English
'S e taisealan a ghabhas a ghiùlan mun cuairt a th' ann an Taisealan Mhòine Muiseig, a chaidh a thogail airson cuimhneachan air Colum Cille a chur ann. Bha ùir Choluim Cille air a mheas naomh. A bharrachd air Taisealan Mhòine Muiseig, chaidh làmh Choluim Cille a chumail ann an taisealan a bh' air a dhèanamh de dh’òr agus de dh’airgead; ach chan eil sgeul air an-diugh.
Bhiodh Taisealan Mhòine Muiseig air a ghiùlan mun cuairt air bann leathair mu amhaich an duine aig an robh e. B' e ‘deoradh’ a chante ri fear-glèidhidh thaisealan agus sin prìomh-thùs an t-sloinnidh ‘Dewar’.
Thathas den bheachd gur e Taisealan Mhòine Muiseig am ‘Brechbennoch’ a ghiùlain arm Raibeairt Brus ann an 1314 aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Bha iad a' creidsinn gun dèanadh an Naomh eadar-ghuidhe ri Dia às leth nan Albannach oir bhathas an dùil gun robh buaidh nam blàr an urra ri Dia.
Uilleam an Leòmhann fearann agus am Brechbennoch do Mhanaich Obar Bhrothaig ro 1211 air chùmhnant gun giùlaineadh iad an taisealan aig àm blàir. Dhaingnich Rìgh Daibhidh II, mac Raibeairt Brus, an cùmhnant agus cuideachd uallach a' Bhrechbennoch gu Manach Naoimh Tòmas, Mairtireach Obar Bhrothaig.
Tha beul-aithris ag ràdh gun do dh’iarr Raibeart Brus air Aba Innis Aifrinn am ‘Mayne’ – taisealan airgid anns an robh cnàmh de ghàirdean an Naoimh Faolain - a thoirt gu Allt a’ Bhonnaich. Thug an t-Aba an cnàmh às an taisealan le eagal gun tuiteadh e ann an làmhan nan Sasannach. An oidhche ron bhlàr agus Brus air a ghlùinean ag ùrnaigh, chualas fuaim bhon taisealan agus gu mìorbhaileach thuit cnàmh gàirdean an Naoimh Faolain chun na talmhainn. Tha e air aithris gun do stèidhich Brus manachainn coisrigte don Naomh Faolain mar thaingealachd airson na buaidh.
'S e bogsa le cumadh coltach ri taigh beag a tha ann an Taisealan Mòine Muiseig. Rinneadh e de iubhar mu 750 AD. Tha taobhan agus cùl an taisealain còmhdaichte le umha agus a bheulaibh le airgead. Tha e air a sgeadachadh gu rìomhach, leis an t-seòrsa obair mheatailt a bhiodh aig na Cruithnich, le beathaichean agus geiltrigeadh dearg an lùib sin.
Tha an cruth aig Taisealan Mhòine Muiseig, coltach ri taigh, air leth coltach ri dealbh soillseach de Theampall Ierusaleim ann an Leabhar a' Cheannanais. Chan eil sgeul a-nis air ùir Choluim Chille a bha uaireigin anns an taisealan. Bidh e dualtach gun deach sin a sgrios aig àm an Ath-leasachaidh.
Tha Taisealan Mhòine Muiseig, ulaidh cho luachmhor agus a tha ann an Alba, ri fhaicinn ann an Tasglann na h-Alba ann an Dùn Èideann.
Leugh mu cho cudromach ’s a tha ‘Monymusk Reliquary’ agus na tha e ag innse dhuinn mu chràbhachd ann an Alba sa Cheathramh linn deug.
Tha am ‘Monymusk Reliquary’ air leth cudromach seach gun robhar ag ràdh gum buineadh e do Cholum Cille. Faic am faodadh seo a bhith leis an artaigeal seo le Daibhidh H Caldwell a leughadh.
Ionnsaich tuilleadh mun bhogsa-fuidheill agus a chumadh Cruithneach.
Find us on