English
Rugadh Am Brusach air 11 Iuchar 1274 agus thathas den bheachd gur ann an Caisteal Turnberry a bha sin. Thàinig e bho uaislean Albannach, Gàidhlig agus Sasannach. Bha a mhàthair, A' Bhan-iarla Marsaili o Charraig, na h-oighre air iarlachd Ghàidhlig.
B' e seanair Raibeairt, Raibeart Brusach (‘Am Farpaiseach’), aon de na tagraichean airson rìgh-chathair na h-Alba. Bha athair a' Bhrusaich, Raibeart de Brus à Srath Annan, a' sabaid sa Chuimrigh dha Eideard I. Rinneadh e na riaghladair air Caisteal Charluel, agus bha e a' sabaid air taobh Eideird aig Blàr Dhùn Barra ann an 1296. Dhiùlt na Brusaich taic a thoirt do Iain Balliol mar rìgh agus dh’fhuirich iad dlùth do Eideard I. Thug Balliol fearann leis na Brusaich dhan teaghlach Coimin.
Ann an 1298 thàinig Raibeart am Brusach gu bhith na neach-dìon air Alba còmhla ri Iain Ruadh Coimin à Bàideanach (agus bha farmad mhòr eadar an dithis), agus Uilleam Lamberton, Easbaig Chill Rìmhinn. An uair a chaidh am Brusach agus Coimin a-mach air a chèile, leig am Brusach dheth a bhith na neach-dìon. Ann an 1302 ghèill am Brusach do Eideard I agus thill e gu ‘sìth an Rìgh’. Phòs Am Brusach Ealasaid de Burgh.
Chaochail athair a' Bhrusaich ann an 1304. Bha a-nis tagradh cothromach aig a' Bhrusach. Air 10 Gearran, choinnich am Brusach ri Iain Coimin Bhàideanach ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Phris. Thòisich an t-sabaid; chaidh biodagan a tharraing; agus mharbh am Brusach An Coimin Ruadh aig an altair. Ghairm am Pàp gun robh am Brusach naomh-mhallaichte ach shaor Raibeart Uiseart, Easbaig Ghlaschu e bhon mhallachd sin agus rinn e planaichean airson am Brusach a chur gu sgiobalta air an rìgh-chathair. Air 27 Màrt 1306, chrùn Iseabail o Fiobha, Ban-iarla Bhuchain, am Brusach aig Sgàin. Cha robh ach beagan an làthair an uair a bha e, le cabhaig, air a shuidheachadh san dreuchd; ach bha Raibeart Brus a-nis na Righ nan Albannach.
Ann an sùilean Eideird I cha robh ann an Rìgh Raibeart ach reubaltach a dh’fheumte a chur fo na casan. Thug Eideard ionnsaigh sgiobalta, bhrùideil. Thug e buaidh air Brus aig Meadhanaidh. Chaidh a bhean, a nighean agus a pheathraichean a ghlacadh agus a chur dhan phrìosan ann an Sasainn. Chaidh a' Bhan-iarla Iseabail a ghlasadh ann an cèidse iarainn; agus chaidh bràithrean a’ Bhrusaich a chrochadh, an sgoltadh agus an di-cheannadh. Theich Brus bho fhearg Eideird agus chuir e geamhradh fada seachad fon choill air eileanan a' chladaich an iar agus ann an Èirinn.
Thòisich Brus air cogadh treubhail agus thug e slaic air a naimhdean. Thug na feachdan aige buaidh air feachd Eideird aig Gleann an t-Sruthail agus aig Cnoc Lughdain. Chaochail Eideard mu dheireadh thall anns an Iuchar 1307. Bha an uair sin mac ‘Longshanks’, Eideard II, mu choinneimh a' Bhrusaich.
Thug Brus ionnsaigh air a naimhdean Albannach. Sgrios e na daingnichean aig Coimin anns a' Ghleann Mhòr agus thug e ionnsaigh chruaidh air Buchan agus air ear-thuath na dùthcha. Thug na feachdan aige cuideachd sgrìob fhuilteach air Gall-Ghàidhealaibh agus anns an iar-dheas.
Fear bho fhear, thuit caistealan na h-Alba do Bhrus agus a luchd-taice. Bha Brus a' fàsachadh nan caisteal, a' stialladh sìos nam ballachan agus a' cur an dìon aca gu talamh, gus nach biodh iad gu feum sam bith do dh’arm naimhdeil Sasannach. Mar a bha na caistealan a' tuiteam, bha na h-uaislean a' gealltainn taic do Bhrus.
Ann an 1314 bha Brus a' coimhead arm Eideird II a' meàrrsadh gu Caisteal Shruighlea. Bha Eideard II air bliadhna fhaighinn airson faochadh a thoirt don fheachd Shasannach a bh' air an glacadh ann an Sruighlea no an caisteal a thoirt thairis. Choinnich na feachdan aig Blàr Allt a' Bhonnaich air 23 agus 24 Ògmhios 1314. Chaill na mìltean am beatha agus na h-Albannaich a' cur ruaig air arm Eideird. Bha an abhainn air a tachdadh le na mairbh nuair a theich Eideard II bho bhlàr a’chatha agus a thill e do Shasainn.
Cha b' e Allt a' Bhonnaich deireadh na strì do Bhrus ach b' e tionndadh cudromach a bh' ann. Thugadh seachad uaislean Sasannach a bh' air an glacadh airson a theaghlach fhaighinn air ais agus fhuair Rìgh Raibeart I inbhe eadar-nàiseanta. Ann an 1318 bhuannaich na h-Albannaich Bearaig, an daingneach mu dheireadh a bh' aig na Sasannaich ach bha Eideard II fhathast a' dleasadh uachdaranachd air Alba. An ceann dà bhliadhna chuir na h-Albannaich litir chun Phàip – Dearbhadh Obar Bhrothaig - mar phàirt den t-strì a bha a' sìor dhol air adhart, ann am briathran.
Ann an 1327 thug a Bhanrigh aige fhèin, Iseabail, an rìgh-chathair bho Eideard. Chaidh a mhort agus e na phrìosanach. Rinn na Sasannaich sìth ri na h-Albannaich agus leig iad seachad a bhith a' tagradh uachdaranachd orra. Thugadh An Ròd Dubh, leis an do dh’fhalbh Eideard I, air ais do na h-Albannaich. Bha e coltach ris gun robh Brus mu dheireadh air buaidh a chosnadh.
An dèidh na strì chaidh Raibeart, am Brusach a dh’fhuireach ann an Càrdainn Ros faisg air Dùn Bhreatann air Linne Chluaidh. Bha e a' fuireach gu sìtheil ann an taigh cofhurtail greadhnach gus an do chaochail e air 7 Ògmhios 1329. Dh’iarr e gun tugadh Seumas Dùghlas a chridhe leis ann an cogadh-creideimh. Chaidh corp a' Bhrusaich adhlacadh ann an Abaid Dhùin Phàrlain, ri taobh a mhnà, Ealasaid, fo thuam alabastair. Chaidh cridhe a' Bhrusaich a thìodhlacadh mu dheireadh ann an Abaid Maoil Rois.
Anns na 1370an sgrìobh am bàrd Iain Barbour mu Bhrus, an curaidh-rìgh, ann am pìos air a bheil ‘The Brus’.
Ionnsaich mu bheatha Raibeart Brus agus mar a thug e saorsa do dh’Alba.
Rannsaich cruinneachadh de nithean co-cheangailte ri Raibeart Brus, bho chriomagan de a thuaim gu a sheula rìoghail.
Leugh mu bheatha Raibeart Brus agus mar a thug a bhuaidhean cogail mun cuairt sìth ri na Sasannaich agus mar fhuair e aideachadh bhon Phàp mar Righ na h-Alba.
Ionnsaich tuilleadh mun rìgh-shliochd Bhrusaich tro a chraobh-teaghlaich.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’. Suidheachaidhean is beachdan mu mharbhadh Iain Comyn le Raibeart Brus.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’, a’ mìneachadh na bha a chur às an eaglais a’ ciallachadh do Raibeart Brus, ’s a’ bruidhinn mu Dhearbhadh Obar Bhrothaig.
Find us on