Thorres ag innse mu dheidhinn Tagai, gaisgeach à Caolas Thorres, le sleagh iasgaich aige na làimh. Tha sleagh iasgaich Tagai a’ riochdachadh na Crois a Deas.
Find us on