English
Thathas tric ag aithris mu Eideard II gur e truaghan de dhuine lag a bh' ann – rìgh beag-feuma aig nach robh tàlantan athar. Tha ginealaichean de eachdraichean air càineadh a dhèanamh air.
Rugadh Eideard II ann an Caisteal Charnarbhoin sa Chuimrigh air 25 Giblean 1284. Fear an dèidh fir, chaochail a bhràithrean - Iain, Eanraig agus Alfonso; agus thàinig Eideard II gu bhith na oighre air an rìgh-chathair. Chaochail a mhàthair, Ealasaid à Castile, an uair nach robh e ach còig bliadhna a dh’aois.
Thug eachrdaichean an aire gun dh’fhàs Eideard II 'na dhuine eireachdail, le neart sònraichte'; 'fear de na daoine as treise san rìoghachd'. Bha athair air a thrèanadh ann an sgilean a' chogaidh, ga thoirt leis air iomairtean an aghaidh nan Albannach. Bha Eideard II an sàs sa chiad iomairt aige aig aois 16 agus chunnacas gun robh e na neach-cogaidh treun.
An uair a chaochail athair, Eideard ‘Longshanks’, thàinig Eideard II a-steach air a chuid cogaidhean agus air na fiachan mòra a bh' air. Cha mhòr fad a bheatha bha Eideard air a bhith a' coimhead athair an sàs ann an cogadh. Eu-coltach ris, b' e duine le ùidh ann an cultar a bh' ann an Eideard II agus chruinnich e luchd-ciùil timcheall air agus bu chaomh leis rudan mar seòladh, goibhneachd, tughadh, dannsa agus dealbh-chluichean.
Rinn Eideard II pòsadh òrdaichte le Isabella na Frainge. Bha ceathrar chloinne aca – Eideard, Iain, Eleanor agus Seonag. Thug e cuideachd spèis mhòr agus cumhachd do fheadhainn mar Piers Gaveston. Dh’fhàs na barain Shasannach gu math diombach mun bhàidh a bha e a' nochdadh dha Gaveston. Mu dheireadh chruinnich iad arm an aghaidh an rìgh agus thug iad mun cuairt gun deach Gaveston a mhort.
Leis a' chòmhraig a bha a' dol eadar Eideard II agus a chuid uaislean fhuair Raibeart Brus caistealan air feadh na h-Alba air ais agus bha e gam fàsachadh gus nach biodh iad gu feum do naimhdean. Mu dheireadh, ann an 1314, dh’fheuch na h-uaislean Sasannach agus an rìgh ri am buairidhean a chur a leth-taobh agus mheàrrs iad gu tuath a shabaid ri na h-Albannach.
Bha na feachdan aig Brus air an deagh thrèanadh agus deiseil airson sabaid. Bha na h-uaislean aig Eideard II ceannairceach agus bha e follaiseach gun robh iad naimhdeil dha chèile. Aig Blàr Allt a' Bhonnaich chuir na h-Albannaich ruaig air an arm roinnte aig Eideard. Bha e air aithris aig an àm gun Eideard II a' sabaid mar leòghann airson na feachdan aige a shàbhaladh aig Allt a' Bhonnaich ach b' e call maslach dhan rìgh Shasannach a bh' ann.
Mu dheireadh thall, chaidh bean Eideird, Isabella na Frainge, air ceann airm an aghaidh an rìgh. Ghlac Isabella agus a leannan Eideard II agus b' fheudar dha an rìgh-chathair a leigeil dheth da mhac, Eideard III, a bha 14 bliadhna aig an àm. Air 21 Sultain 1329, chaochail Eideard II. Tha e dualtach gur e luchd-gleidhidh a' phrìosain anns an robh e aig Caisteal Bherkeley a mhort e. Chaidh a chorp spìosraichte a thoirt gu Abaid an Naoimh Peadair air cairt-adhlaic a bh' air a tarraing le sia eich dhubha agus bha ridearan còmhdaichte ann an dubh an cois a' ghiùlain. Chaidh còmhdach a bha sgeadaichte le liopard òr a chur air corp an rìgh. Chithear a thuam fhathast ann an cathair-eaglais Ghloucester.
Phòs an nighean aige, Seonag an Tùir, Daibhidh II, mac le Raibeart Brus, anns an Iuchar 1328, a rèir teirmichean Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton.
Faigh a-mach tuilleadh mu Eideard II bhon tachartas seo far a bheil Dr Starkey a’ sealltainn ri linn san robh triùir Eideardan a’ riaghladh – athair, mac agus ogha.
Cuir rian air fìrinn is ficsean tro stòrasan, chlàir-ùine is dhealbhan sna duilleagan seo mun Rìgh aithliseach.
Leugh mu Eideard II, rìgh glè neo-ionmhainn, a chaill a chrùn ’s a bheatha air sgàth gòraich is caraidean.
Find us on