Scotlands History

Sioltron

Bha a' bhuaidh a choisinn Ualas agus Moireach aig Sruighlea na bu chliùitiche buileach seach nach robh am marcshluagh lìonmhor aca a bh' aig na Sasannaich. Bha an t-arm Albannach air a dhèanamh an àirde de luchd-dùthcha, de bhùirdeasaich agus de dhaoine cumanta. Bha Ualas agus Moireach air buidheann measgaichte de thuathanaich agus de chroitearan a thrèanadh gu bhith nan arm a thug buaidh air ridirean agus luchd-airm Sasannach a bh' air iomadh blàr fhaicinn. Bha an ‘sioltron’ aig cridhe dòigh-obrachaidh nan Albannach ann am blàr.

B' e cearcall mòr a bha ann an sioltron. Bhiodh suas ri 2000 duine a' giùlan shleaghan, anns an robh dusan troigh a dh’fhaid, a' dol ann an cumadh airson sabaid. Dheigheadh iad ann an cearcaill mhòra no ann an ceartan-ceàrnach leis na sleaghan sin, coltach ri fuamhairean de ghràineagan marbhtach.

Bha na saighdearan Albannach air an deagh thrèanadh airson a dhol dhan chumadh seo agus airson aghaidh a thoirt air ridirean le màilleach orra. Bha na sreathan san t-sioltron cho dlùth dha chèile agus gur gann gum b' urrainn do nàmhaid briseadh tromhpa.

An dèidh Blàr Dhrochaid Shruighlea, chuir Ualas agus Moireach litrichean gu marsantan air tìr-mòr na Roinn Eòrpa ag innse dhaibh gun robh ‘rìoghachd na h-Alba, taing do Dhia, air a saoradh a-rithist, le cogadh, bho chumhachd nan Sasannach’. Tha aon de na litrichean sin, litir Lübeck, air sgeul fhathast.

Chaochail Anndra Moireach, ceannard nan reubaltach a bh' air cogadh treubhail a shabaid san ear-thuath, dà mhìos an dèidh Blàr Dhrochaid Shruighlea bho na leòintean a dh’fhuiling e an sin. Chaidh adhlacadh aig Cathair-eaglais na Cananaich.

Rinneadh ridire de Ualas agus thàinig e gu bhith na Neach-dìon na h-Alba – ‘Wilhelmes Walleys, Ridire, Neach-dìon agus Ceannard-airm Rìoghachd na h-Alba’. Ann an 1297 thug Ualas ionnsaigh air siorrachdan mu thuath Shasainn.

Anns an Iuchar 1298, thigeadh an t-arm Albannach aghaidh ri aghaidh ri neart cogaidh Eideird I aig Blàr na h-Eaglaise Brice. Bhiodh dùbhlan marbhtach mu choinneimh nan sioltronan Albannach – am bogha-fada Sasannach.


  • dealbh de shaighdearan

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.