Scotlands History\|Scots and Australia

A’ Chiad Astràilianaich

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

 

‘People should remember that we are the oldest surviving race of people, culture of people, in the world... We know that our people have been here from the beginning of time. ‘

Kevin Gilbert, 1996

O chionn deichean mìltean bhliadhnachan thàinig a’ chiad dhaoine air bàta dhan dùthaich ris an cante lath’-eigin Astràilia. Air taobh eile an t-saoghail chaidh an t-àite air am biodh Alba fhathast mar ainm a ghearradh le eigh-shruthan mòra agus a thiodhlacadh fo mhilleanan thunnaichean deighe agus sneachda.

Choisich a’ Chiad Astràilianaich air an ùir dheirg agus Alba fhathast ann an Linn na Deighe.

’S ann acasan a tha an cultar as sine air an t-saoghal. Dhearbh luchd-saidheans gu bheil Tùsanaich Astràilia air a bhith a’ fuireach an sin o chionn 40,000 bliadhna. Tha rannsachadh ùr a’ coimhead gun fhios nach gabh an deit a chur air ais 110,000 bliadhna eile.

B’ e ‘Aborigines’ a bh’ aig na Breatannaich air a’ Chiad Astràilianaich. Tha am facal ‘aborigine’ a’ ciallachadh tùsanach: sin neach a bhuineas dhan t-sluagh a bh’ ann bho thùs. Ach bha dha-rìribh iomadh treubh ann mar na Gurnai, Wiradjuri, Aranda, Kamilaroi, Pitjantjatjara agus na ceudan eile. Bha iad air an ainmeachadh air gach cànan fa leth no air an àite san robh iad a’ fuireach.









Bha 500 cànan agus dualchainnt gam bruidhinn agus 500 treubh air feadh Astràilia – eadar an tìr dhearg sa mheadhan agus na coilltean-uisge agus eadar na cladaichean agus na beanntan.

Bha iad a’ fuireach an sin fad mìltean bhliadhnachan agus thug iad na sgeulachdan agus na h-òrain mun Bhruadaradh dha gach ginealach ùr.

'The Dreaming means our identity as people. The cultural teaching and everything, that's part of our lives here, you know? ...it's the understanding of what we have around us.’

Merv Penrith, Elder, Wallaga Lake, 1996

Bhiodh na fir ag innse sgeulachdan agus bhiodh na boireannaich a’ seinn. Bhiodh iad a’ dannsa agus a’ teagasg agus a’ peantadh agus a’ gearradh ìomhaighean is dealbhan de dhaoine air na creagan. Bha gach treubh ag innse an sgeulachdan Bruadaraidh fhèin. Bhiodh iad ag innse mu Bhruadaradh Nathair a’ Bhogha-frois, Bruadaradh a’ Bhurrais agus Bruadaradh Seangan na Meala.

Bhiodh iad ag innse sgeulachdan mun chruthachadh agus nuair a nochd a’ ghrian a-mach às an talamh agus mun àm a bha spioradan an sinnsirean a’ coiseachd air an t-saoghal. Bha sgeulachdan aca air mar a fhuair na h-eòin an dathan agus air carson a bhios an kookaburra a’ gàireachdainn. Bha sgeulachdan aca mu dheidhinn Tidalick an losgann, Pikkuw an crogall agus mar a chaill Koolah an koala earball.

Dealbh a' sealtainn ùir dhearg

Chruinnicheadh na daoine bho iomadh treubh airson còmhradh agus airson dannsa ri taobh teine a’ champa aig Corroboree: cruinneachadh. Bhiodh iad a’ roinn biadh am measg a chèile – dearcan agus measan, iasg, feòil cangarù agus eòin.

Mar a bha an oidhche a’ dol air adhart agus an teine a’ gabhail, bhiodh iad a’ cluich nam bioran agus nan drumaichean agus a’ seinn agus a’ dannsa.

Those who lose dreaming are lost/ Tha iadsan a chailleas am bruadaradh caillte.

Seanfhacal tùsanach à Astràilia

Bha na sgeulachdan a’ toirt fiosrachadh dhan chloinn san treubh. Bha iad ag ionnsachadh càit an dèanadh iad iasgach agus ciamar a dhèanadh iad sin à currachan le sleaghan; bha iad ag ionnsachadh mu na reultan, mun ghealaich agus mun ghrèin; bha iad ag ionnsachadh ciamar a lorgadh iad fìor-uisge.

'Our story is in the land ... it is written in those sacred places ... My Children will look after those places, that's the law.’

Bill Neidjie, Kakadu elder, 1985

Chaidh am Bruadaradh bho ghinealach gu ginealach. Bha na mic a’ peantadh nan aon dealbhan ’s a pheant an athraichean, an seanairean agus an sinn-seanairean. Bha iad a’ toirt spèis dhan àite san robh iad a’ fuireach agus dhan tìr a thug anail, biadh agus fasgadh dhaibh.

'We cultivated our land, but in a way different from the white man. We endeavoured to live with the land; they seemed to live off it. I was taught to preserve, never to destroy.’

Tom Dystra

Muinntir Eileanan Caolas Thorres

Tha dà bhuidheann de Thùsanaich ann an Astràilia – na treubhan Tùsanach agus muinntir Eileanan Caolas Thorres.

Tha Eileanan Caolas Thorres eadar Rubha Ceap Iorc ann an Queensland a Tuath agus Papua Guinea Nuaidh. Tha iomadh buidheann am measg muinntir Eileanan Caolas Thorres agus tha cànain agus dualchainntean eadar-dhealaichte air eileanan fa leth.

dealbh de dhuilleag bho craobh guma

A’ chiad Astràilianaich a’ coinneachadh ris a’ Chiad Chabhlach à Breatainn

Nuair a chunnaic muinntir Eora na Breatannaich ann an 1788 airson a’ chiad uair, bha dùil aca gun robh iad dìreach air tighinn airson bathar. Bha dùil aca gun cuireadh iad uisge agus biadh ùr dha na soithichean agus gun seòladh iad air falbh.

Ach chuir e uabhas air muinntir Eora nuair a thàinig na ceudan de dh’eucoraich agus de shaighdearan air tìr agus a thuig iad gun robh iad am beachd fuireach. Dh’fhaighnich na Breatannaich do mhuinntir Eora, ‘Dè an t-àite a tha seo?’ Fhreagair muinntir Eora, ‘Warrane’ a tha dìreach a’ ciallachadh ‘an t-àite seo.’ B’ e ainmean treubhan nàisean nan Eora Cameragal, Gadigal, Wallumattagal agus Birrabirragal.

’S e Warrane an sgìre ris an canar an-diugh Sydney, mòr-bhaile le timcheall air 4.4 millean neach ann.

Bhiodh muinntir Eora a’ sealg ann an coilltean le craobhan guma dearg, guma sgròbach, fiodh-fala dearg agus mionnt. Bhiodh iad a’ marbhadh iasg sa chala le gathan bho churrachan de rùsg craoibhe. Bhiodh iad a’ cruinneachadh maorach air a’ chladach agus biadh sa choille. Bhiodh iad a’ sealg possum, cangarù, tunnagan, cogatù agus calmain le sleaghan goirid.

An taobh a-staigh beagan mhìosan thruaill na Breatannaich an loch a thug uisge ùr do dhaoine fad mìltean bhliadhnachan.

Chlàr na Breatannaich beagan fhaclan bho mhuinntir Eora: badu – uisge; bamal – talamh; burra – adhar; birrung – rionnag; garaguru – sgòth; walan – uisge; guwing – grian; mungi – dealanach; giba – clach; yanada – gealach; murungal – tàirneanach; gura – gaoth.

Mhair cuid de dh’fhaclan Eora ann an ainmean-àite mar Bondi, Coogee, Parramatta agus Kirribilli.

Ann an 1448, còrr is 300 bliadhna mus tàinig na Breatannaich, shuidh buidheann de mhuinntir Eora air na creagan faisg air loch an fhìor-uisge agus las iad teine. Ghabh iad biadh de mhaorach agus dh’fhàg iad dùn beag shligean às an dèidh. Anns nan 1990an chladhaich àrc-eòlaiche bho Thaigh-tasgaidh Astràilia an t-òtrach beag shligean.

Cha deach na daoine a bh’ ann an Eora à bith idir. Mhair iad deichean mìltean bhliadhnachan ann an Astràilia agus mhair iad cuideachd nuair a thàinig daoine às an Roinn Eòrpa a dh’aindeoin an tinneasan, deoch agus gunnachan. Fad ùine mhòr b’ iad ‘sluagh neo-fhaicsinneach’ Shydney ach an-diugh, san 21mh linn, ann an Sydney agus ann an àitichean eile, tha na ceudan ann an nàisean Eora.

'Aboriginal people have never wanted sympathy. All we ever wanted was understanding.’

Allen Madden, seanair Gadigal de nàisean Eora