English
Tha Uilleam Ualas – ‘An t-Ualasach’ – ainmeil air feadh an t-saoghail mar churaidh nàiseanta a rinn strì agus a chaidh gu bàs airson Alba a shaoradh bho riaghladh Shasainn.
Thathas den bheachd gur e am mac a b’ òige aig Ailean Ualas, uachdaran Albannach, a bh’ ann an Ualas. Anns an ‘Scotichronicon’, mu dheireadh na 14mh linne, seo an dealbh a tha Ualtar Bower a’ toirt air Ualas:
...duine àrd, le corp cho mòr ri fuamhair, toilichte agus eireachdail na ghnùis, le guailnean leathann agus dèanamh mòr... grinn ach caran fiadhaich na ìomhaigh, le cruachainnean leathann, gàirdeanan agus casan làidir; fear-sabaid sgairteil, agus e lùthmhor, treun ann an làimh agus an cois.
Is dòcha gun deach Ualas fon choill airson mac le conastabal Sasannach a mhort ann an Dùn Deagh; agus is dòcha gun do mharbh e dà shaighdear Sasannach a dh’fheuch ris an t-iasg a ghlac e ann an Uisge Irbhinn a thoirt bhuaithe. Co-dhiù, cha robh beachd aig ùghdarras Shasainn air ach mar eucoireach cunnartach a bha a’ ruith fon choill.
Anns a' Chèitean 1297 bha Ualas ann an Lannraig. Tha e air a ràdh gur ann a' tadhal air a mhnaoi a bha e, Mòr Braidfute, a’ chaileag bhòidheach a bha e air a phòsadh ann an uaigneas. Bha Caisteal Lannraig fo smachd Shir Uilleam Heselrig, siorraidh Sasannach. An uair a chuala saighdearan Heselrig gun robh Ualas còmhla ri Mòr, chuairtich iad e.
Fhuair Ualas air teiche ach chaidh Mòr a ghlacadh le Heselrig. Dh’òrdaich an siorraidh Sasannach bean Ualais a chur gu bàs.
An oidhche sin, rinn Ualas agus a chàirdean an slighe air ais gu Caisteal Lannraig anns an dorchadas. Bhris Ualas a-steach do sheòmar-cadail Heselrig agus sgolt e an siorraidh Sasannach gu bàs.
Ann an 1297 dh’fhàs an t-ar-a-mach an aghaidh riaghladh Eideird gu dian air feadh Alba. Shìolaidh ar-a-mach nan ‘uaislean’ às, cha mhòr mus do thòisich e ach anns an ear-thuath chaidh Anndra Moireach air ceann cheannaircich Albannach ann an iomairt shoirbheachail an aghaidh nan caistealan a bha ann an làmhan nan Sasannach.
Choinnich an t-Easbaig Uiseart ri Ualas ann an Glaschu. Chàin Eachdraidh Lanercost Uiseart airson taic a thoirt do Ualas agus airson co-cheannairc an aghaidh Rìgh Eideird:
Chaidh Raibeart Uiseart, Easbaig Ghlaschu, a bha gu minig ri obair brathaidh, ann an co-cheannairc le Stiùbhard na Rìoghachd (fear dham b' ainm Seumas), an sàs ann an uaibhreachas às ùr, eadhon caibideil ùr sgriosail. Leis nach robh de dhànadas aca am bòidean dhan rìgh a bhriseadh gu follaiseach, thug iad cothrom do dhuine fuilteach, Uilleam Ualas, a bha roimhe sin na cheannard air spùinneadairean ann an Alba, ar-a-mach a dhèanamh an aghaidh an rìgh agus daoine a bha taiceil dha a chruinneachadh mun cuairt air.
Rinn Ualas cogadh treubhail an aghaidh riaghladh bho Shasainn. Chaidh e air ceann buidhne a bha a' sìor dhol an lìonmhoireachd gu Sgàin. An uair a chuala Uilleam Ormesby, Ministear Sasannach a' Cheartais ann an Alba, gun robh Ualas a' tighinn, theich e le a chuid fheachdan gu sàbhailteachd Shasainn. Chuir Ualas sèist ri Caisteal Dhùin Deagh a bha ann an làmhan nan Sasannach.
Thionndaidh Eideard aire bho chogadh ris an Fhraing gu na h-Albannaich a bha ga bhuaireadh. Thug e òrdugh do Iain de Warenne, Iarla Shurrey, agus Ùisdean Cressingham, an Sasannach a bha na Ionmhasair ann an Alba, arm a thogail agus na reubaltaich a sgrios.
Leis an arm Shasannach a' meàrrsadh gu tuath, bhris Ualas dheth an t-sèist, chuir e teachdaireachd gu Anndra Moireach agus dh’ullaich e airson a dhol an coinneimh arm Eideird aig Sruighlea.
Bha cùisean nan àite airson Blàr Dhrochaid Shruighlea.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri cùirt Uilleam Ualas.
Theirig air turas tro eachdraidh na h-Alba leis a’ ghèam ceisteachain BBC Eadar-oibre seo. Rannsaich fianais agus tagh do ghnìomhan gu cùramach airson faighinn tro Chogaidhean fuilteach na Saorsa.
Am beachd nan Albannach b’ e martarach a bh’ ann, am beachd sgrìobhadairean Sasannach b’ e fògarrach agus fear-brathaidh a bh’ ann. Lorg eachdraidh Uilleim Ualais le ceangalan bhidio, dealbhan agus teacsa bho ‘BBC History’.
B’ e ‘The Wallace’ le ‘Haraidh Dall’ an leabhar bu chumanta an Alba seach am Bìoball, a’ dèanamh gaisgeach nàiseanta de Ualas. Faigh a-mach tuilleadh mun bhàrdachd ainmeil seo le ceangalan bhidio is taghaidhean bho ‘BBC History’.
Bho thasglannan eachdraidheil gu ‘Braveheart’, feuch ris an duine a dhealachadh bhon mhiotas leis an stòras air-loidhne seo mu Uilleam Ualas. Dèan sgrùdadh air mion-theacsa, air dealbhan ’s air ionadan fiosrachaidh mun laoch eachdraidheil seo.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’. Tha an t-eachdraiche Dr Fiona NicBhatair a’ bruidhinn mu nithean co-cheangailte ri àite-breith agus athair Ualais.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’. Tha an t-eòlaiche armachd Davis Caldwell bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ bruidhinn mu chlaidheamh Ualais.
Find us on