English
Bha Uilleam Ualas a-nis air tighinn gu bhith na nàmhaid fhuathaichte dha Rìgh Eideard I. Chuir Eideard prìs air a cheann agus dh’òrdaich e na h-uaislean Albannach iad Ualas a thoirt suas dha.
Ann an 1299 dh’fhàg Ualas Alba agus sheòl e dhan Fhraing air turas dioplòmasach gu Rìgh na Frainge, ‘Philip the Fair’. Bha Alba feumach air càirdean agus dh’iarr Ualas air Philip urram a thoirt dhan chùmhnant a bh' aige ri na h-Albannaich. Thug Philip litir-aithneachaidh do Ualas chun Phàip Boniface VII. Bha Eideard I air Iain Balliol a thoirt thairis dhan Phàp. Bha Ualas an dòchas Rìgh na h-Alba fhaicinn fhaicinn san rìgh-chathair ach cha tachradh sin. Leig am Pàp Balliol ma sgaoil do rìgh na Frainge ach cha do thill e a-riamh a dh’Alba.
Sheòl Ualas air ais a dh’Alba agus thathas den bheachd gun robh e còmhla ri Sir Iain Coimin agus Sir Sìm Friseal an uair a thug iad buaidh air trì armailtean Sasannach ann an aon latha aig Blàr Roslain air 24 Gearran 1303.
Air 30 Lùnastal chaidh Ualas a ghlacadh aig Robroyston, tuath air Glaschu. B' e Sir Iain Teàdhaich a ghlac e, bràthair màthar Sir Iain Stiùbhart a chaill a bheatha aig Blàr na h-Eaglaise Brice. Bha Eideard air Teàdhaich a dhèanamh na shiorraidh air Dùn Breatann. Bho Chaisteal Dhùn Bhreatainn thugadh Ualas mar phrìosanach deas gu Carluel agus fad na slighe à sin gu Lunnainn rinneadh cùis-mhagaidh dheth agus e ceangailte, a làimh agus a chois.
Air 23 Lùnastal 1305 nochd Ualas aig cùirt ann an Talla Westminster. Chaidh liosta de gach olc a bh' air a chur às a leth a leughadh a-mach; nam measg bha mort agus fealltachd. Chaidh Ualas às àicheadh gun robh e ciontach de fhealltachd leis nach robh e a-riamh air bòidean ùmhlachd a thoirt do Eideard. Bha a' bhinn agus am peanas air an suidheachadh mus do thòisich a' chùis-lagha. Bha Ualas a' dol a dh’fhaighinn bàs neach-brathaidh; bhiodh e air a chrochadh, a mhionach air a sgoltadh, agus a chorp air a spòltadh.
Chaidh Uilleam Ualas a cheangal ri clèith fhiodha. Chaidh a tharraing tro na sràidean gu Elms aig Achadh Mhic a' Ghobhainn. An sin chaidh a chrochadh air croich ach chaidh a ghearradh sìos agus e fhathast beò. Chaidh a mhionach a sgoltadh mus do ghearradh a cheann dheth agus chaidh a chorp a ghearradh na bhloighean.
Chaidh ceathramh de chorp Ualais a chur gu Bearaig, An Caisteal Nuadh, Sruighlea agus Peairt airson toradh na fealltachd a dhèanamh follaiseach. Chuireadh ceann Ualais air spìc os cionn Drochaid Lunnainn. Bha Eideard an dùil gun cuireadh am bàs nàir seo crìoch air a' chùis – gun deigheadh Ualas air dìochuimhne. 'S e bha ceàrr. Dh’aithris sluagh cumanta na h-Alba na sgeulachdan mu Ualas. Dh’innis iad iad dhan cloinn agus do chlainn an cloinne.
Mu dheireadh thall, mu 1470, sgrìobh bàrd air an robh Haraidh Dall an sgeulachd aig Uilleam Ualas.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Flores Historarium – ‘The Flowers of History’ – mu Uilleam Ualas.
Lorg an t-Ualas aig ‘Haraidh Dall’, a bhrosnaich dealbh Hollywood den charactar eachdraidheil ann am ‘Braveheart’. Faigh a-mach mu ‘Haraidh Dall’ maille ri geàrr-chunntasan chaibideilean den euchd-dhàn.
Ann an 1305 chaidh Ualas a bhrath agus chuir na Sasannaich an grèim e. Leugh an cunntas co-aimsireil seo mu a ‘dheuchainn’ ’s mun bhinn ann an Lunnainn air beulaibh Cùirt Shasannach às leth an Rìgh, ’s gun Ualas a-riamh air gabhail ri ùghdarras.
Criomag bhidio bho ‘BBC Learning Zone’, anns a bheilear a’ bruidhinn mu ghlacadh ’s mu bhàs Ualais.
Find us on