Scotlands History\|Scots and Australia

Frank Gardiner agus na bushrangers

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

B’e daoine a bha fon choill ann an Astràilia a bh’ ann am bushrangers. Bhiodh iad a’ toirt ionnsaigh air coidsichean, a’ goid òr agus a’ goid à bancaichean. Anns na 1850an, nuair a thàinig othail mun òr a New South Wales agus a Bhictòria, bhiodh còmhlain de bhushrangers a’ goid bhon fheadhainn a bha a’ giùlan an òir.

Air a’ 15mh dhen Ògmhios 1862, thug an còmhlan bhushrangers aig Frank Gardiner ionnsaigh air luchd-dìon an òir aig Coonbong Rock faisg air Eugowra. Ghoid iad £14,000. Aig an àm, b’ e sin a’ mhèirle a bu mhotha a bha riamh ann an Astràilia. Bha Frank Gardiner, am bushranger Albannach, air eucorach cho mòr ’s a bha iad riamh a’ lorg ann an Astràilia.

Chan eil sgeul air fiosrachadh mu òige Frank. Rugadh e mu 1830 an dara cuid ann an Siorrachd Rois no aig Boro Creek faisg air Goulburn ann an New South Wales an dèidh dha phàrantan falbh à Alba agus a dhol a dh’Astràilia.

Thathar dhen bheachd gur e Frank Christie an t-ainm ceart a bh’ air ach bhiodh e a’ sgrìobhadh ainm mar ‘Frank Gardiner, the Highwayman’.

Nuair a thòisich Frank air eucoir, b’ ann a’ goid eich a bhiodh e. Chaidh a chur an grèim ann an 1850 ach theich e à Pentridge Stockade ann am Melbourne. Nuair a chaidh Frank a chur an grèim ann an 1854, a-rithist airson a bhith a’ goid eich, chaidh a chur gu Eilean Chockatoo aig Cala Shydney. Bha e còig bliadhna sa phrìosan an sin.

Nuair a fhuair e a-mach às a’ phrìosan, dh’fhosgail Frank bùth bùidseir. Thòisich fathannan gun robh e a’ reic feòil a bh’ air a goid agus theich Frank. Bha e fon choill agus os cionn buidheann de bhushrangers. An dèidh ionnsaigh bheag no dhà, chuir Frank roimhe ionnsaigh a thoirt air luchd-dìon an òir aig Eugowra Rocks.









Bha Gardiner agus am buidheann aige a’ falach aig Coonbong Rock. B’ e facal Tùsanach a bha a’ ciallachadh ‘duine marbh’ a bh’ ann an ‘Coonbong’. Chuir Gardiner cnap-starra air an t-slighe a bhiodh coidse an òir a’ gabhail. Nuair a nochd na poilis agus a’ choidse, leum Frank Gardiner a-mach agus e ag èigheachd ‘suas ur làmhan’. Bha iad a’ sabaid le gunnachan agus theich na bushrangers le luach £14,000 de dh’òr agus de dh’airgead pàipeir.

Roinn am buidheann an t-airgead nam measg fhèin agus sgap iad. Thog Frank Gardiner air gu Queensland far an do phòs e Catrìona ‘Kitty’ NicIlleDhuinn agus far an robh taigh-seinnse aige. Lorg na poilis e agus ghlac iad e mu dheireadh ann an New South Wales ann an 1864.

Bha Frank Gardiner a-nis ainmeil air feadh an t-saoghail. Bha iomradh air goid an òir aig Eugowra Rocks anns na naidheachdan. Sgrìobh fiù ’s an Times ann an Lunnainn agus pàipearan ann an Ameireaga mu Frank Gardiner agus mun bhuidheann aige. Bha corra ainm aig daoine air Frank eadar ‘Gunman Gardiner,’ ‘The Highwayman,’ ‘The Prince of Tobymen,’ The King of the Road’ agus ‘The Father of Bushranging.’

Sgrìobhainn Gardiner

Chaidh binn 30 bliadhna sa phrìosan a chur air Gardiner. Cha robh cuid dhen bhuidheann aige cho fortanach. Chaidh Henry Manns a chrochadh ann an 1863. Chaidh Alex Fordyce agus Johnny Bow a ghlacadh agus chaidh binn beatha de shaothair chruaidh a chur orra. Chaidh Johnny O’Meally a mharbhadh agus e ri mèirle agus chaidh Ben Hall agus Johnny Gilbert le chèile a mharbhadh le na poilis.

An dèidh 10 bliadhna sa phrìosan, chaidh dòigh a-mach a thabhann do Frank Gardiner. B’ e a’ chiad duine riamh a chaidh a chur a-mach à Astràilia. Chaidh a chur a Hong Kong ach theich e far a’ bhàta agus chaidh e a dh’Ameireaga. Bha Gardiner a’ ruith an Twilight Star Saloon ann an sgìre chruaidh de San Francisco ann an Calafòrnia air an robh an t-ainm Barbary Coast.

Chan eil fios aig duine le cinnt cuin a chaochail Frank. Thuirt cuid de phàipearan-naidheachd gun do chaochail e leis a’ ghrèim ann an 1904, dà bhliadhna mus robh a’ chrith-thalmhainn ann an San Francisco. Tha cuid eile ag ràdh gun do chaochail Frank Gardiner ann an sabaid le gunna ann an taigh-seinnse ann an Calafòrnia.