English
An uair a bha Brus ri uchd a' bhàis ann an 1329, dh’iarr e air Sir Seumas Dùbhghlas a chridhe a thoirt air cogadh-creideimh an aghaidh naimhdean Chrìosd. Ghiùlain Dùbhghlas cridhe a' Bhrusaich dhan bhlàr an aghaidh nam Mùrach anns an Spàinn mus deach a thilleadh do dh’Alba agus chaidh a thìodhlacadh air a' cheann thall ann an Abaid Mhaoil Rois.
An uair a chaochail Brus chaidh a chridhe a ghearradh às a chorp agus a spìosrachadh. Chaidh a shuidheachadh ann an bogsa airgid. Thug Dùbhghlas fearann do Abaid a' Bhlàir Ùir gus am biodh aifreann air a sheinn a h-uile bliadhna don Naoimh Brìde agus gum biodh 13 de dhaoine bochda air am beathachadh airson gun dèanadh an naomh eadar-ghuidhe ri Dia airson anam neo-bhàsmhor.
Sheòl Sir Seumas Dùbhghlas agus grunnan de ridirean Albannach à Alba. Aig Sluys ann an Flannrais chuir iad 12 latha seachad air bòrd shoithichean a' toirt aoigheachd do luchd-tadhail. Tha e air aithris ‘gun do ghiùlain Dùbhghlas e fhèin gu greadhnach, le gall-drumaichean agus trombaidean, mar gum b' e Rìgh na h-Alba.’ Bha na bàtaichean Albannach luchdaichte le soithichean airgid agus stòpan de gach seòrsa; agus fhuair an fheadhainn a thadhail orra ‘cuirm le dà sheòrsa fìon agus dà sheòrsa spìosraidh’.
Thog na h-Albannaich na siùil, len aghaidh chun an iar. Thàinig iad gu tìr san Spàinn agus tha clach ann an Santander a’ cuimhneachadh a' churaidh ‘El Duglas’. Thaobh Dùbhghlas agus na h-Albannaich ri Rìgh Chastile, Alfonso XI , anns a' chogadh san robh e an sàs an aghaidh Sultan Ghranada, Muhammed IV.
Ann an Castile, chuir e iongnadh air ridire Sasannach cho slàn agus a bha aodann Dhùbhghlais. Bha dùil aige gum biodh an curaidh ainmeil làn de làraich nam blàr, mar a bha e fhèin. Fhreagair Dùbhghlas, ‘Moladh do Dhia, bha an còmhnaidh mo làmhan agam airson mo cheann a dhìon.’
Air 25 Lùnastal 1330 mharcaich Dùbhghlas agus na ridirean Albannach ri taobh nan Castilianach an aghaidh feachdan nam Mùrach air a' chòmhnard sìos bho Chaisteal nan Reul aig Teba. Bhrùchd na h-Albannaich air adhart dhan bhlàr. Nam measg bha Seumas Dùbhghlas, Sìm Lockhart o Lee, Uilleam Càidh, Raibeart Lògan o Restalrig agus Ualtar Lògan, Uilleam Borthwick, Coinneach Moir, Uilleam St Clair o Roslain agus Iain St Clair. Leig na Mùraich orra a bhith a' dèanamh ratreut agus thug na h-Albannaich às an tòir orra – a' fàgail nan Castilianach nan dèidh.
An uair a thionndaidh Dùbhghlas air ais, chunnaic e gun robh Sir Uilleam St Clair air a chuartachadh. Thug Dùbhghlas ionnsaigh gus St Clair a chuideachadh ach chaidh e fhèin a chuartachadh. Thug e dheth am bogsa airgid a bha mu amhaich, anns an robh cridhe a' Bhrusaich, agus thilg e e a theis-mheadhan a' bhlàir, ag èigheachd, ‘Theirig a-nis romhainn, mar bu dual dhut, agus leanaidh mi thu no gheibh mi bàs.’
Chaochail Dùbhghlas agus na ridirean Albannach aig Teba. Fhuaireadh corp Sheumais ri taobh a' bhogsa airgid. Chuir Muhammed IV cuirp nan Albannach gu Rìgh Alfonso le geàrd urraim. Fhuair na h-Albannaich Sir Uilleam Càidh agus Sir Sìm Lockhart às le am beatha agus gheàrr iad cridheachan an càirdean às an cuirp agus bhruich iad na cuirp ann am poit. Thug iad cnàmhan agus cridheachan nan ridirean air ais a dh’Alba.
Chaidh ùir Shir Uilleam St Clair a thìodhlacadh aig Roslain. Tha cnàmhan agus cridhe spìosraichte Shir Seumas Dùbhghlas air an tìodhlaiceadh ann an Eaglais an Naoimh Brìde ann an Dùbhghlas. Chaidh cridhe Raibeairt Brus a thìodhlacadh aig Abaid Mhaoil Rois.
Chaidh suaicheantas nan Dùbhghlasach atharrachadh agus bho na 1330an tha cridhe ri fhaicinn air.
Anns na 1990an rinn sgioba bho Alba Eachdraidheil rannsachadh air bogsa luaidhe le cridhe spìosraichte na bhroinn a fhuaireadh ann an Abaid Mhaoil Rois. Tha clach-cuimhneachaidh leis na facail ‘Chan fhaigh cridhe uasal fois ma chaillear saorsa’ a' comharradh na làraich far an deach an cridhe a thìodhlacadh a-rithist.
Sa phacaid seo do thidsearan tha fiosrachadh mu thursan sgoiltean, molaidhean mu ghnìomhan agus planaichean leasain mun Abaid anns a bheil cridhe Raibeart Brus air a thiodhlaiceadh.
Rannsaich Eaglais an Naoimh Brìde anns a bheil trì cuimhneachain fo bhrat sa chòisir do na Dùbhghlasaich agus tuaim ‘Good Sir James’ a thug an cridhe aig Brus leis air cogadh-croise.
Find us on