Scotlands History

Dearbhadh Obar Bhrothaig

Aig an aon àm ri blàir agus dòrtadh-fala Cogaidhean na Saorsa bha strì dhioplòmasach a' dol air adhart – cogadh le facail beòil. Bha Raibeart Brus agus Rìgh Eideard II le chèile a' còmhstri airson taic a' Phàip.

Bha am Pàp na neach cumhachdach anns na meadhan aoisean. Chaidh Brus a naomh-mhallachadh ri linn gun do mhort e An Coimin air fearann naomh ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Phris. Bha am Pàp air cùl a chur ri Brus. Ann an 1318 chaidh Brus, na fo-cheannardan aige agus na h-easbaigean aige uile a naomh-mhallachadh.

B' e freagairt a' Bhrusaich dhan seo trì litrichean a chur chun a' Phàip. Bha a' chiad tè bho Raibeart, an dara tè bho chlèirich na h-Alba, agus an treas tè bho uaislean na h-Alba. Fhuair an treas tè an t-ainm Dearbhadh Obar Bhrothaig agus tha i ann chun latha an-diugh.

...tha sinn air ar cur saor... le ar prionnsa dìcheallach, ar Rìgh agus ar tighearna, an tighearna Raibeart... An dèidh sin, nan leigeadh e seachad an nì a thòisich e, agus nam feuchadh e ris gun tugadh sinn fhìn no ar rìoghachd ùmhlachd do Rìgh Shasainn no na Sasannaich, sheasadh sinn an àirde sa bhad airson a sgiùrsadh a-mach mar ar nàmhaid... agus dhèanamaid fear air choreigin eile a bhiodh comasach air ar dìon na Rìgh oirnn.

Aig Abaid Obar Bhrothaig chuir ochd iarlan Albannach, agus 38 de bharain, an seula ris an Dearbhadh.

Chaidh na litrichean, sgrìobhte ann an Laideann agus leis a' cheann-latha 6 Giblean 1320, a ghiùlan chun a' Phàip. Cha robh a' bheag de bhuaidh aca aig an àm. Chaidh an naomh-mhallachadh a chur a thaobh car ùine ach chaidh a dhaingneachadh a-rithist; ach tro na linntean tha barrachd suim air a thoirt do Dhearbhadh Obar Bhrothaig.

Air eadar-theangachadh, tha Dearbhadh Obar Bhrothaig air a thighinn gu bhith na ghairm brosnachail.

...cho fada agus a bhios ceud duine againn beò, cha ghèill sinn gu bràth do uachdaranachd nan Sasannach. Tha e fìor nach ann airson glòir, saidhbhreas no urram a tha sinn a' sabaid, ach airson saorsa a-mhàin, rud nach leig duine onorach sam bith seachad ach le a bheatha.

Tha cuid de eachdraichean a' creidsinn gum faodadh gun tug Dearbhadh Obar Bhrothaig buaidh air ciad athraichean Ameireaga agus air Dearbhadh Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte.

Tha Dearbhadh Obar Bhrothaig an-diugh na ulaidh nàiseanta – is dòcha gur e an clàr eachdraidheil as ainmeile a tha ann an cùram Tasglann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.


  • Dearbhadh Obar Bhrothaig

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.