Scotlands History

Sir Seumas ‘Dubh’ Dùbhghlas

B' e charaid dhìleas do Raibeart Brus a bh' anns an Dùbhghlasach Dubh, no Sir Seumas Math Dùbhghlais. Thàinig e gu bhith na ridire sgileil, eòlach sa bhlàr, ainmeil airson cho misneachail agus cho garg agus a bha e.

Rugadh Seumas Dùbhghlasach ann an 1286. Chaidh Seumas òg a chur a Pharis airson sàbhailteachd. B' e fear-taic do Ualas a bha na athair, Sir Uilleam ‘Cruadalach’ Dùbhghlas a chaochail na phrìosanach ann an Tùr Lunnainn an uair a bha a mhac dusan bliadhna a dh’aois. Ghlac Eideard fearann an Dùbhghlasaich agus thug e e do Raibeart Clifford. Thàinig Seumas Dùbhghlas gu bhith na neach-cuideachaidh do Uilleam Lamberton, Easbaig Chill Rìmhinn. An uair a thug Lamberton Dùbhghlas gu cùirt Shasainn ann an 1306 gus tagradh airson a chòir-bhreith a thilleadh thuige, ghabh Eideard I fearg agus b' fheudar do Dhùbhghlas tilleadh a dh'Alba gun càil airson a thurais.

Choinnich Dùbhghlas, a bha 20 bliadhna a dh’aois, ri Raibeart Brus air an rathad faisg air A' Mhagh Fhada. Bha Brus air An Coimin Ruadh a mharbhadh agus bha e air a shlighe a ghabhail na rìgh-chathrach. Thairg Dùbhghlas sabaid air taobh a' Bhrusaich. Chaidh iad an sàs ann an cogadh treubhail an aghaidh feachdan Eideird agus an naimhdean Albannach fhèin cuideachd.

Ann an 1307 bha Dùbhghlas a' creachadh nam feachdan Sasannach ann an Dail Dhùbhghlais. Thug e ionnsaigh a tha iomraiteach air a' ghearastan Shasannach a bh' anns a' chaisteal a bhuineadh dhan teaghlach aige fhèin. Le cuideachadh bho thuathanach ionadail, chaidh Dùbhghlas agus an fheachd aige air falach gu Didòmhnaich Pailme. Dh’fhalbh a' chuid mhòr de na saighdearan Sasannach airson a dhol gu aifreann anns an eaglais a bha faisg air làimh. Thug na h-Albannaich ionnsaigh agus iad a' glaodhaich ‘Dùbhghlas! Dùbhghlas!’ Chaidh na saighdearan Sasannach a thug am beatha às a shlaodadh air ais do sheilear a' chaisteil. Dh’òrdaich Dùbhghlas an di-cheannadh. Chaidh an cinn fhàgail air mullach tiùrr de bharaillean briste anns an robh fìon agus biadh air a bhith. Chuireadh teine ris an tiùrr iargalta agus fhad 's a bha an caisteal na smàl dh’iarr Dùbhghlas na tobraichean a shailleadh agus a phuinnseachadh le cuirp nan each marbh. Thugadh ‘Seòmar-feòla Dhùbhghlais’ air a' chasgairt seo.

Le feachd bheag còmhla ris, ghlac Dùbhghlas Caisteal Rosbroig ann an 1314. Dh’èalaidh iad suas chun a' chaisteil ann an dorchadas na h-oidhche agus shreap iad na ballachan le àraidhean-ròpa air dubhain. An uair a chaidh an caisteal a ghlacadh, chaidh fhàsachadh cuideachd gus nach biodh e gu feum tuilleadh do fheachdan Eideird.

Bha Seumas Dùbhghlas a' sabaid còmhla ri Raibeairt Brus aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Rinn Brus ‘ridire brataich’ dheth madainn 24 Ògmhios. B' e sin ridire a dh’fhaodadh a dhol air ceann feachd ann am blàr fo a bhratach fhèin. An dèidh Allt a' Bhonnaich thug Dùbhghlas ionnsaigh fhuilteach tarsainn air a' crìch Shasannaich, a' losgadh bhailtean agus bhàrr, agus e na chùis-eagail don t-sluagh mun cuairt. Tha e air aithris gum biodh màthraichean ann an ceann a tuath Shasainn a' seinn seo dhan cloiinn:

Hush ye, hush ye, little pet ye,
Hush ye, hush ye, do not fret ye,
The Black Douglas shall not get ye.

Dha na Sasannaich, b' e ‘Dùbhghlas Dubh’ a bh' ann - bodach oillteil. Dha na h-Albannaich, b' e Sir Seumas Math Dùbhghlas a bh' ann - tighearna mòr, fear de na fo-cheannardan a b' earbsaiche a bh' aig Brus.

An uair a bha Brus ri uchd bàis ann an 1329 dh’iarr e air Dùbhghlas a chridhe a thoirt leis ann an cogadh-creideimh. Thug Seumas Dùbhghlas agus beagan de ridirean Albannach an cridhe aig Brus dhan Spàinn, far an d' fhuair Dùbhghlas bàs ri sabaid nam Mùrach aig Teba. Chaidh a chnàmhan agus a chridhe a thilleadh a dh’Alba agus an adhlacadh aig Eaglais an Naoimh Brìde, aig Dùbhghlas ann an Siorrachd Lannraig.


  • Uaigh Sir Seumas Dùbhghlas
  • Tuam Sir Seumas Dùbhghlas

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.