Scotlands Culture\|Scotlands Stories

Sgeulachdan na h-Alba

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Bho chionn fhada...

Tha ionmhas de sgeulachdan ann an Alba, bho mhiotasan is fionn-sgeòil gu sgeulachdan beaga a dh’innsear san raon-chluiche.

Tha sgeulachdan neònach is iongantach na h-Alba air sgrìobhadairean, luchd-ealain is bàird a bhrosnachadh fad linntean. Bha Raibeart Burns agus Raibeart Luthais Stevenson le chèile nan inbhich a’ cuimhneachadh air sgeulachdan mu thaibhsean, mu dhraoidheachd ’s mu bhuidsichean a chuala iad nan cloinn.

Faodaidh buaidh do-chreidsinn a bhith aig sgeulachdan, seanchaidhean agus deasachadh sgeulachdan air mac-meanmhain cloinne a leudachadh. Tha sgeulaichean na h-Alba agus Ionad Sgeulaichean na h-Alba a’ toirt chothroman do gach neach pàirt a ghabhail ann an dualchas sheanchasan na h-Alba, a’ cur sheanchasan air adhart mar ghnè ealain beòthail san là an-diugh.