Scotlands History

Iseabail o Fiobha, Bhan-iarla Bhuchain

Bha Iseabail o Fiobha pòsta aig Iain Coimin, Iarla Bhuchain. Bha e mar chòir aig teaghlach Iseabail rìghrean na h-Alba a shuidheachadh nan dreuchd.

An uair a mhort Raibeart Brus, Iain An Coimin Ruadh - Tighearna Bhàideanaich, thionndaidh duine Iseabail an aghaidh a' Bhrusaich. Thug Iseabail dùbhlan dhan seo ge-tà, agus chuir i a cùl ris an duine aice. Dh’fhalbh i le cuid de a dhaoine agus eich agus mharcaich i gu Sgàin. Ann an sin choilean i an t-seirbheis a bha iomchaidh airson neach a chur air an rìgh-chathair; agus rinn sin Rìgh nan Albannach de Raibeart Brus.

Bha an dearg chuthach air Eideard I mu na rinn i. An uair a chaidh Iseabail o Fiobha a ghlacadh ann an 1306 còmhla ri bean agus teaghlach a' Bhrusaich, dh’òrdaich Eideard gum biodh i air a toirt gu Caisteal Bhearaig agus air a glasadh ann an cèidse iarainn. Chuireadh i an ath cheithir bliadhna seachad air a cuingealachadh sa chèidse air ballachan a' chaisteil. Seo mar a dh’òrdaich Eideard I:

Seach nach do bhuail i leis a’ chlaidheamh, cha chrìochnaich i leis a' chlaidheamh... biodh i air a dlùth-chuingealachadh ann an ionad cloiche agus iarainn... biodh i crochte ann an cèidse, fosgailte dhan aimsir, ann am Bearaig, airson a bhith na ball-sampaill agus na rabhadh bith-bhuan do luchd-siubhail.

Bha i a' faighinn biadh agus deoch bho bhoireannach a bha sa chaisteal agus bha e air a thoirmeasg dhi bruidhinn ri duine sam bith eile.

Thug Iseabail a bheatha às an dòrainn agus anns an Ògmhios 1310 chaidh a cur ann taigh-cràbhaidh, a bhuineadh do na Carmailich, ann am Bearaig. An ceann trì bliadhna ghabh càirdean a cèile, ann an Sasainn, seilbh oirre. Bha Eideard II, a bha a-nise mar Rìgh, a' faicinn Iseabail o Fiobha mar bhagradh.


  • na tha air fhàgail de caisteal Kildrummy

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.