English
Bha caistealan uabhasach cudthromach ann an Cogaidhean na Saorsa. Fhad 's a bha Eideard I a' gabhail chaistealan na h-Alba agus a' dèanamh ghearastain dhiubh airson uachdaranachd fhèin a dhaingneachadh bha Raibeart Brus gam fàsachadh gus nach biodh iad gu feum do chreachadairean.
Bha luchd-dìon agus luchd-ionnsaigh an sàs ann an rèis armachd. Bha caistealan a' fàs na bu mhotha agus na bu treise agus bha an dìon aca na bu shoifiostaiceach mar a bha einnseanan sèiste a' fàs na bu chumhachdaiche agus mar a bha armailtean a' cleachdadh stuthan spreadhaidh ann an sabaid-shèist.
Ann an 1300 thug Eideard I ionnsaigh air Gall-Ghàidhealaibh agus chuir e sèist ri Caisteal Chille Bhlàthain. Thugadh einnseanan sèiste bho Loch Mhabain agus bho chaistealan cho fad' às ri Deadard agus Rosbrog. Dh’fheuch 60 Albannach fo stiùireadh Iarla Mhacais ris a' chaisteal a chumail an aghaidh arm Eideird anns an robh 87 ridire agus còrr air 3000 neach. An uair a bhris Eideard I mu dheireadh tro dhìon a' chaisteil chaidh cuid den luchd-dìon Albannach a chrochadh bho na barrabhallachan.
Tha iomradh againn air an t-sèist bho fhear a bha san arm aig Eideard:
Bha Cille Bhlàthain na chaisteal cho làidir agus nach robh eagal air ro shèist sam bith mus tàinig an Rìgh an sin, oir cha leigeadh e gu bràth a leas gèilleadh ma bha gu leòr aca ri àm feuma de dhaoine, agus de einnseanan agus de stòras...
...Thug e ionnsaigh cho cruaidh air geata a' chaisteil agus nach tug gobha a-riamh buille le òrd air iarann cho làidir ris. Air a shon sin, bha iad air am frasadh le cnapan cloiche agus saigheadan, gu ìre gun robh a leithid a leòintean agus a bhruthaidhean orra agus gur ann le duilgheadas mòr a fhuair iad air teiche.
Le Siege de Karlavreock - The Siege of Caerlaverock – Sèist Chille Bhlàthain, c. 1300 c.1300
Ann an 1304 chuir Eideard sèist ri Caisteal Shruighlea, a bha cho cudromach thar chàich. Bha coltas air an daingneach seo nach cuireadh càil tulg ann ach thug Eideard a h-uile armachd a b' ùire a bh' aige chun t-sèist.
Bha Eideard air inneal-tilgidh, no ‘trebuchet’, a thogail; rud a thilgeadh brùidean de chlachan air ballachan a' chaisteil. Thathas den bheachd gur e siud an ‘trebuchet’ a bu mhotha a thogadh a-riamh. Bha clachan agus bàlaichean luaidhe a' frasadh air na h-Albannaich a bh' air an cuingealachadh a-staigh; agus còmhla ri sin bhathas a' losgadh orra le innealan-spreadhaidh agus fùdar-ghunna.
Dh’òrdaich Eideard pronnasg agus creag-shalainn – na stuthan a nì fùdar-ghunna – a thoirt à Sasainn chun t-sèist: ‘Tha sinn ag òrdachadh dhuibh gun toir sibh le cabhaig gu baile Iorc luchd eich de shnàth cotain, luchd de phronnasg luath, agus luchd eile de chreig-shalainn.’
Chosg ‘teine a thilgeil dhan chaisteal’ 47 tastain agus 6 sgillinn. Chosg am pronnasg 9 tastain.
Ann an 1314 choinnich na h-Albannaich fo stiùireadh Raibeart am Brusach ri arm Eideard II aig Allt a' Bhonnaich. Fad bliadhna bha na h-Albannaich air sèist a chumail ris a' ghearastan a bha a' cumail Caisteal Shruighlea. An uair a chaill Eideard II am blàr, shaor Philip Mowbray an caisteal.
Ionnsaich mun armachd annasach a bhathar a’ cleachdadh san 13mh agus sa 14mh linn le ‘English HeritageTV’.
Tha a’ chlais-uisge, an taigh-geata le dà thùr agus uchdan-bhalla mòra a’ ciallachadh gu bheil Caisteal Cathair-beinn-thorraiche na dheagh eisimpleir de dhaingneach meadhan-aoiseil. Lorg a thaisbeanadh cogadh-sèiste, a phàirc-tachartais agus a lorg-nàdair leis an stiùireadh luchd-tadhail seo bho ‘Historic Scotland’.
Tha caistealan inntinneach do chloinn agus tha eadhon làraich a’ beothachadh na h-eachdraidh. Lorg tron stòras teagaisg seo bho ‘Historic Scotland’ agus dèan sgrùdadh air caistealan a chaidh a thogail eadar na 12mh-16mh linntean.
Find us on