English
Ann an 1296 thug feachdan Eideird ionnsaigh air Abaid Sgàin ann an Siorrachd Pheairt. Bha iad a' coimhead airson Clach Sgàin, samhla air uachdaranachd na h-Alba, agus cathair crùnaidh rìghrean na h-Alba.
Ghabh Eideard ùidh phearsanta ann an cuimhneachain agus ann an samhlaidhean nàiseantachd. An uair a thug e buaidh air A' Chuimrigh ann an 1282-3 dh’òrdaich Eideard ‘crùn Rìgh Artair’ agus cuimhneachain Cuimreach agus ionmhasan eile a bhith air an cur gu Westminster ann an Lunnainn.
An uair a thug Eideard buaidh air na h-Albannaich ann an 1296, thug e leis an cuimhneachan bu naoimhe a bha ann an Alba, an Ròd Dubh. B' e pìos den Fhìor Chrois a bha seo, a bhuineadh don Naomh Màiread. Rannsaich an t-arm aige Abaid Sgàin, fhuair iad a’ Chlach, agus dh’fhalbh iad leatha a Shasainn.
Dh’òrdaich Eideard gum biodh cathair shònraichte air a togail airson na Cloiche ann an Abaid Westminster. Bha Cathair a' Chrùnaidh air a h-ainmeachadh an dèidh Eideird an Neach-aideachaidh ach chante cuideachd Cathair an Naoimh Eideird rithe, agus Cathair Rìgh Eideard. B' e ‘Maighstir Bhaltair’ a bh' air an t-saor a shnaidh a' chathair bho dharach Sasannach. B' e 100 tastan a thuarastal.
Fad ceudan de bhliadhnaichean tha rìghrean agus banrìghrean Shasainn, agus Bhreatainn, air a bhith air an crùnadh air Cathair a' Chrùnaidh, nan suidhe os cionn Clach a’ Chrùnaidh. 'S e cnap mòr de chlaich-ghainmhich dheirg à Siorrachd Pheairt a tha sa Chloich agus tha i a-nis ri faicinn ann an Caisteal Dhùn Èidinn.
Find us on