English
Ann an 1328 bha am Brusach na sheann duine, a' dlùthachadh gu slaodach air a' bhàs. Fad 20 bliadhna bha e air a bhith a' cogadh ri Sasainn. Chuireadh Cùmhnant Dhùn-Èideann-Northampton mu dheireadh thall seula air an t-sìth.
Dhiùlt Eideard II a thagradh airson uachdaranachd air Alba a leigeil seachad ach cha b' ann aige tuilleadh a bha smachd air cùisean. Bha a bhean, Isabella na Frainge agus a leannan, Roger Mortimer, air an rìgh Sasannach a chur às a dhreuchd.
Chunnaic Brus an cothrom agus chuir e Seumas Dùbhghlas a thoirt ionnsaigh air ceann a tuath Shasainn. Bha eagal air na Sasannaich gun glacadh na h-Albannaich Northumbria agus dh’iarr iad cumhachan sìthe.
Chaidh Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton aontachadh. Mu dheireadh thall, dh’aidich na Sasannaich Rìgh Raibeart I mar Rìgh nan Albannach agus dh’aidich iad neo-eisimeileachd na h-Alba. Phòsadh nighean Eideird, Seonag on Tùr, Daibhidh, mac a' Bhrusaich.
Anns an Iuchar 1328, phòs Seonag, a bha sia bliadhna a dh’aois, Daibhidh II, a bha ceithir bliadhna a dh’aois. Mus robh bliadhna an àirde, chaochail Raibeart Brus. B' ann le strì mhòr a bha sìth agus saorsa air an cosnadh – agus cha mhaireadh iad fada.
Ionnsaich mar a fhuair Raibeart Brus sàsachadh bho shìth fhaicinn an Alba, goirid ’s gun robh i, mus do chaochail e.
Leugh pìos den chùmhnant agus ionnsaich mar a thug pòsadh ullaichte eadar teaghlaichean rìoghail Shasainn agus Alba beagan fois dhan aimhreitean.
Find us on