Scotlands History\|Scots and Australia

Othail an Òir agus Uilleam Arnott

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Nuair a chaidh a dhà no trì chnapan beaga òir a lorg ann an New South Wales ann an 1851, thòisich othail mhòr, uabhasach airson òr agus dh’atharraich Astràilia gu tur.

Thàinig na mìltean a New South Wales a chladhach airson òr agus iad an dòchas fortan a dhèanamh. Thàinig na ceudan mhìltean bho gach ceàrn air an t-saoghal agus iad an dòchas fàs beairteach ann am mèinnean òir Astràilia.

Am measg nan daoine a leig seachad an dòigh-beatha a chleachd a bhith aca airson a dhol air tòir an òir, bha Uilleam Arnott à Fìobha.

dealbh de shoitheach

Dh’fhàg Uilleam Alba san Dàmhair 1847. Ràinig e Sydney 135 latha an dèidh sin air an t- 17mh dhen Ghearran 1848. Chuir Uilleam seachad na trì bliadhna an dèidh sin ag obair mar bhèicear agus mar neach-siùcarachd còmhla ri Daibhidh, a bhràthair a b’ òige. Ann an 1851 chuir Uilleam roimhe an taigh-fuine fhàgail agus a dhol gu Abhainn Thuron a lorg òr.

B’ e sàr bhèicear a bh’ ann an Arnott ach cha robh e math air òr a lorg. Cha do lorg e sgath òir ach rinn e beòshlaint a’ dèanamh phaidhean agus aran do mhèinneadairean an òir.

Bha latha fada aig mèinneadairean an òir agus bha an obair cunnartach. Bhiodh iad glè thric a’ cladhach fad uairean a thìde ann am mèinnean domhainn dorcha a bha làn uisge.

An ceann dà bhliadhna, dh’fhàg Uilleam raointean an òir agus chaidh e air ais gu bhith na bhèicear. Ann an 1865 stèidhich e taigh-fuine beag ann an Newcastle ann an New South Wales. Ann an 1882 bha na briosgaidean aig Arnott a’ dol gu ruige Sydney. Ann an 1894 cheannaich Uilleam Arnott factaraidh ann an Sydney agus bha na ceudan dhaoine ag obair dha.

Dealbh de sànas airson cladhach airson òir

Nuair a thòisich othail an òir ann an 1851, bha mu 80,000 a’ fuireach ann a’ Bhictòria. Deich bliadhna an dèidh sin bha còrr is 500,000 ann. Bha barrachd dhaoine a’ ciallachadh barrachd thaighean agus barrachd bhùithtean. Thàinig na bailtean theantaichean a bh’ aig na mèinnearan gu bhith nam bailtean cearta. Bha iad a’ cur feum air rathaidean na b’ fheàrr, saoibhearan, sgoiltean, dotairean agus eaglaisean.

Dh’fhuirich na deichean mhìltean de luchd an òir ann an Astràilia agus thog iad teaghlaichean an sin. Chaidh coloinidh nan eucorach ath-nuadhachadh nuair a thàinig piseach airbailtean òir mar Ballarat, Bathurst agus Bendigo agus nuair a dh’fhàs mòr-bhailtean mar Melbourne agus Sydney beairteach.

Bha na factaraidhean bhriosgaidean aig Uilleam Arnott uabhasach soirbheachail agus an-diugh tha an t-ainm Arnott’s fìor ainmeil ann an Astràilia. Dh’fhàs na milleanan de dh’Astràilianaich suas le briosgaidean Tim Tam Arnott agus Tiny Teddies. Tha stuthan Arnott a-nis gan reic air feadh an t-saoghail.