Scotlands History

Bàs Alasdair III

Bha Alasdair III a' riaghladh na h-Alba bho 1249 gu 1286. B' e àm sìtheil, soirbheachail a bha seo: bha barrachd fearainn ga àiteach; bha manachainnean agus abaidean a' sgaoileadh gu mòr. Tro mhalairt le tìr-mòr na Roinn Eòrpa bha bathair feumail a' tighinn a-steach agus a' cur taic ris an eaconamaidh. Bha an rìgh rèidh ri Sasainn.

Chuir Alasdair ruaig air rìgh Lochlainn aig Cath na Leargaidh Ghallta ann an 1263 agus chuir sin Na h-Eileanan Siar ri a sheilbh.

Nuair a chaochail a' chiad bhean a bh' aig Alasdair agus an aon mhac a bh' aca, chuir an rìgh roimhe pòsadh a-rithist. Aon oidhche stoirmeil dh’fhalbh e air muin eich a thadhal air Yolande, an tè a bha e air ùr-phòsadh.

...cha chuireadh droch aimsir no coiteachadh a chuid uaislean bacadh air, ach rinn e dian chabhag air an rathad gu Aiseag na Banrigh, gus tadhal air a’ bhean òg, Yoleta, nighean le Comte de Dru, a bha e air a thoirt bho thall thairis goirid ron sin; rud air an robh ceannach aige; agus rud a bha na chall maireannach dhan rìoghachd air fad.

Eachdraidh Lanercost

Aig Cinneòrn ann am Fiobha, thuit Alasdair bhon each. Fhuaireadh marbh e an ath mhadainn. Mar sin cha robh oighre air rìgh-chathair na h-Alba ach Màiread, Maighdeann Nirribhidh nach robh ach trì bliadhna a dh’aois.

Bha Alasdair III marbh; agus bha Alba gun rìgh.


  • Seula Alasdair III

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.