English
Tha an sgeulachd mu Bhrus agus an damhan-allaidh ainmeil air feadh an t-saoghail.
Tràth na riaghladh tha e air aithris gun robh na Sasannaich air ruaig a chur air Brus agus air fhuadach fon choill. Bha e na fhògarrach agus daoine an tòir air. Ghabh e fasgadh ann an uaimh bhig dhuirch agus shuidh e a' coimhead damhan-allaidh beag a' feuchainn ri lìon a shnìomh.
Uair is uair, thuiteadh an damhan-allaidh agus dhìreadh e an uair sin suas gu slaodach agus dh’fheuchadh e a-rithist.
Mura soirbhich leat a' chiad turas – feuch is feuch a-rithist.
Mu dheireadh thall, agus Brus ga choimhead, fhuair an damhan-allaidh air toirt air snàithlean sìoda glaodhadh ri balla na h-uaimhe agus thòisich e a' fighe an lìn. Bha Raibeart Brus air a mhisneachadh leis an damhan-allaidh agus chaidh e air adhart gus ruaig a chur air na Sasannaich aig Blàr Allt a’ Bhonnaich.
Chaidh an sgeulachd seo mar a chluinnear i an-diugh fhoillseachadh an toiseach le Sir Ualtar Scott ann an ‘Tales of a Grandfather’ ann an 1828, còrr is 500 bliadhna an dèidh Blàr Allt a' Bhonnaich. Thathas den bheachd gur dòcha gun do dh’atharraich Scott sgeulachd a bh' air a h-aithris mu Sir Seumas Dùbhghlas.
Tha uaimhean air feadh na h-Alba agus na h-Èireann air an ainmeachadh mar an uaimh san robh Brus agus an damhan-allaidh: Uaimh an Rìgh aig Rubha Mhara ann an Arainn; Uaimh Rìgh Raibeairt Brus ann an Cille Phàdraig Fleming faisg air Locarbaidh; Uaimh a' Bhrusaich – Uaimh an Rìgh, ann an Gleann Bhoth Chuidir; Uaimh a' Bhrusaich air Eilean Rathlin.
Find us on