English
San stòras ionnsachaidh air-loidhne seo tha eachdraidh is ìomhaighean fhir is mhnathan dùchasach. Ann an cuid de choimhearsnachdan Àiteachaireil agus Eilean Srath Thorrais, is dòcha gum bi e na adhbhar bròin is àmhghair deilbh de dhaoine a bhàsaich fhaicinn.
Tha rabhadh ann do dhaoine dom faodar oilbheum a dhèanamh gu faod a leithid de ìomhaighean ’s de theacsa nochdadh air an làraich seo.
Bho chionn ceathrad mìle bliadhna, nuair bha Alba fo mhìltean deighe, sheas daoine an toiseach air talamh dearg Astràilia.
Deichean mhìltean bliadhna às dèidh sin sheòl Albannaich gu taobh thall an t-saoghail a shireadh na dùthcha neo-aithnichte mu dheas.
Bha iomadh pàirt mhòr aig Albannaich ann an sgeulachd Astràilia. B’ e ciomaich, saighdearan is riaghladairean, luchd-tuinidh agus rannsaichearan òir, rainsearan-coille, marsantan agus inn-imrichean a bh’ anns na h-Albannaich.
’S e amas an stòrais ùir seo sgeul nan Albannach an Astràilia innse. ’S i sgeul nan ciad Astràilianach agus nan Albannach ’s nan Eòrpach a rinn an dachaigh an Astràilia.
Or, download Adobe Flash Player to watch the video online.
Fàilte don Dùthaich – Allen Madden, Èildear Gadigal nàisean Eora, Oifigear Foghlaim agus Cultair Metropolitan Local Aboriginal Land Council.
Tha fàilteachadh dhaoine don dùthaich na chleachdadh traidiseanta sònraichte.
Nuair thadhaileas daoine dùchasach air àitean nan dùthaich is dòcha gu labhair iad ri spioradan sinnsearail an àite sin gus am bi aithne aca cò iad, agus cò tha còmhla riutha. Ann an cuid de àitean is dòcha gum bithear a’ cur fàilte air luchd-tadhail ann an dòigh eile – is dòcha gur ann le òraid fàilteachaidh fhoirmeil no neo-fhoirmeil no le seirbheis de sheòrsa eile.
PDF file: Welcome to country - Respecting Indigenous culture for travellers in Australia

This Scots and Australia online resource was developed with the support of the Historic Houses Trust, the Metropolitan Local Aboriginal Land Council, the Rocks Discovery Museum, the State Library of New South Wales, the State Library of Victoria, the National Library of Scotland and the Heritage Education Forum.

Find us on