English
Fad nam meadhan aoisean bha rèis mu innealan-cogaidh a' dol. Bhiodh gach taobh de chonnspaid a' strì airson innealan-cogaidh na b' fheàrr a chruthachadh agus airson dòighean dìona na b' èifeachdaiche a dhealbh. Aig a' cheann thall, cha robh feum sam bith ann an ridirean ann an armachd air blàr a' chatha oir chuireadh fear a bha ealanta le bogha-fada às dhaibh san dìollaid.
Bhiodh armachd leathair no lùireach mhàilleach air na saighdearan-coise, no seacaidean aodaich padaichte, ‘seacaichean’ (no ‘jacks’) mar a chante riutha. Bhiodh iad sin air an lìonadh le clòimh chaorach gus ‘armachd’ phadaichte a chruthachadh anns am biodh dìon air choreigin bho shaighdean agus bho chlaidheamhan. Bhiodh clogaidean air na saighdearan-coise gus an cinn a dhìon. Bhiodh a' chuid mhòr de shaighdearan-coise Albannach a' sabaid le sleaghan fada agus tuaghan geur.
Bha boghaichean gan leasachadh tro na meadhan aoisean le crois-bhogha agus bogha fada a' nochdadh air blàr a' chatha. Leigeadh boghadairean agus crois-bhoghadairean frasan de shaigheadan marbhtach ma sgaoil gu math sgiobalta bho astar mòr air falbh.
Bhiodh lùireach-mhàilleach air ridirean agus luchd-airm – an dara cuid am fear a bu daoire agus bu treise le màilleach sparragach no am fear a bu shaoire, màilleach fhàinneach. Bha seo a' toirt dìon mòr dhaibh ach bha e fhathast a' fàgail duine fosgailte do lannan geura sàthach agus do shaigheadan. Bhiodh armachd leacaideach air ridirean, agus làmhainnean, agus clogaidean, airson tuilleadh dìon; ‘clogaidean mòra’, no, an dèidh sin, clogaidean dhan t-seòrsa ‘bascinet’, air an robh cumadh mèis. Bha armachd air a dhèanamh do gach duine fa leth agus dh’fhaodadh e a bhith uabhasach daor.
Bhiodh rìdirean agus luchd-airm a' sabaid le sleaghan, tuaghan-cogaidh, ùird-cogaidh, claidheamhan aon-làimh agus biodagan.
Chì sinn ìomhaighean luchd-cogaidh bho na meadhan-aoisean snaidhte ann an cloich air leacan-uaighe air taobh siar na Gàidhealtachd agus cuideachd ìomhaighean de ridirean air tuaman. Bha iad sin gu tric air an snaidheadh gu math mionaideach oir chithear armachd, lùireach mhàilleach, clogaidean, sgiathan, agus eadhon na srapaichean leathair agus na bucaill a bhiodh a’ ceangal armachd leacaidich.
Find us on