Scotlands History\|Scots and Australia

Eucoraich

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Nuair a thàinig a’ Chiad Chabhlach le aona bhàta deug air tìr ann an Astràilia ann an 1788, b’ e fir a bh’ ann an 543 de na h-eucoraich air bòrd, bha 189 dhe na h-eucoraich nam boireannaich agus bha 18 dhe na h-eucoraich nam pàistean.

Bha Breatainn air a bhith a’ cur eucoraich a dh’Ameireaga gu 1775 nuair a thòisich Cogadh Saorsa Ameireaga. Bha e na pheanas uabhasach a bhith air do chur a dhùthaich eile. Bha eucoraich air an cur gu taobh eile an t-saoghail agus cha robh mòran dòchais aca air tilleadh dhachaigh tuilleadh. Bhathar an dùil gun cuireadh sin bacadh air daoine bho bhith ri eucoir. Mar a thuirt an Coimiseanair Bigge, bu chòir gum biodh eagal air daoine gun deaghadh an cur a-mach às an dùthaich fhèin.

Cho-dhùin riaghaltas Bhreatainn gun cuireadh iad eucoraich a dh’Astràilia. Sheòl a’ Chiad Chabhlach le eucoraich Bhreatannach à Sasainn gus coloinidh New South Wales a stèidheachadh. B’ e Botany Bay ainm a’ choloinidh sin.

Botany Bay

Come all young men of learning, take warning by me,
I’d have you quit night walking, and shun bad company;
I’d have you quit night walking, or else you’ll rue the day,
When you are transported and going to Botany Bay... 

Earrann bho bhailead tràth san 19mh linn









Cha b’ e dìreach prìosan mòr uabhasach a bh’ ann an tuineachadh nan eucorach ann am Botany Bay. B’ e oidhirp a bh’ ann air eucoraich a chur a dh’obair gus coimhearsnachd ùr a stèidheachadh. Chaidh na h-eucoraich a chur a dh’obair ann am buidhnean a bha a’ cladhach rathaidean agus a’ tarraing fiodh airson togail.

B’e Taigh-feachd Hyde Park a’ chiad thaigh-feachd do dh’eucoraich a bh’ ann an Astràilia. Anns a’ chiad bhliadhnachan a bha a’ choloinidh a’ dol, bha a’ mhòr-chuid dhe na h-eucoraich a’ fuireach còmhla ann am bothain bhochda ann an sgìre nan Creagan ri taobh a’ chala. Dh’fhàs an sgìre seo ainmeil airson deoch, goid agus fòirneart agus smaoinich an Riaghladair Lachlainn MacGuaire gun togadh e taigh-feachd dha na h-eucoraich. B’ e eucoraich a thog Taigh-feachd Hyde Park agus dh’fhosgail e ann an 1819.

Sgrìobh an Riaghladair MacGuaire ann an 1820:

Bho chaidh na h-eucoraich a dh’fhuireach dhan Taigh-feachd Ùr, chan eil an deicheamh cuid dhen ghoid agus dhen mhèirle a’ dol air adhart air an oidhche.

Bha buidhnean-obrach de dh’eucoraich a’ fàgail an Taigh-feachd air an latha agus a’ tilleadh gach feasgar. Bha iad a’ cadal ann an leapannan-crochaidh ann an seòmraichean mòra, fada. Ann an 1830 bha eucoraich a dhèanadh eucoir eile gan cur a Thaigh-feachd Hyde Park mar pheanas.

dealbh de taobh a-muigh gearasdain Hydepark
B’ e dùthaich dhoirbh agus bhorb a bha seo. Thuirt am Màidsear Raibeart Ros, Albannach bhathar an dùil:

Chan eil dùthaich air an t-saoghal nas miosa na na chunnaic sinn dhen tè seo; tha a h-uile càil ... cho lom agus cho bagarrach.

Bha biadh eucoraich gu math sìmplidh agus cha mhòr nach e an aon rud a bha iad a’ faighinn a h-uile latha:

  • Air am bracaist bha aran agus lite de mhin-choirce agus uisge.
  • Air an lòn, am meadhan an latha, bha muc-fheòil no mart-fheòil shaillte, aran agus brot air a dhèanamh le lusan agus feòil shaillte.
  • Air an suipear, aig deireadh an latha, bha aran, lite agus ’s dòcha cupa teatha. 

Mura dèanadh eucoraich an obair aca ceart, nan teicheadh iad no nan gabhadh iad an deoch, dheaghadh an cuipeadh. Bha na h-eucoraich air an ceangal ri cabair agus air an slaiseadh le cuip no ‘cat nan naoi earball’, air an robh naoi còrdan de leathar no de ròp le snaimeannan.

Fo riaghladh Lachlainn MhicGuaire, bha eucoraich a’ faighinn 25, 50 no 100 slais. Bha boireannaich a’ faighinn 40 slais. Bha clann a’ faighinn 12, 24 no 36 slais air a’ char bu mhotha. Ann an àitichean eile, aig amannan eile, fo riaghladairean eile, bha làimhseachadh agus cor nan eucorach eadar-dhealaichte. Bha cuid dhe na h-eucoraich a’ faighinn 1000 slais.

Chaidh binn slaisidh a thoirt air pàiste, Jon Tree, a bha na eucorach airson a ‘dhleastanas a thrèigsinn’ le bhith a’ leigeil air gun robh e tinn. San t-Sultain 1833 fhuair e 36 slaisean air a mhàs.

Nochd an fhuil air an 11mh slais agus chùm i oirre a’ sileadh. Bha e ag èigheachd gu cruaidh aig gach slais. B’ e seo a’ chiad turas a thugadh seachad peanas corporra. Dh’fhuiling am balach seo gu dona agus, nam bheachd-sa, bhiodh dusan slais air fòghnadh dha.

BA Slade, JP, Àrd-cheannard, Taigh-feachd Hyde Park. 1833.