English
Bha Eideard a' riaghladh ann an Sasainn bho 1272 gu 1307. Mar rìgh, bha e cumhachdach agus soirbheachail; agus bha e na cheannard airm sgileil agus na churaidh treun. Seach gun robh e cho àrd, b' e ‘Longshanks’ (‘Casan Fada’) am farainm a bh' air.
Ghabh Eideard pàirt san naoidheamh cogadh-creideimh. Thug e a bheatha à ionnsaigh a chaidh a thoirt air. Chaidh a shàthadh le biodaig phuinnseanta ach thilg e dheth am mortair. Chaidh bean a ghaoil, Eleanor, còmhla ris dhan Dùthaich Naomh ach chaochail i goirid an dèidh dhaibh tilleadh a Shasainn.
Cheannsaich Eideard A’ Chuimrigh agus rinn e pàirt de Shasainn dheth ann an 1284. Bha e a' creidsinn gun robh còir aige a bhith air aideachadh mar uachdaran na h-Alba. An dèidh bàs Alasdair III the thionndaidh uaislean na h-Alba gu Eideard gus an toireadh e breith air an tagraichean airson na rìgh-chathrach. Cho-dhùin esan gum b’ ann aig Iain Balliol a bha an tagradh a bu treise.
An uair a stèidhich Alba càirdeas ris an Fhraing agus a thug iad ionnsaigh air Carluel, chuir Eideard arm gu tuath. Rinn Eideard eisimpleir de shluagh Bhearaig. Chuir Eideard sèist ris a' bhaile, chreach e Bearaig agus chuir e an sluagh gu bàs. Chaidh mu 8000 duine a mhort; faisg air a h-uile duine a bha sa bhaile.
Air 27 Giblean, fo stiùireadh Iain de Warenne, Iarla Shurrey, choinnich an t-arm Sasannach ri na h-Albannaich aig Dùn Barra agus thug iad buaidh orra. Chaidh falbh leis na h-uaislean Albannach gu prìosanan ann an Sasainn. Bha Iain Balliol air irioslachadh gu mòr le Eideard; thugadh a dhreuchd mar rìgh bhuaithe agus chaidh a chumail mar phrìosanach ann an Tùr Lunnainn. Thugadh an t-ainm ‘Toom Tabard’ – ‘còta falamh’ – air Balliol. B' fheudar do 2000 de dh’uaislean na h-Alba agus de chlèirich ùmhlachd a bhòideachadh do Eideard agus an ainmean a chur ris an ‘Ragman Roll’.
Bha Eideard I air Alba a ghlacadh. Bha pàrlamaid Shasannach air a suidheachadh ann am Bearaig airson Alba a riaghladh agus cìsean a thogail. Bha caistealan air feadh na h-Alba ann an làmh nam feachdan Sasannach. Ann an 1296 bha geamhradh gruamach air thoiseach air na h-Albannaich agus iad fo riaghladh Eideird.
Ri tìde, 's e ‘Òrd nan Albannach’ an t-ainm a bhiodh air Eideard ‘Longshanks’.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èist ri Cùmhnant Bhirgham.
Ionnsaich tuilleadh mun Rìgh Eideard I a bha glòir-mhiannach agus spreigearra – ‘Fear-bualaidh nan Albannach’. Rannsaich a bheatha, a bhlàir, a charaidean ’s a naimhdean le BBC eadar-oibre. Seall ri criomagan bhidio, faic dealbhan agus leugh artaigeal mionaideach a’ clàradh a riaghladh maslach.
Lorg mu Eideard I, a’ chiad rìgh Sasannach airson 200 bliadhna le ainm Anglach-Sagsannach. Leugh mu dheighinn agus lorg làraich-lìn, leabhraichean ’s àitean feumail airson tadhal le ‘Channel 4 Monarchy’.
B’ e laoch inntleachdail, fìor dhroch-nàdarrach a bh’ anns an Rìgh Eideard I. Rannsaich mar a dh’atharraich e slighe eachdraidh na h-Alba leis an artaigeal mhionaideach seo bho ‘The British Monarchy’.
Find us on