Scotlands History\|Scots and Australia

Na Breatannaich a’ tighinn

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Ann an 1768, sheòl an Caiptean Seumas Cook gu Tahiti, eilean sa Chuan Shèimh. Bha an Comann Rìoghail air Cook fhastadh gus cuideachadh leis an sgrùdadh aca de ghluasad Bheunas. Thug an soitheach aige, HM Barque Endeavour, buidheann de reul-eòlaichean Breatannach a bheachdachadh agus a chlàradh na planaid Bheunas nuair a ghluais i tarsainn na grèine air 13mh dhen Ghiblean 1769.

Air 20mh dhen Ghiblean 1770 ràinig an Endeavour Astràilia. Air 29mh dhen Ghiblean chaidh an Caiptean Seumas Cook air tìr ann am Bàgh Bhotany. An sin choinnich e ris a’ chiad dhaoine a bhuineadh do threubh Tùsanach, na Gweagal. Diciadain an 22ra dhen Lùnastal, dìreach ro dhol fodha na grèine, ghabh Cook còir air cost an ear Astràilia.

Thog mi suas Dathan Shasainn aon uair eile agus ann an ainm A Mhòrachd An Rìgh Deòrsa ghabh mi sealbh air a’ Chost an Ear gu lèir ... leis an ainm New South Wales ... agus an uair sin loisg sinn trì làdaich le na gunnachan agus fhuair sinn an aon àireamh mar fhreagairt on t-soitheach.

Bithear tric ag ràdh gur e an Caiptean Cook a lorg Astràilia ach cha b’ e. Bha Tùsanaich Astràilia air a bhith a’ fuireach ann fad mìltean bhliadhnachan. B’ e an Caiptean Cook a’ chiad Eòrpach a ghabh còir air Astràilia.

Ann an 1606 bha Willem Janszoon, caiptean Dùitseach an Duyfken, air clàran-mara a dhèanamh de chladach Astràilia. Thàinig an t-ainm Terra Australis Incognita – an Tìr Neo-aithnichte mu Dheas – gu bhith air Astràilia. Bha bàtaichean le Companaidh nan Innseachan Dùitseach an Ear a’ dèanamh malairt ri na Tùsanaich san t-17mh linn agus san 18mh linn. Chaidh an ‘Òlaind Ùr’ a thoirt air Terra Australis Incognita.

Ann an 1768 thug an Rìgh Deòrsa III òrdan do Chaiptean Cook còir fhaighinn air an tìr neo-aithnichte mu dheas do Bhreatainn.

Thug an Rìgh Deòrsa III stiùireadh dìomhair do Sheumas Cook. Bha aige ri sealbh fhaighinn air an ‘Tìr mhòr no a’ mhòr-roinn’ a bha sna cuantan a deas. Thug an stiùireadh dìomhair ùghdarras do Chook ‘le cead nan Tùsanach sealbh fhaighinn air Àitichean Freagarrach san Dùthaich ann an ainm Rìgh Bhreatainn’.

Mapa a sealtainn Terra Australis Incognita - an Tìr Neo-aithnichte mu Dheas

Nuair a thill Cook a Shasainn ann an 1771, chaidh àrdachadh gu bhith na chomanndair.

Dh’acraich a’ Chiad Chabhlach, fo stiùireadh a’ Chaiptein Arthur Phillip, ann am Bàgh Bhotany eadar an t-18mh agus am 20mh dhen Fhaoilleach 1788. B’ e an Caiptean Iain Mac an t-Sealgair, a rugadh ann an Lìte ann an Alba, an t-Iar-chaiptean. Sheòl iad gu tuath agus ràinig iad Port Jackson air an t-26mh dhen Fhaoilleach. Bha mu 1350 eucorach agus seòladair, ann an 11 de shoithichean, air tighinn a stèidheachadh Coloinidh Breatannach ann an Astràilia.

Ann an 80 bliadhna, eadar 1787 agus 1868, chaidh mu 166,000 de dh’eucoraich, eadar fir, mnathan agus clann, a chur a dh’Astràilia.