English
Bha Eideard I na rìgh cho foghainteach ri rìgh a bha a-riamh ann an Sasainn. Aig aois 68, agus e air a shlighe gu tuath a dhèiligeadh aon uair eile ris na h-Albannaich aimhreiteach, dh’fhàs e tinn. Chaochail e aig Borgh na Gainmhich ann an Cumberland air 7 Iuchar 1307.
An uair a chaochail a' bhanrigh ghràdhaichte aig Eideard, Eleanor o Chastile le fiabhras, ann an 1290, dh’òrdaich Eideard sreath de chroisean cloiche air an snaidheadh gu sgiamhach a bhith air a thogail airson an t-slighe air an deach a corp a thoirt bho Lincoln gu Abaid Westminster a chomharrachadh. Tha Charing Cross air ainmeachadh air aon de ‘Chroisean Eleanor’.
Bha Eideard na athair do 17 duine cloinne, nam measg an t-oighre na rìgh-chathrach, Eideard II, agus bha e pòsta dà uair. Cha robh cus creideimh aige ann an comas a mhic a thaobh na h-Albannaich a cheannsachadh agus mar sin cho-dhùin e gun deigheadh e fhèin air ceann an airm an aghaidh a' Bhrusaich. Air an t-slighe chun na crìch ri Alba, dh’fhàs Eideard bochd le tinneas cuim.
Tha e air aithris gun dh’iarr Eideard agus e ri uchd bàis gum biodh a chridhe air a thoirt dhan Fhearann Naomh agus gum biodh fheòil air a goil bho a chorp gus an deigheadh a chnàmhan air ceann an airm Shasannaich an aghaidh nan Albannach. Cha deach iarrtas seach iarrtas a choileanadh.
Chaidh corp Eideird adhlacadh ann an culaidhean rìoghail purpaidh ann an Abaid Westminster. Tha an sgrìobhadh Laideann air an tuam aige ag ràdh, ‘Edwardus Primus Scottorum Malleus hic est, 1308. Pactum Serva’ – ‘Seo Eideard I, Òrd nan Albannach, 1308. Cumaibh an Creideamh.’
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Èistibh ri Jean Froissart ag innse mu bhàs Rìgh Shasainn, Eideard I.
Mar chuimhneachan air a bhean ‘Eleanor of Castile’, thog Eideard croisean air feadh Bhreatainn do ‘Bhanrigh air a bheil Deagh Chuimhne’. Ionnsaich mu an togail agus mum brìgh an seo.
Faic dealbhan den chuimhneachan a chaidh a thogail do Eideard I air Faiche Sholway a’ comharrachadh ionad a bhàis ann an 1307.
Faigh a-mach tuilleadh mun àite-tàimh dheireannach aig Eideard is Eleanor aig Abaid Westminsteir agus faic dealbhan de na tuaimean san deach an tiodhlaiceadh.
Find us on