English
Teaghlaichean is càirdean, gaisgich is slaoightearan, cleasan is gàire, sgoil is obair, gaol is saorsa – tha iad uile an seo ann an Òrain na h-Alba. Èist ri còrr air 130 òran agus fonn, an Albais ’s an Gàidhlig, agus ionnsaich mu thraidisean fhada agus lìonmhor ceòl na h-Alba, fhathast glè bheothail air feadh na dùthcha agus gràdhaichte air feadh an t-saoghail.
Ionnsaichidh tu mu òrain ’s mu cheòl traidiseanta, tuigidh tu mu chuspaireasn ceòl na h-Alba agus gheibh thu tuilleadh a-mach mu ionnsramaidean na h-Alba, mar pìob mhòr agus clàrsach.
Tha ro-ràdh goirid le gach òran no fonn, maille ri briathran nan òran agus comharrachadh ciùil an ìre mhath le gach fonn.
Nach tòisich thu le bhith a’ lorg an òrain Albannaich as fheàrr leat?
Faodar èisteachd ri còrr air 130 òran is fonn air-loidhne. Tha liricean is comharrachadh ciùil an cois na cuid as motha de na h-òrain. Cuideachd san stòras tha ro-ràdhan do òrain ’s do cheòl traidiseanta, agus fios mu ionnsramaidean na h-Alba mar a’ phìob mhòr agus a’ chlàrsach.
Bheir sùil air an duilleag mothachadh agus taing airson tuilleadh fiosrachadh air a na daoine agus buidhnean a chuidich leis an goireas seo.
Òran ainmeil mu Raibeart Coultart a bhiodh a reic tofaidh le blas sìol-ainis air feadh nam fèillean 's nam margaidhean sna Crìochan sna 1870an.
Òran èibhinn mu bhall-coise, agus mu cho cunnartach ’s a tha e!
Òran brosnachail Seumasach mu bhlàr ann an 1745.
Chaidh ceòl a chur ris an dàn bhrònach seo mu chianalas, a sgrìobh Violet Jacob, bana-bhàrd à Machair Aonghais, le Jim Reid, seinneadair is sgrìobhadair òrain à Machair Aonghais a thug inbhe mhòr-chòrdte don òran.
Find us on