Scotlands History

Iain Coimin, ‘An Coimin Ruadh’, Tighearna Bhàideanaich

B' e mac Iain Coimin (‘An Coimin Dubh’), a bh' air a bhith a' tagradh airson rìgh-chathair na h-Alba, a bh' anns a’ Choimin Ruadh. B' i Eleanor Balliol bu mhàthair dha; agus mar sin b' e an Rìgh Iain Balliol bràthair a mhàthar. Thaobh na Coiminich ri cuideachd Bhalliol agus thàinig iad gu bhith nan naimhdean do na Brusaich.

Phòs Iain Coimin bean-uasal Shasannach, Seonag de Valence. B' e bràthair màthar Rìgh Eideird I a bha na h-athair.

An uair a chaidh Alba an sàs anns a' chogadh bha athair Raibeairt Brus na chonastabal air Caisteal Charluel fo ùghdarras Eideird I. Thug An Coimin Dubh agus An Coimin, Iarla Bhuchain, ionnsaigh air Caisteal Charluel airson taic a shealltainn dhan Rìgh Albannach Balliol.

Bha An Coimin Ruadh am measg nan Albannach a ghlacadh aig Blàr Dhùin Barra ann an 1296. Chuireadh sa phrìosan e ann an Tùr Lunnainn. An dèidh aontachadh sabaid dha Eideard ann an Flannrais, theich An Coimin Ruadh agus sheòl e gu Alba. Tha e air aithris gun robh e air ceann na marcshluaigh aig Blàr na h-Eaglaise Brice. Bha fada na bu lugha de mharcshluagh aig na h-Albannaich na bh' aig na Sasannaich de ridirean agus de mharcshluagh armaichte. Thionndaidh iad agus mharcaich iad air falbh; agus dh’fhàg sin na saighdearan-coise Albannach gu bhith air an casgradh le arm Righ Eideird.

Rinneadh An Coimin Ruadh na neach-dìon air Alba còmhla ri Raibeart Brus an uair a leig Uilleam Ualas an dreuchd sin dheth agus an uair a chaochail Anndra Moireach.

Ann an 1299 bhris sabaid a-mach eadar Coimin agus Brus aig comhairle anns na Pùballan. Bha e air a ràdh gun do ghabh Coinin grèim air Brus air sgòrnan. Ro cheann na bliadhna, leig Brus dheth dreuchd neach-dìon.

Thàinig Iain Coimin gu bhith na Thighearna Bhàdeanaich an uair a chaoichail athair, An Coimin Dubh.

Anns a' Ghearran 1303, thug An Coimin Ruadh agus Sir Sìm Friseal buaidh air trì feachdan Sasannach an dèidh a chèile aig Blàr Roslain. Tha e air a ràdh gur dòcha gun robh Ualas a' sabaid sa bhlàr sin. Sgiùrs na h-Albannaich na ridirean Sasannach tarsainn taobhan cas Ghlinn Roslain agus gheàrr iad sìos na prìosanaich Shasannach a bh' aca an uair a nochd an dara feachd agus an uair sin an treas feachd. Ann an 1304, b' fheudar don Choimin Ruadh sìth a dhèanamh ri Eideard I.

Air 10 Gearran 1306, bha sabaid eadar Raibeart Brus agus An Coimin Ruadh aig an àrd-altair ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Phris. Chaidh Coimin a mharbhadh agus chaidh Brus air adhart gu bhith na rìgh.


  • Seula Luchd-dìona air Alba

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.