English
B' e nighean le Tòmas Randolph, Iarla Mhoireibh, a bha na dhlùth-charaid do Raibeart Brus, a bh' ann an Agnes, Ban-iarla Dhùin Barra. Ann an 1337, an uair a bha an duine aice a' sabaid mu thuath, chuir ‘Agnes Dhubh’ dìon air a dachaigh, Caisteal Dhùin Barra, an aghaidh sèist Sasannach.
Bha an t-ainm Agnes Dhubh oirre seach gun robh a craiceann dorch agus a falt dubh. Ghabh i fearg mhòr an uair a chuir Iarla Shalisbury sèist ri a dachaigh agus dhiùlt i gèilleadh.
Fad mhìosan sheas Agnes, agus beagan de shearbhantan agus feachd bheag, an aghaidh nam feachdan Sasannach. Thàinig an t-iarla Sasannach le einnseanan sèiste cumhachdach a rinn màlaich air ballachan a' chaisteil. Choisich Agnes agus na mnathan a bha còmhla rithe air na barrabhallachan agus, len neapraigean geala, ghlan iad an stùr bho na ballachan far an deach am bualadh.
Sheas Agnes air ballachan a' chaisteil agus thug i blasad searbh de a teanga gheur dha na feachdan Sasannach.
An uair a thug Iarla Shalisbury crann-bruthaidh ris an cante ‘muc’ chun a' chaisteil, dh’iarr Agnes ulpa, a bha an luchd-ionnsaigh fhèin air fheuchainn air na ballachan, a leagail air an inneal-cogaidh; agus sgrios sin e.
Bha Iain Randolph, Iarla Mhoireibh, bràthair Agnes, na phrìosanach aig na Sasannaich. Chuir iad ròpa mu amhaich agus mhaoidh iad a chrochadh. Gus an car a thoirt àsta, thuirt Agnes riutha gabhail romhpa, agus gum biodh ise na h-oighre air Iarlachd Mhoireibh. Dh’atharraich na Sasannaich an inntinn agus ghlèidh Randolph a bheatha.
Mu dheireadh thall thug an t-iarla Sasannach thairis agus leig e seachad an t-sèist. Thàinig Agnes Dhubh gu bhith na bana-churaidh ann an sùilean dhaoine. Tha na facail anns an duanaig seo mar gun tigeadh iad bho bheul Iarla Shalisbury:
She kept a stir in tower and trench,
That brawling, boisterous Scottish wench,
Came I early, came I late,
I found Agnes at the gate.
Seall ri lethbhreac tùsail de ‘The History of Haddington’ agus leugh a’ chaibideil mu Shèist Mhòr Caisteal Dhùn Bhàir agus Agnes ghaisgeil.
Faic dealbhan de làrach Caisteal Dhùn Bhàir, a chaidh a dhìon gu dealasach le ‘Agnes Dhubh’.
Find us on