English
Ann am meadhan an 19mh linn bha nigheanan a bha nan dilleachdain agus boireannaich shingilte a bha ‘gun dìon’ a’ faighinn cuideachadh airson a dhol a dh’Astràilia a lorg obair agus fir.
Tràth ann an 1848 bha na h-eucoraich mu dheireadh air falbh à Taigh-feachd Hyde Park, bha gluasad dhaoine gu New South Wales air stad agus bha rumannan-cadail nan eucorach air dùnadh.
Bha Taigh-feachd Hyde Park ga chleachdadh mar Ionad In-imrich Bhoireannach.
Eadar 1848 agus 1886 thàinig na mìltean de nigheanan agus de bhoireannaich à Èirinn, Sasainn, a’ Chuimrigh agus Alba a dh’Astràilia a lorg obair agus bhiodh iad a’ fuireach greis ann an Taigh-feachd Hyde Park.
Bha riamh barrachd de dh’fhireannaich na de bhoireannaich sa choloinidh seo ann an Astràilia. Ma bha an coloinidh gu bhith buan, bha feum air barrachd bhoireannaich aig am biodh clann. Bhathar cuideachd dhen bheachd gun toireadh boireannaich buaidh mhath air na fir.
Bha na taighean-obrach ann am Breatainn agus ann an Èirinn làn bhoireannaich nach robh pòsta agus nigheanan a bha nan dilleachdain. Bha mòran dhe na boireannaich gun obair agus eagal orra ron taigh-obrach. Bha mnathan nan eucorach ag iarraidh a dhol a dh’Astràilia airson a bhith còmhla ri na fir aca. Bha beatha ùr ann an Astràilia tarraingeach do chuid de bhoireannaich nuair a thòisich beachdan dhaoine ag atharrachadh agus an coloinidh ga sealltainn mar àite math airson fuireach ann.
Tha iarraidh mhòr air mnathan dhan h-uile seòrsa duine eadar cìobairean agus fir-uasail le 1,000 beathach cruidh agus 20,000 caora. Tha fireannaich sa Choloinidh a’ dèanamh fhir-phòsta mhath, co-dhiù ’s e eilthirich a th’ annta no feadhainn a rugadh san àite. Tha iad còir, coibhneil agus fialaidh. Ged a tha iad caran borb ri chèile nan cainnt, cha chuala duine riamh ‘Bushman’ a’ bualadh a mhnatha ...
... Chan eil na bothain air a bhith uabhasach cofhurtail san fharsaingeachd: ach chan eil adhbhar sam bith nach biodh iad air an togail pailt cho math ri taighean tuathanais ann an Sasainn agus le àirneis a cheart cho math. Bidh banntraichean òga agus dilleachdain gu math nas sàbhailte ann am baile ann an Astràilia na bhiodh iad ann am bailtean na Roinn Eòrpa. Bidh iad air an dìon nas fheàrr agus bidh cothroman nas fheàrr aca.
(Leabhar-latha Eilthirich à Sydney, 1848)
Download Adobe Flash Player to watch the video online.
Bha an turas a dh’Astràilia a’ toirt trì mìosan. Bhiodh cur na mara air na nigheanan agus glè thric bhiodh mialan a’ cur orra. Cha robh am biadh ach gann agus cha robh cùisean mòran na b’ fheàrr na bha iad air soithichean nan eucorach. Dh’fhàs iomadh nighean tinn; chaochail cuid dhiubh agus chaidh an tiodhlacadh aig muir.
Ann an Taigh-feachd Hyde Park bha na boireannaich agus na nigheanan a’ faighinn biadh agus àite-fuirich gus am faigheadh iad obair no gus an coinnicheadh iad an teaghlaichean a-rithist.
Bha ‘làithean fastaidh’ ann gach seachdain. An uair sin bhiodh boireannaich uasal a’ tighinn a’ lorg shearbhantan. Bhiodh na boireannaich agus na nigheanan mar sin ag obair nan searbhantan, no a’ nigheadaireachd, a’ glanadh thaighean, a’ fuaigheal, a’ còcaireachd no ag obair air tuathanas. Eadar na làithean fastaidh bhiodh iad ag ionnsachadh fuaigheal agus sgilean eile, a’ sgrìobhadh litrichean no a’ faighinn ionnsachadh ann an creideamh.

Glè thric bhiodh na boireannaich agus na nigheanan a’ falach rudan fon làr ann an Taigh-feachd Hyde Park. Bhiodh na radain, a bha air feadh an àite, cuideachd a’ goid rudan beaga agus gan cur dha na neadan aca. San 20mh linn lorg arc-eòlaichean, a bha a’ cladhach aig Taigh-feachd Hyde Park, iomadh seòrsa rud fon làr agus ann am ballachan an Taigh-feachd:
Lorg na h-arc-eòlaichean aig Taigh-feachd Hyde Park mumaidhean radain fon làr.
Fhuair a’ mhòr-chuid dhe na nigheanan agus na boireannaich a thàinig a dh’Astràilia obair agus fir. Bha iad nam mnathan agus nam màthraichean agus bha an dòigh-beatha aca gu math eadar-dhealaichte on dòigh-beatha a chleachd a bhith aca.
Find us on