Scotlands History\|Scots and Australia

In-imrichean – Albannaich Astràilia

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

O chionn ceudan bhliadhnachan tha Albannaich agus an teaghlaichean air am bagannan a lìonadh agus air seòladh a dh’Astràilia agus beatha ùr.

Nuair a bha feum aig Astràilia air luchd-obrach eadar 1832 agus 1850, bha na h-Albannaich nan ‘eilthirich le taic’. Dh’fhalbh iad air soithichean air chùmhnant, mar an Stirling Castle san robh 50 tunna a chuideam. Bha na soithichean air chùmhnant bho Ailean Kerr agus a Chompanaidh à Grianaig. Còmhla riutha bha clachairean sgileil, einnseanairean, saoir, goibhnean agus fiù ’s proifeasairean. Aig an aon àm chaidh còrr is 20,000 Albannach a dh’Astràilia mar eilthirich gun taic.

Bhuineadh a’ mhòr-chuid de dh’eilthirich Alba dhan Ghalltachd ach bha mu 10,000 Gàidheal air bòrd nam bàtaichean air chùmhnant a chaidh a dh’Astràilia eadar 1837 agus 1852.

Nam measg bha Ailean Camshron, a rugadh ann an Àird nam Murchan ann an 1837. Nuair a bha e na bhalach beag, chaidh Ailean a dh’Astràilia air soitheach air an robh am ‘Brilliant’. Nuair a bha e na bu shine, dh’inns e mun turas agus a bheatha ann an Astràilia.

'Innsidh mi beagan mun bhàta agus na tha cuimhne agam mu chuid dhen luchd-siubhail. Sheòl sinn à Tobar Mhoire ann an Alba mu mheadhan an Lùnastail ... Cha robh am bàta mòr gu leòr airson na bh’ oirre de dhaoine. Chuala mi iad ag ràdh gum b’ fheudar dhan mhòr-chuid dhe na fir fuireach agus cadal air an deic fad an turais. Bha am bàta air a cumail cho glan ri prìne. Bha cuid le cur-na-mara. Chaochail deichnear chloinne. Cha do chaochail inbhich idir. Bha an luchd-siubhail gu lèir, ach a-mhàin dà theaghlach, à Earra-Ghàidheal. Ràinig sinn Sydney air an 19mh dhen Fhaoilleach 1838

...... Bidh mi tric a’ smaoineachadh mun mhisneachd a bh’ aig na daoine ud a’ tighinn a thìr ùr, a bha làn eucorach, agus le glè bheag de dh’airgead aca agus na dh’fhuiling iad. B’ e Albannaich gu lèir a bh’ air an t-soitheach againn.’

Ailean Camshron (1837 – 1923), New South Wales

Buinidh Valerie J Chamshron Nic a’ Ghobhainn, Ceann-suidhe Comhairle Dualchas Alba an Astràilia, do  shliochd Ailein.

Ann an 1839 rinn Catrìona Eilidh Spence eilthireachd a dh’Adelaide. Rugadh i ann am Maol Ros ann an Crìochan na h-Alba. B’ e Catrìona Spence a’ chiad bhoireannach a bha na tagraiche poilitigeach ann an Astràilia agus a’ chiad thè a bha na neach-naidheachd. Rinn i iomairt airson gum faigheadh boireannaich a’ bhòt agus chante tric gum b’ i ‘Sàr Bhean Astràilia’. Tha i air an not-banca $5 ann an Astràilia.

Eadar 1852 agus 1857 b’ e am fuasgladh a bh’ aig Comann Eilthireachd na Gàidhealtachd is nan Eilean do ghaiseadh a’ bhuntàta gun do chuir iad 4,910 de Ghàidheil, mòran dhiubh às an Eilean Sgitheanach agus à Innse Gall, a dh’Astràilia. B’ e amas a’ chomainn ‘cùisean a chur air adhart a chuidicheadh daoine à pàirtean dhen Ghàidhealtachd, agus gu h-àraidh às an Eilean Sgitheanach, a bha airson eilthireachd a dhèanamh gu Coloinidhean Bhreatainn ach aig nach robh airgead gu leòr gus sin a dhèanamh’. Am measg nan daoine a thug taic dhan sgeama bha a’ Bhanrigh Bhictòria a thug seachad £300, agus am Prionnsa Albert, a thug seachad £105.

Ann an 1895 chluich Cairistiona Rutherford Nic a’ Phearsain port dhan bhàrd Astràilianach, Banjo MacPhàdraig.

... aon latha chluich mi (lem chluais) port a chuala mi còmhlan a’ cluich aig na Rèisean ann a’ Warrambool, baile dùthchail ann an Sgìre an Iar Bhictòria. Dh’fhaighnich Mgr MacPhàdraig dè bh’ ann. Cha robh fios agam agus thuirt e an uair sin gun cuireadh e beagan fhaclan ris. Sgrìobh e a’ chiad rann dìreach an làrach nam bonn.

‘Once a jolly swagman camped by a billabong
Under the shade of a coolibah tree,
And he sang as he watched and waited ’til his billy boiled
’You’ll come a-Waltzing Matilda, with me.’

Sgrìobh Banjo MacPhàdraig an t-òran ‘Waltzing Matilda’ a rèir fonn òran traidiseanta à Alba ’Thou Bonnie Wood Of Craigielea’. Canaidh cuid gur e am bailead dùthchail ’Waltzing Matilda’ ‘laoidh nàiseanta neo-oifigeil Astràilia’.

Chaidh Laoidh Nàiseanta oifigeil Astràilia ’Advance Australia fair’ a sgrìobhadh le Peadar Dodds MacArmaig a rugadh ann am Port Ghlaschu ann an Alba.

Dealbh dhen drochaid ainmeil ann an Sydney

Lean na h-Albannaich orra a’ dèanamh eilthireachd a dh’Astràilia san 20mh linn. Anns na 1920an chuidich clachairean Albannach le togail Drochaid Cala Shydney. Bha mèinnearan Albannach à Siorrachd Lannraig, Fìobh agus à Siorrachd Àir ag obair ann am mèinnean guail ann an New South Wales anns na 1920an agus sna 1930an. Ann an 1929 rinn Alasdair MacRath, a bha bho thus à Ciseorn sa Ghàidhealtachd, an ’cossie’ snàmh ainmeil Astràilianach – Speedos.

Ann an 1930 chruthaich MacRobertson Chocolates Freddo Frog. B’ e mac saoir à Alba a bh’ ann am Macpherson Robertson, a stèidhich ‘MacRobertson Steam Confectionery Works’ agus air an robh dìreach MacRobertson Chocolates an dèidh sin. Chuir e seachad bliadhnachan òige ann an Lìte agus bha e ag ionnsachadh a cheàrd aig companaidh siùcarachd. Nuair a ghluais a theaghlach air ais a Mhelbourne, thòisich e a’ dèanamh shuiteas ann an seòmar-ionnlaid a mhàthar.

Bha an Robasdanach na dhuine a bha ri deagh euchdan a bharrachd air a bhith uabhasach soirbheachail air seòclaid a dhèanamh. Thug e taic do Rèis Adhair MacRobertson eadar Lunnainn agus Melbourne agus thug e seachad an t-airgead airson turas a rinn Breatainn, Astràilia, agus Sealan Nuadh còmhla dhan Antartaig. Chaidh pàirt dhen Antartaig, ‘Tìr MacRobertson,’ ainmeachadh air.

 

An-diugh ’s e Freddo Frog an seòclaid chloinne as fheàrr le clann Astràilia.

An dèidh an Dara Cogaidh chaidh na mìltean de Bhreatannaich a dh’Astràilia. Eadar 1947 agus 1981 ghabh còrr is millean neach à Breatainn brath air sgeama taic siubhail a stèidhich Riaghaltas Astràilia. Dh’fhàg mu 170,000 à Alba nan ‘Ten Pound Poms’ gus tòiseachadh air beatha ùr ann an Astràilia.

Am measg nan Albannach a chaidh a dh’Astràilia bha an teaghlach Young bho cheann an ear Ghlaschu. Ann an 1963 thòisich na Youngs agus an triùir bhalach aca, Aonghas, Calum agus Seòras, beatha ùr ann an Sydney. Bha ceòl gu leòr san teaghlach. Ann an 1973 stèidhich Calum agus aonghas an còmhlan roc, AC/DC. Dh’fhàs an còmhlan ainmeil nuair a thòisich Bon Scott a’ seinn còmhla riutha. Rugadh Scott ann an Cearan Mhoire ann an Siorrachd Aonghais. Rinn a theaghlach eilthireachd à Alba gu Melbourne ann an 1952. Fhuair AC/DC àite ann an Talla Cliù an Rock and Roll ann an 2003.

Ann an 1971 sgrìobh Eric Bogle, a bhiodh a’ seinn agus a’ sgrìobhadh òran, ‘And The Band Played Waltzing Matilda’. Rugadh Eric anns na Puballan ann an Crìochan na h-Alba. Rinn e eilthireachd a dh’Astràilia ann an 1969.

‘And the band played Waltzing Matilda,
As the ship pulled away from the quay,
And amidst all the cheers, the flag-waving and tears, we sailed off for Gallipoli.’

Tha an t-òran ag innse mu shaighdear òg à Astràilia, ANZAC, a thàinig beò à Blàr Ghallipoli sa Chiad Chogadh Mhòr. Fhuair ‘And the band played Waltzing Matilda’, urram mar fhear dhen 30 òran Astràilianach a b’ fheàrr a bh’ ann riamh.

Bidh Albannaich fhathast a’ dèanamh eilthireachd a dh’Astràilia. An-diugh bidh iad a’ sgèith seach a bhith a’ cur seachad sheachdainean no mhìosan ann am bàta. Faodaidh iad bruidhinn rin teaghlaichean agus rin caraidean air webcam no dealbhan a chur air lìonradh sòisealta.

Tha buaidh mhòr air a bhith aig Albannaich ann an Astràilia bho linn a’ Chaiptein Cook agus eucoraich gu na Ten Pound Poms agus luchd-imrich an 21mh linn. Tha eachdraidh Astràilia làn sgeulachdan mu luchd-rannsachaidh à Alba, Albannaich fon choill, eucoraich agus luchd-poilitigs, luchd-ciùil agus luchd-seòclaid.