Scotlands Culture\|Scotlands Stories

Maillidh agus an Trobha

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Èist ri sgeulachd Mhaillidh agus an Trobha (ann an Albais)


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Tom Muir - Mallie and the Trow

Transcript

Mallie and the Trow

 

Sgeulachd Albais

Ann An Sealtainn ’s e creutairean neònach agus draoidheil a tha sna trobhaichean. Faodaidh iad a bhith choibhneil no glè chrosta.

B’ e màthair òg a bh’ ann am Maillidh, aig an robh ceathrar phàistean beaga rim beathachadh agus a chaill a cèile aig muir.

Bha i air leth ìosal le feum air taic ach cha chuidicheadh duine i.

An uair sin, agus an oidhche air tuiteam, bha gnogadh aig an doras.

B’ e seo duine beag le aodach glas agus ad bheag ghlas air mullach a chinn. B’ e trobha a bh’ ann – trobha beinne Sealtainneach. Uaireigin b’ e trobhaichean Lochlannach a bh’ annta… a-nise ’s iad sìthichean Shealtainn – na ‘nàbaidhean glasa’.

Dè a nì thu nuair nochdas trobha beag neònach air leac do dhorais aig meadhan-oidhche?

An iarradh tu a-steach e airson pàirt den bheagan a th’ agad a thoirt dha?

No an dùineadh tu an doras le brag ’s an deigheadh tu air falach fod leabaidh?

Air sgàth cridhe coibhneil agus deagh-ghnè Mhaillidh tha a suidheachadh gus atharrachadh.