Scotlands History\|Scots and Australia

Buaidh air na Tùsanaich

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Ann an 1788, nuair a ràinig a’ Chiad Chabhlach de dh’eucoraich à Breatainn, bha mu 500,000 Tùsanach a’ fuireach ann an Astràilia. An-diugh chan eil ann ach mu 270,000; tha a’ mhòr-chuid a’ fuireach ann am mòr-bhailtean agus ann am bailtean.

Bha muinntir Eora a’ fuireach san sgìre ris an canar Sydney an-diugh. Bha am facal ‘Eora’ a’ ciallachadh ‘an seo’ no ‘bhon àite seo’. Nuair a dh’fhaighnich na Breatannaich dha na Tùsanaich cò às an robh iad, thuirt iad ‘Eora’. Canar Eora Country fhathast ri Meadhan Shydney.

B’ ann do threubh Tùsanach nan Cadigal a bhuineadh sgìre Baile Shydney bho thùs. Bha 29 buidhnean, no treubhan, timcheall air Sydney. Nam measg bha na Cammeraigal, na Kameygal, na Birrabirragal agus na h-Illawarra. Bha dualchainntean, no fiù ’s cànain, eadar-dhealaichte mar Dharug agus Kurringgai aig gach treubh. Bha an sgeulachdan, an dualchas agus an deas-ghnàthan fhèin aca.

’S e ‘Kooris’ (a’ ciallachadh duine no daoine) an t-ainm a th’ aig Tùsanaich New South Wales agus Bhictòria orra fhèin.

Ann an Queensland ’s e Murri a bhios aig Tùsanaich orra fhèin. Canaidh na Tùsanaich ann an Tasmania Palawa riutha fhèin. ’S e Tùsanaich Taobh an Iar Astràilia a tha sna Nyungar agus ’s e na Yolngu na Tùsanaich à sgìre Tìr Arnhemden Roinn a Tuath.









Thug na Breatannaich a chaidh a dh’Astràilia san 18mh agus san 19mh linn leotha caoraich agus crodh agus thug iad fearann bho na Tùsanaich. Nan toireadh na Tùsanaich leotha sprèidh, glè thric dheaghadh an sealg agus am marbhadh. Bha luchd-tuineachaidh agus eucoraich, Albannaich nam measg, ciontach de mhurt nan Tùsanach Astràilianach.

Mar a thuirt Tom Devine, Àrd-ollamh Eachdraidh na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann:

Glè thric bha na h-Albannaich a chaidh a dh’fhuireach a Bhictòria ri goid fearann agus a’ fuireach air gun chead agus bha droch ainm aca airson a bhith borb. Bha na h-Albannaich a cheart cho dona dha na Tùsanaich ’s a bha na Sasannaich, na Cuimrich agus na h-Èireannaich. Bha e annasach gur e Gàidheil a dh’fhuiling fuadach iad fhèin cuid dhe na daoine a bu mhiosa ...

Dealbh a' sealtainn daoine air bòrd soitheach a dol a dh'Astràlia

Thug na Breatannaich galaran ùra a dh’Astràilia. Bliadhna an dèidh dhan Chiad Chabhlach a dhol ann, bha a’ bhreac air faisg air leth nan Kooris timcheall air Sydney a mharbhadh. Tha cunntasan ann mu chuirp sa chala agus am measg nan creag ris a’ chladach. Mharbh an galar seo an t-ubhas de mhuinntir Eora agus bha iad ri caoidh agus bròn mòr. Thàinig mòran dhe na bha beò às na buidhnean eadar-dhealaichte còmhla agus chruthaich iad buidhnean ùra. Bha mu 200 Koori a’ fuireach ann a’ Woolloomooloo. Ann an 1817 dh’ath-choisrig an Riaghladair Lachlainn MacGuaire an làrach mar sgìre fo dhìon.

Bha an Riaghladair MacGuaire dhen bheachd gum b’ urrainn dha na Tùsanaich a dhèanamh ‘na b’ fheàrr’. Stèidhich e Aitreabh nan Tùsanach, sgoil do chlann nan Tùsanach, airson ‘Sìobhaltachd, Foghlam agus Moraltachd’ ionnsachadh dhaibh.

B’ e sgoil-chòmhnaidh ann am Parramatta a bh’ ann an Aitreabh Thùsanach MhicGuaire. Ann an 1815 chaidh grunnan dhen chloinn aig na Tùsanaich a chur dhan sgoil. Cha bhiodh cead aig na pàrantan a’ chlann aca fhaicinn ach aon latha sa bhliadhna. Ann an 1816 chùm pàrantan Koori a’ chlann às an sgoil. Chaidh saighdearan Breatannach a chur a-mach a ghlacadh na cloinne agus an toirt air ais dhan sgoil. Chaidh còig duine deug de bhalaich agus de nigheanan Koori a thoirt dhan sgoil dhan ain-deòin. Chaidh Aitreabh nan Tùsanach a dhùnadh ann an 1833 nuair a chaochail mòran dhen chloinn leis a’ bhric.

A’ chiad turas a thug Riaghaltas Astràilia clann dhan ain-deoin bho na Tùsanaich b’ ann airson an cur a dh’Aitreabh nan Tùsanach ach cha b’ e sin an turas mu dheireadh a rinn iad e. Eadar 1869 agus 1969 chaidh còrr is 100,000 duine cloinne le na Tùsanaich agus muinntir Caolas Thorres a thoirt bhom pàrantan. Chan fhaca a’ mhòr-chuid dhiubh an teaghlaichean gu bràth tuilleadh.

Thugadh na Ginealaich a Ghoideadh (Stolen Generations) orra.

Ann an 2008 dh’iarr Prìomh Mhinistear Astràilia, Kevin Rudd, air na Ginealaich a Ghoideadh Leisgeul Nàiseanta a ghabhail às leth Riaghaltas Astràilia.