English
Air 10 Gearran choinnich Raibeart Brus agus Iain Coimin, Tighearna Bhàideanaich, aig Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Phris. Cha robh meas mòr sam bith aca air a chèile. B' e Brus a bh' air iarraidh gun coinnicheadh iad agus dh’fhàg an dithis an claidheamhan air taobh a-muigh na h-eaglais mus deach iad a-steach.
Thòisich an t-sabaid aig an àrd-altair agus shàth Brus An Coimin Ruadh.
An uair a thug Brus ceum a-mach às an eaglais agus a dh’innis e do chuideachd fhèin mar a thachair, thuirt Roger de Kirkpatrick, ‘You doubt. Ise mac siccar.’ (‘Nì mise cinnteach.’) Choisich Kirkpatrick a-steach don eaglais airson a bhith cinnteach gun robh An Coimin Ruadh marbh. Chaidh bràthair màthar Choimin a mharbhadh le Sir Crìsdean Seton, neach-taice do Bhrus.
Tha e do-dhèanta fios cinnteach a bhith aig duine dè dha-rìribh a thachair ann an Eaglais nam Manach Liath an latha ud. Chan eil aonta am measg luchd-sgrìobhaidh eachdraidh mun chùis agus fad cheudan de bhliadhnaichean tha eachdraichean air a bhith ag argamaid mu na thachair, agus a' ceasnachadh carson a thachair e. An robh plana aig Brus Coimin a mhort agus an rìgh-chathair a ghabhail? An do tharraing An Coimin Ruadh a bhiodag fhèin an toiseach?
Thuirt litir bhon chùirt Shasannach chun Phàip gun ‘dh’èirich Brus an aghaidh Rìgh Eideird mar neach-brathaidh, agus gun do mhort e Sir Iain Coimin, Tighearna Bhàideanaich, aig an àrd-altair ann an eaglais nam Manach Liath ann am baile Dhùn Phris seach nach aontaicheadh Iain ris an fheall a bha Brus ag ullachadh... a dhol a chogadh a-rithist... agus esan a bhith na rìgh air Alba.’
An deach an Comyn Ruadh a mhurt? An deach a ro-bheachdachadh le Brus? Lorg dà thaobh a’ ghnothaich an seo.
Find us on