Scotlands History

Ealasaid de Burgh agus Marsaili Bhrus

Ann an 1302 phòs Ealasaid de Burgh Raibeart Brus, Iarla Charraig, aig Writtle, faisg air Chelmsford ann an Essex. Bha Brus na bhanntraich agus bha nighean òg aige. Bha e pòsta an toiseach aig Iseabail o Mhàrr, a chaochail ann an 1296 goirid an dèidh pàiste nighinn, Marsaili Bhrus, a bhith aice.

Bha Raibeart air a shuidheachadh mar Rìgh nan Albannach aig Sgàin air 27 Màrt 1306. Tha e air aithris gun tuirt Ealasaid bhon uair sin, ‘Mo chreach, chan eil annainn ach rìgh agus banrìgh na Màighe,’ a' ciallachadh nach robh iad ach mar cluicheadairean ann an cleasachd na Màighe.

Ann an Sasainn bha ainm eadar-dhealaichte aca air Brus; b' e sin ‘Rìgh Hobbe’ – an t-amadan. Chuir Eideard I feachd gu tuath a shireadh A' Bhrusaich. An dèidh ruaig a dhol air aig Meadhanaidh, thog Brus air chun iar gu na beanntan. Chuir e Ealasaid, Marsaili, a pheathraichean Cairstiona agus Màir Bhrus, agus a' Bhan-iarla Iseabail gu Caisteal Chinn Droma sa cheann a tuath, far am faodadh a bhràthair, Niall, an dìon.

Cha b' fhada gus am b' fheudar do na mnathan rìoghail teiche. Chaidh sèist a chur ri Ceann Droma agus chaidh Niall, bràthair a' Bhrusaich a ghlacadh. Chaidh a thoirt gu Bearaig airson a chrochadh, air a sgoltadh agus air a dhi-cheannadh. Is dòcha gur ann a' dèanamh air Arcaibh a bha na mnathan rìoghail ach cha d’fhuair iad ach cho fada ri comraich Dhubhthaich ann am Baile Dhubhthaich air taobh sear Rois. Chaidh an glacadh an sin le Uilleam, Iarla Rois, a bha na neach-taic de Bhalliol; agus thug esan iad do luchd-taice Eideird I.

Chaidh a' Bhan-Iarla Iseabail o Fiobha a chumail na prìosanach sa chèidse iarainn aig Caisteal Bhearaig. Chaidh Màiri Bhrus, an tè a b' òige de pheathraichean Raibeirt, a ghlasadh ann an cèidse iarainn aig Caisteal Rosbroig. Cha robh i ach 24 bliadhna a dh’aois. Chuir Màiri seachad an ath cheithir bliadhna glaiste agus air a maslachadh. Chaidh barrachd bàigh a shealltainn dha Cairstiona Bhrus, a piuthar bu shine; fhuair ise prìosan ann an taigh-cràbhaidh Gilbertine ann an Siorrachd Lincolm. Chaidh Sir Crìsdean Seton, an duine aig Cairstiona a chrochadh, a sgoltadh agus a dhi-cheannadh aig Dùn Phris.

Bha Ealasaid de Burgh, bean a' Bhrusaich, air a cumail na prìosanach ann an Sasainn. Thathas den bheachd gun deach dèiligeadh rithese na b' fheàrr ri linn gun robh a h-athair, Riseart de Burgh, Iarla Ulaidh, na dhlùth charaid do Eideard I. Chuir Ealasaid an ath ochd bhliadhna seachad na prìosanach ann am Burstwick, Bisham Manor, Caisteal Windsor, Abaid Shaftesbury, Abaid Bharking agus Caisteal Rochester.

Cha robh Marsaili Bhrus, nighean Raibeairt, ach 12 bliadhna a dh’aois an uair a chaidh a glacadh ann am Baile Dhutbhthaich. An toiseach cho-dhùin Rìgh Eideard gum biodh i air a glasadh ann an cèidse iarainn a bhiodh air a chrochadh ann am fianais an t-sluaigh bho bhallachan Tùr Lunnainn. Ach dh’atharraich e inntinn agus chaidh a cumail ann an taigh-cràbhaidh Gilbertine ann an Siorrachd Iorc.

An dèidh Blàr Allt a’ Bhonnaich b' urrainn Brus suaip a dhèanamh air uaislean Sasannach airson a theaghlaich. Phòs Màiri Bhrus dà uair bhon uair sin agus bha mac aice air an robh Iain. Phòs Cairstìona Bhrus Sir Anndra Moireach, a bha an dèidh sin na neach-dìon air Alba. Bhon uair sin, bha Cairstìona air ceann na dìon a rinneadh air Caisteal Chinn Droma; bha i 62 bliadhna a dh’aois aig an àm agus bha i beò gus an robh i aois 84.

Fhuair Ealasaid de Burgh agus Raibeart Brus còmhla a-rithist agus ri tìde bha ceathrar de theaghlach aca – Matilda, Màiread, Iain agus Daibhidh. B' e an Daibhidh sin Daibhidh II, Rìgh nan Albannach. Chaochail Ealasaid air 27 Dàmhair 1327 agus chaidh a h-adhlacadh ann an Abaid Dhùn Phàrlain.

Thill Marsaili Bhrus a dh’Alba agus phòs i Sir Ualtar Stiùbhart. Thuit i bho each agus i trom agus chaochail i agus i a' toirt leanabh mic dhan t-saoghal. Chaidh Marsaili adhlacadh ann an Abaid Phàislig. Bhiodh a mac fhathast na Rìgh nan Albannach, Raibeart III.


 
  • Ealasaid de Burgh agus Raibeart Brus

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.