English
An uair a chaochail Alasdair III agus Màiread, Maighdeann Nirribhidh, thàinig 13 uaislean air adhart agus iad a' dleasadh na rìgh-chathrach. Thàinig an dleastanas a bhith a’ taghadh rìgh ùr gu bhith air ainmeachadh mar ‘An t-Adhbhar Mòr’.
Bhathas den bheachd gun robh na tagraidhean bu treise aig triùir de na h-uaislean: Iain Balliol, Iain Hastings agus Raibeart de Brus 'Am Farpaiseach' (seanair Rìgh Raibeart, Am Brusach). Bha iad uile de shliochd nan nigheanan aig Daibhidh, Iarla Huntingdon, agus bha an sinnsireachd a' dol air ais gu Daibhidh I, Rìgh na h-Alba. Fhad 's a bha Raibeart de Brus agus Iain Balliol a' strì airson cumhachd, bha cogadh sìobhalta a sìor-bhagradh.
Cha b' urrainn do uaislean na h-Alba agus an Luchd-dìon co-dhùnadh cò bhiodh na rìgh. Thionndaidh iad gu Eideard I Rìgh Shasainn, gus na tagraidhean a bhreithneachadh. Chuir Eideard mun coinneamh gum feumadh na tagraichean uile gabhail ris-san mar uachdaran mus gabhadh e gnothach ri cùisean. Caran neo-thoileach, ghabh iad uile ri seo oir cha robh duine aca ag iarraidh a bhith air am fàgail a-mach às an rèis airson an rìgh-chathair a bhuannachd.
Cho-dhùin Eideard I gum b' e Iain Balliol bu chòir a bhith na Rìgh na h-Alba.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri breithneachadh Eìdeird I mun Adhbhar Mhòr.
An dealaich thu fìrinn bho fhionnsgeul? Rannsaich àitean, pàipearan agus nithean gus an dèan thu do chuairt fhèin tro Chogaidhean Albannach na Saorsa, spòrs freagarrach do gach aois.
’S iad Alba is Sasainn dà dhùthaich air an dealachadh len eachdraidh. Lorg mun t-strì fhada is ainneartach airson neo-eisimeileachd an Alba agus mu na prìomh dhaoine a bha an sàs le ceangalan bhidio agus teascsa bho BhBC Eachdraidh.
Às dèidh bàs na ‘Maighdinn’, cha robh oighre follaiseach ann airson crùn Alba. Leugh tuilleadh mu na tagraichean agus iad ag argamaid mun còirichean tagraidh le cead bho làrach-lìn ‘The British Monarchy’.
Find us on