English
Canar ‘Athair Astràilia’ ri Lachlainn MacGuaire. Mar Riaghladair air New South Wales eadar 1810 agus 1822, rinn e leasachadh air coloinidh nan eucorach agus thòisich e air pròiseact togail mòr ann an Sydney.
Rugadh Lachlainn air an 31mh dhen Fhaoilleach 1762 air eilean beag Ulbha sna h-Eileanan A-staigh. Bha Lachlainn càirdeach dhan cheann-feadhna mu dheireadh a bh’ air Clann MhicGuaire agus cuideachd dhan cheann-feadhna air Loch Buidhe ann am Muile.
Chaidh Lachlainn dhan arm, an toiseach mar neach-brataich sna ‘Royal Highland Emigrants’. Thar nam bliadhnachan chaidh a chur air feadh an t-saoghail – eadar Alba Nuadh, New York, Charleston, Iameuga, Mumbai agus Cairo.
Ann an 1808 bha Lachlainn MacGuaire os cionn na 73mh Rèisimeid Choise, am Freiceadan Dubh. Sgrìobh e gu Castlereagh, Rùnaire a’ Chogaidh agus nan Coloinidhean, ag iarraidh a bhith na Riaghladair air New South Wales seach gun deach an Riaghladair a bh’ ann roimhe, Uilleam Bligh, a chur às a dhreuchd.
Chaill an Caiptean Uilleam Bligh smachd air an t-soitheach aige nuair a rinn an criutha ceannairc air a’ Bhounty sa Ghiblean 1789. Ann an Astràilia, air an t-26mh dhen Fhaoilleach 1808, rinn an New South Wales Corps, fon Mhàidsear Seòras MacIain, ceannairc an aghaidh Uilleam Bligh ann an Ar-a-mach an Ruma. Mhèarrs iad air Taigh an Riaghaltais ann an Sydney, chuir iad an Riaghladair Bligh an grèim agus ghabh iad thairis an t-àite.
Chaidh an New South Wales Corps a ghairm air ais a Shasainn agus chaidh an 73mh Rèisimeid Choise, fo MhacGuaire, a chur nan àite. Air an 22ra dhen Chèitean 1809 dh’fhàg Lachlainn MacGuaire agus a bhean, Ealasaid, Portsmouth ann an Sasainn agus iad air an t-slighe a dh’Astràilia.
Download Adobe Flash Player to watch the video online.
Chùm Ealasaid NicGuaire leabhar-latha mun turas thar nan seachd mìosan a lean.
Là na Sàbaid 4mh Ògmhios. Tha an t-sìde air a bhith gu math fiadhaich o chionn ochd latha; bha a’ ghaoth nar n-aghaidh fad an t-siubhail; bha i gar crathadh ... bha fìor dhroch ghèile ann fad an latha an-diugh ...
An Lùnastal. Aon latha nuair a bha an soitheach a’ dèanamh ochd mìle-mara san uair, thuit feareigin a-mach air a’ mhuir – thuit e a-mach an deireadh agus seachad air uinneag a’ chèabain againn. Chunnaic mi rudeigin a’ tuiteam ach cha robh càil a dh’fhios agam gur e duine a bh’ ann gus an cuala mi e a’ leigeil èigh uabhasach às. Ruith MacGuaire air adhart agus rinn e na b’ urrainn dha airson a bhrosnachadh grèim a chumail air slat-iasgaich a bha crochte ri deireadh an t-soithich – stad an soitheach, chaidh eathar a leigeil sìos agus chaidh an duine a chaomhnadh.
Ealasaid NicGuaire, 1809

Ràinig teaghlach MhicGuaire agus an rèisimeid Port Jackson ann an Sydney air an 28mh dhen Dùbhlachd. Thàinig Lachlainn MacGuaire gu bhith na Riaghladair air 1d dhen Fhaoilleach 1810. Bha an Riaghladair MacGuaire a’ coimhead air Sydney mar thuineachadh seach mar choloinidh peanais. Chuir e eucoraich a dh’obair a’ togail rathaidean agus thogalaichean. Chuir e uallach na h-obrach air eucoraich le sgilean agus thug e duaisean dhaibh airson obair chruaidh.
Dhealbh Francis Greenway, ailtire a chaidh a dhìteadh air sgàth foill agus a chur a dh’Astràilia, sreath de thogalaichean ùra do MhacGuaire. Am measg thogalaichean Greenway bha Taigh-feachd Hyde Park, Taigh an Riaghaltais agus Eaglais an Naoimh Sheumais. Gu h-annasach, bha dealbh Francis Greenway, am fear a dhìteadh airson foill, air notaichean banca $10 ann an Astràilia bho na 1960an gu na 1990an.
Thug MacGuaire an t-ainm Castlereagh, an dèidh Rùnaire na Stàite airson nan coloinidhean, air baile faisg air Sydney agus thug e Pitt air fear eile an dèidh Uilleam Pitt, am Prìomh Mhinistear. Thug e cuideachd Wilberforce air baile an dèidh Uilleam Wilberforce a bhiodh ag iomairt an aghaidh tràillealachd. Thuirt MacGuaire gun robh seo mar urram agus spèis dhan duine chòir, bheusach, Uilleam Wilberforce, BP – a bha dìleas dha rìoghachd agus a bha na charaid dhan chinne-daonna.
Sgrìobh Wilberforce gu MacGuaire ag ràdh nam biodh e cùramach mu chreideamh agus mu mhoraltachd sa Choloinidh gun dèanadh e feum nach creideadh duine dha na daoine. Sgrìobh Ealasaid mun turas a choinnich iad ri soitheach àPortagail a bha làn bhoireannaich a bha nan tràillean agus iad air an slighe a dh’Astràilia.
... bha galar gabhaltach nam measg agus ghabh an Caiptean agus mòran dhe na tràillean e. Gus stad a chur air a’ ghalar cho luath ’s a ghabhadh, thòisich iad a’ dèanamh rud a bha uabhasach borb. Bha iad a’ sadail nan tràillean dhan mhuir nuair a dh’fhàsadh iad tinn. Nuair a chuala sinn seo, smaoinich sinn uile air Mgr Wilberforce.
Ealasaid NicGuaire, 1809

Thòisich an luchd-tuineachaidh saor ann an Sydney a’ gearan air sgàth ’s gun robh MacGuaire a’ dèiligeadh ri daoine a chleachd a bhith nan eucoraich mar dhaoine saor agus co-ionann. Bha MacGuaire a’ creidsinn ann a bhith a’ toirt cothrom eile dha na h-eucoraich. Bha buaidh aig beachdan an t-Soillseachaidh agus ailtireachd air agus thòisich e air Sydney ùr ‘leasaichte’ a thogail agus coloinidh na b’ adhartaiche.
Air a’ cheann thall chaidh gearan ri Sasainn mu oidhirp MhicGuaire a bhith a’ cuideachadh nan daoine agus rinn am britheamh Iain Tòmas Bigge rannsachadh air a’ chùis. Leig MacGuaire dheth an obair agus thill e a Bhreatainn airson sabaid an aghaidh nan casaidean.
Nuair a dh’fhàg MacGuaire agus a bhean Sydney, bha an cala:
... làn le fireannaich, boireannaich agus clann agus bha mòran bhàtaichean a’ seòladh no ag iomramh sa chala agus iad làn dhaoine a bha a’ bualadh am basan nuair a chaidh sinn seachad. B’ e sealladh toilichte a bha seo dhuinn – ach aig an aon àm bha sinn duilich.
Lachlainn MacGuaire, 1822
Tha liosta pheataichean a thug e à Astràilia a Bhreatainn ann an leabhar-latha MhicGuaire. Nam measg bha seachd cangarùthan, sia emuthan, seachd ealachan dubha, dà bhrolga, dà chocatù gheal agus grunnan phitheidean.
Ghabh MacGuaire tide dheth bho bhith a’ dìon a chliù airson a bhean a thoirt air Turas Mòr. Thadhail iad air An Fhraing, An Eadailt agus An Eilbheis. Bha teaghlach MhicGuaire a’ fuireach air oighreachd Jarvisfield, a bhuineadh do Lachlainn, ann am Muile.
Chaochail Lachlainn MacGuaire ann an 1824. Chaidh a thiodhlacadh còmhla ri a theaghlach ann am Muile. Anns an tiomnadh aige tha e ag ràdh gu bheil ‘toileachas, cùram, cofhurtachd agus beatha bheusail do dh’Ealasaid nas prìseile dhomh na càil sam bith eile air an t-saoghal.’ Tha Urras Nàiseanta Astràilia a’ coimhead às dèidh uaigh MhicGuaire. Sgrìobhte oirre tha ‘The Father of Australia.’
Download Adobe Flash Player to watch the video online.
Làrach-lìn ag innse mu na th’ ann an Seòmar Lachlainn MhicGuaire, ath-chumadh iomlan air rùm ann an taigh MhicGuaire ann am Muile. Cuideachd san t-seòmar tha nithean co-cheangailte ri Lachlann MacGuaire, ri theaghlach ’s ri eachdraidh an taighe.
Air làrach-lìn Leabharlann na Stàite ann an New South Wales gheibhear trusadh de fhiosrachadh mu àm MhicGuaire ann an eachdraidh thùsail luchd-imrich Astràilia, na mheasg an duilleag seo a’ sealltainn Sidni mar bha e a’ coimhead ann an 1821.
’S e pìos àlainn de stuth Astràilianach bhon 19mh linn a th’ ann an ciste mhaisichte an Riaghladair Lachlann MacGuaire.
Find us on